Skip to main content

‹‹‹ prev (115) Page 111Page 111

(117) next ››› Page 113Page 113

(116) Page 112 -
112
TURUS AN UGHDAIÌU
XLVII.
Ach 's an àm ud bha an sealladh,
'N a theagasg ro-shoilleir dhomh fein,
Air Eaglais Dhè" air an talamh,
'N a turus gu cala nan nèamh.
XLVIII.
Oirr'-san tha tuiltean a' bùaladh,
'S na tonnan 'g a luasgadh gu garbh
'S tha iad aig uairibh a' bagairt
A sguabadh gu h-obann air falbh.
XLIX.
Ach aon diubh sud cha 'n fhaigh buaidh oirr',
'S cha ghluais iad chaoidh as a h-àit ;
Chuireadh gu daingean a suas i,
Air buan-charraig chinnteach nan àl.
L.
Seadh, tha a bunait air carraig ;
Is carraig tha domhain 's a' chuan ;
Eadhon am Buaidhibh na Diadhachd,
'S an rùintibh tha dìomhair is buan !
LI.
Is cha 'n 'eil cunnart tha 'n dàn di,
No sàruchadh gheibh i 'n a cùrs',
Air nach faigh thairis gu slàn i ;
Oir 's e Fear-a-graidh th' air ar stiùir.
LII.
'S am feadh, mar so, bha mo smuaintean,
Air 'n aitreabh o shuas 'gabhail tàimh,
Feuch' sud ri brollach na tìr' sinn,
Is ar bàt' 'g a sìneadh air tràigh.
Lin.
Ach 's gann a chuireadh mo chos leam,
No sheas mi air sgeiribh na tràigh',
'N tra chitheadh tu 'n sluagh ud 'n an teas ruith,
(Jun lasachadh, 'tigheachd a' m' dhàil :

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence