Skip to main content

‹‹‹ prev (36)

(38) next ›››

(37)
AN T-EILEANACH. 21
Gheibh mi uait faoighrean 'n am fàgail na feile
'S gu 'n teid mi 'n am leum 'dh' obair-cheire Mhic Leoid
leat.*
'N uair ràinig mi 'n liichairt 'sann ami bha na diùlnaich,
Le clogaid 'us lùireach 'us cuirneachadh òir orr'.
Gaisgich bha ainmeil fo Ian an cuid arm ann,
'S cha bu cliaomb learn an coinneachainn 's an an moch
's a mhòintich.
Bha bodach beag peallach 'n a shuidhe air cathair,
'S ann thuirt e gu cabach, 's e 'g amharc am chòir-sa :
" Give us a penny and try the Galvanic"
"0, dean," arsa Calum, "'s e math air an lonaidh."
Rug mi air shinnean air, chionn mi bhi socharach,
Chaidh mi 'n a dhos, 's cha b'e 'm fortan a sheòl mi,
Shaoil mi gu 'n d' fhuair mi Mac-mollachd air adhaircean?
Fhearaibh 's a dhaoine 's i 'ghaoir ud a leon mi.
Bha m'uilt 's iad ga m' fàsgadh 's mo chnàmhan 'gan sniomh
'S gu'n shaoil mi gu 'r prineachan 'lingich mo bhrogan,
Cha chreidinn-sa buileacli o dhuine gu bràth,
Nach robh miltean de shnàthadan 'sàs ann am fheoil-sa-
'N uair fhuair mi a sas leis an stàirn a bha 'm chlaigionn.
Mi 'm leum leis an staighear, 's cha 'n fhanainn ri m'
sheoladh,
Na 'm faighinn-sa dhachaidh le comhnadh an fhortain,
Ni cuid-eigin " eòlas a' chronachaidh " dhòmhsa.
* A well- known wax- work in Glasgow.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence