Main content
Sorry, this episode is not currently available

Geamadh – An Ath Ire/Gaming – The Next Level

Episode 5 of 10

Am pàirt a th’ aig Alba ann an gnìomhachas nan geamannan. Scotland’s part in the games industry.

Tha MJ Deans aig a bheil ùidh mhòr ann a bhith a’ cluich geamannan a’ toirt sùil air consoilean bho na 70an suas chun an là an-diugh agus tha i a’ coimhead air dè am pàirt a th’ aig Alba ann an gnìomhachas nan geamannan. Bho Pong gu Pacman, tha MJ a’ toirt sùil air ais air cuid de na geamannan a b’ fheàrr a bha timcheall.

Tha sinn a’ coinneachadh ri Pòl Diùc, athair de cheathrar chloinne, aig a bheil ùidh mhòr ann an geamannan e fhèin, is esan a’ cuimhneachadh an uair a fhuair e a’ chiad chonsoil aige. Tha e cuideachd a’ cur dùbhlan ron dithis chloinne as sine aon de na seann gheamannan a b’ fheàrr leis fheuchainn gus coimeas a dhèanamh eadar sin agus na geamannan a bhios iad fhèin a’ cluich an-diugh.

Tha MJ a’ coinneachadh ri Stiùiriche Lìonra Geamannan na h-Alba, Brian Baglow, gus ionnsachadh mu càite an do thòisich gnìomhachas nan geamannan ann an Alba agus mu mar a thòisich e ag obair air aon de na geamannan as motha ann an saoghal geamadh, Grand Theft Auto.

Leis gur e Oilthigh Obar Thatha an t-àite as fheàrr anns an Roinn Eòrpa airson ceuman a dhèanamh ann an geamannan bhidio, tha sinn a’ tadhal air Kayleigh NicLeòid gus faighinn a-mach mu beò-dhealbhadh charactaran ’s tha MJ ag ionnsachadh nach eil e cho furasta ’s a tha e a’ coimhead.

Dè tha a’ tachairt ann an stiùideo gheamannan? Tha MJ a’ faighinn a-mach is i a’ coinneachadh ri cuid a tha ag obair aig stiùideo Hyper Luminal ann an Dùn Dè, far a bheil i a’ gabhail cuairt is ag ionnsachadh mun gheama as ùire aca, Pine Hearts, agus a’ còmhradh ris an Stiùiriche Cruthachail, Rob Madden, mu dè thug orra an geama a chruthachadh.

Tha barrachd ri geamannan bhidio na bhith dìreach gan cluich. Tha na ceudan ag obair anns a’ ghnìomhachas ann an sgrìobhadh, beò-dhealbhadh charactaran, agus fiù ’s le bhith a’ cluich geamannan gu proifeiseanta. Tha Iain MacDhòmhnaill aig a bheil teisteanas airson a bhith na Innleadair Structarail, ag innse mun dhreuchd aige mar aithrisiche proifeiseanta air Rocket League is e a’ siubhal air feadh an t-saoghail aig an aon àm. Dè an geama as fheàrr leibh pèin?

Avid gamer MJ Deans takes a tour of consoles from the 70s to the present day and looks at how Scotland plays a part in the games industry. From Pong to Pacman, MJ revisits some of the old classics.

We meet father of four and keen gamer, Paul Duke, who reminisces about when he got his first console and challenges his two eldest children to try one of his old favourites comparing it to the games they are playing today.

MJ meets Director of the Scottish Games Network, Brian Baglow, to find out where the games industry began in Scotland and how he came to be working on one of the biggest games to hit the gaming world, Grand Theft Auto.

With Abertay ranked the best place in Europe to study degrees in video games, we visit lecturer Kayleigh Macleod to find out what is involved in character animation, with MJ realising it’s a lot harder than it looks.

What goes on inside a games studio? MJ finds out as she meets those working at Dundee-based studio, Hyper Luminal, where she takes a tour and gets the chance to see their upcoming game, Pine Hearts, and talks to Creative Director, Rob Madden, about the inspiration behind it.

There is more to video games than simply playing them, with hundreds working in the industry in writing, character animation and even playing games professionally.

59 minutes

Broadcasts