Skip to main content

‹‹‹ prev (92)

(94) next ›››

(93)
MÀC SHIR-EOBHAN. i Ì)
'Rigli ! gu-m faic iad thu 'gluasad,
'An cèill, 'an gliocas, 's an cruadal,
Mùirneach, macanta, uasal,
Aig a' bhail' agns uaithe.
Do chinn-tbaighe mu d' ghuaiUean;
MàÌ 'g a thogail o thuath leat, [làn-aois,
'S ann leinn gur fad gus am buannaichd thu 'n
'S ann, &c.
Sid an sgèul 'bhiodh leinn cridheil,
Mar gu-n èight' thu 'd Sbir-Iain —
Mar bu dual 's mar bu dligheach.
Bidh toiseach slàinte gach dibh ort
Anns gach cruinneachadh-fine,
Le sulas àrd ri do tbighin —
Dia 'chur buaidh ort gu suidhe 'n ad làraich.
Dia 'chur, &c.
Bu dùchas athar 'us seanar,
Dhut, a rùiu gbil, 'bhi 'fanachd
Ann an Achadh-na-Carra —
An taigh fial 'am bi 'chairim,
Talla stuadbach nam flaitbin,
Gheibhte' fìon ann gun cheannach,
As na pìosaichean geala —
'S inneil-chiùil a' cur farum fo chlàraidb.
'S'inneil, <fec.
'S àrd an drèam 'as 'na ghluais tbu,
Euchdach, toirteil, làn cruadail ;
" Troidh air adhart" àn dualchus,
Anns gach cath agus fuathas.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence