Skip to main content

‹‹‹ prev (45) Earrann 4, Am Faoilteach, 1944Earrann 4, Am Faoilteach, 1944

(47) next ››› Page 39Page 39

(46) Page 38 -
38
AN GAIDHEAL.
Am Faoilteach, 1944.
a chasan a thional comhla ris agus antiodhlacadh
an ciste-laighe ghrinn le mor urram an cladh
Abaid an Naomh Roid an Dun-eideann. Bha
so sa’ bbliadhna 1661. Tha cuid ag cumail
a mach gun do cbuir a mhac, am Marcus 6g
cridbe athar sa’ chiste an uair sin. Ach eadar
gun chuir no nacb do chuir chaidh a’ cheis
chruadhacb agus am bucus oir air chall agus
cha chualas iomradh orra gus ceud gu leth
bliadhna an deidh sin.
Tbachair do ’n choigeamb Morair Napier—
iar-ogha na mnatha uasail a rinn a cheis
stailinn air son cridhe a caraid caomh fhein
agus a companaich—thachair dha a bhith air
chuairt san Olaind, agus thainig e thairis air
an t-seanachas mu dheidhinn cridhe Mhontrois,
agus air a’ cheis stailinn agus am bucus oir,
ri fear a mhuinntir an aite sin. De ach is ann
a thuirt am fear so gum b’ aithne dha-san fear
an sud aig an robh an dearbh cheis agus bhocsa
oir—fear a bhiodh a’ tional rudan neonach
is annasach. Is e thainig as a’ sin gun do
cheannaich Napier iad, agus thug e dhachaidh
leis iad.
Nuair a bha Napier so air leabaidh a
bhais thug e iad do a nighean, ag guidhe
oirre i bhith curamach umpa agus an gleidheadh
san teaghlach. Phos ise fear Somhairle Johnston
as a’ Charn Shallach. Fhuir esan dreuchd fo ’n
chrim arms na h-Innsean a Sear agus sheol e
fhein agus a bhean an sin. Thug ise leatha am
bocsa oir agus a cheis chruadhach ’na bhroinn.
Air an taisdeal cuain thainig iad trasd air
luingeas cogaidh Frangaich agus ma thainig
thoisich iad a losgadh air an t-soithich anns an
robh na Johnstonaich. Sheas an soitheach
Bhreatannach gu duineil ’nan aghaidh agus
thoisich i a’ losgadh air ais. Leum Johnston,
chun aon de na gunnaidhean-mora a bha oirre
agus cha bu rud le a bhean ach seasamh ri a
thaobh. Bha am bocsa dir agus na bha ’na
bhroinn, agus nithean beaga eile a bha ise a
meas luachmhor, aice ann am maileid
mheleabhaid ’na laimh. Thainig bloigh peileir
gunna moir agus bhuail e air a mhaileid agus
chaidh am bocsa dir ’na bhloighdean. Ach
bha an cheis stailinn slan. Bho dheireadh
chuir iad an teicheadh air an t-soithich
Fhrangaich, agus rainig iad ri uine na h-Innsean.
Lorg ise dr-cheard sna h-Innsean a rinn
bocsa dir ur dhi cho coltach ’s a ghabhadh e
bhith ris an fhear a bhriseadh, agus nach robh
ceum air dheireadh air an grinneas. Rinn e so
le cdmhnadh bloighean an fhir eile agus le a
sedladh fhein. Thug i air cuideachd e soitheach
cruinn airgid a dheanamh a bhiodh mar
chdmhdach dhaibh. Bha so aice air bord beag
leis fhein san t-sedmar suidhe aca ’na dachaidh
am Madura. Ach is ann a thdisich na
h-Innseanaich a’ smaoineachadh gur e a bh’
ann rud anns an robh buidseachd, agus bho
dheireadh ghoid iad e. Bha ise-ann an staid
thruaigh ag iarradh ’s a’ sireadh an t-soithich
airgid agus na bha ’na bhroinn. Ach a dh’
aindeoin ciod a dheanadh i cha robh iomradh
ri fhaotainn air an t-soitheach luachmhor.
* * *
Chaidh bliadhna is bliadhna seachad ; ach
bho dheireadh bha an gille bu shine a bha aig
na Johnstonaich a muigh a’ sealg maille ri
Innseanach, Ard Uachdaran an aite, agus e ’na
ghille mu fhichead bliadhna dh’ aois. Thainig
an luchd-seilg air tore fiadhaich a thionndaidh
' air an Uachdaran gu h-obann. A reir coltais bha
e air an Uachdaran a mharbhadh mura b’ e gaisge
agus ealantachd an fhir oig a mharbh an tore
le sleagh a bha ’na laimh. Bha an t-Uachdaran
cho taingeil agus gun dubhairt e ris gun
tugadh e dha nl sam bith a dh’ iarradh e air.
A nis bha an gille air aithisg a chluinntinn gun
robh an soitheach airgid leis a’ bhocsa oir agus
a’ cheis stailinn aig an dearbh fhear so. Thuirt
an gille mar sin ris, nan robh an soitheach so a
bhuineadh d’ a mhathair aige gum biodh e ’na
chomain nan tugadh e dhi e air ais. Thuirt
an duine uasal gun robh an soitheach aige-san
ceart gu leor. Gun do cheannaich e e gun dad
a dh’ fhios aige gur h-ann air a ghoid a bha e ;
agus nan robh fhios aige gur h-ann bho a
mhathair-san a bha e air a ghoid nach robh e
air a cheannach idir. “ Is airidh ” ars esan,
“gaisgeach air a iarratas a thoirt dha; agus is
leatsa an soitheach airgid agus na tha ’na
bhroinn.”
Bha a’ Bhean-uasal Johnston fior thoilichte,
agus bha so gu maith curamach aice gus an
do thill i-fhein agus a companach as na h-Innsean
sa’ bhliadhna 1792. Bha iad air an t-slighe
dhachaidh troimh an Fhraing nuair a thainig
ordugh a mach bho Riaghaltas na Frainge nach
fhaodte or no airgiod no nl air a dheanmh de dh’
or no de dh’ airgiod a thoirt a mach as an
Fhraing. Bha iadsan air Boulogne a ruigsinn,
agus cha robh air ach an soitheach, mar a bha e,
a thoirt an gleidhteanas mnatha Sasannaich a bha
an sin—te Bean Knowles—gus an rachadh an
cogadh seachad. Cha do thachair sin gus an
deachaidh an teicheadh air Bonaparte aig
Waterloo sa’ bhliadhna 1815. Rinn na
Johnstonaich sireadh gu leor an uair sin air son
an t-soithich airgid agus ceis cridhe Mhontrois.
Ach bha a’ Bhean Knowles air basachadh agus
cha robh fhios aig duine ciod a dh’ eirich do ’n
cheis agus na bha ’ga comhdach. Co aige ’eil
fhios nach tog i ceann fhathast. Co aige ’eil