Ciste na Banrigh air Alba fhàgail

  • Air fhoillseachadh
Sluagh mòr aig Cathair-eaglais Naoimh GilesTùs an deilbh, Reuters
Fo-thiotal an deilbh,

Chunnaic na mìltean dhaoine ciste-laighe na Banrigh aig Cathair-eaglais Naoimh Giles ann an Dùn Èideann.

Tha ciste-laighe na Banrigh air Alba fhàgail agus air a dhol a Lunnainn air plèana à Port-adhair Dhùn Èideann.

Bha a' chiste aig Cathair-Eaglais an Naoimh Giles ann an Dùn Èideann agus, airson 24 uairean de thìde, fhuair am mòr-shluagh cothrom a faicinn.

Chaidh 33,000 duine seachad oirre.

Bidh a' chiste an toiseach aig Lùchairt Bhuckingham ann an Lunnainn agus bidh i a' laighe gu poblach an uair sin airson ceithir là aig Talla Westminster.

'S ann Diluain seo tighinn a bhios tìodhlacadh stàite na Banrigh ann.