Skip to main content

‹‹‹ prev (110)

(112) next ›››

(111)
107
*S iomadh duine a bha aingidh,
Lan ardan a's gamhlas a's mi-run,
Rinn mi gheilleadh 's a cheannsach',
'S dh'f has iad iriosal, gradhach, a's ciuin
'S iomadh duine a bha fiadhaich,
'S a cuir an aghaidh na diadh'achd gu chul,
Dha 'n d'fheuch mise am Fear-saoruidh,
'S thug iad geill da, a's gaol agus cliu.
'S iomadh fear-aidich' a's Pharasach,
Bha daonnan 'g an ardachadh fein ;
Dha 'n d'fheuch mi truaill'eachd an naduir,
Gus am fac iad an grainealachd fein,
Gus an d'eigh iad a bhraithrean,
Am bheil doigh ann air tearnadh dhuinn f^^in,
*S an uair a dh'fheuch mi dhaibli Slanaighear
Thug iad urram a's gradh dha, a's geill.
'S an dream thug gradh do lehobhah,
*S mi bu sholus 's bu lochran d'an ceum ;
'S e mo statain bu cheol dhaibh,
Anns gach cas a toirt solas dhaibh fein ;
Ni mi an stiuireadh 's an treorach',
Gus an ruig iad an gloir, 's nach hi feum
Air grian, no coinneal, no lochran,
'S cha dorch' an la le neoil feadh gach re.
GEARAN NAN GAEL.
'San t-seann seanachas, bha Gaeil ainmeil
Am measg dhaoine b'ainmig an leithid ann,
Le gaisg a's cruadal, a's creach air uairibh,
'S bha am full co uabhrach toirt b'laidh dhaibh
ann,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence