12.07.2015 Views

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

J. C. VICKERY

SHOW MORE
SHOW LESS

You also want an ePaper? Increase the reach of your titles

YUMPU automatically turns print PDFs into web optimized ePapers that Google loves.

A'PHRIS SE SGILLINN.PRICE SIXPENCE NET.LEABHAR III. AN T-EARRACH, xgu. AIREAMHJ. C. <strong>VICKERY</strong>179,181,183 Regent St., LONDON, W.Ceard Usgraichean agus airgid do'nCharaid Rioghail.AIG<strong>VICKERY</strong>THAUAIREADAIREANAGU8USGRAICHEAN-BRAGHAID.Air. o 2988.^PH Uaireadair air a dheiltreadh leairgead agus enamel de'n Ullamh isfibhinne de ghorm, de chorcnr agusde ghlas; maille ri slabhraidh braghaidfreagarrach dha.Anabarrach saor air £2 12s 6d•


Fiorghlan !Fiorghlan!Sar-fhiorghlan !., Cha'n] fhaodar sealltainn àirI SALANN CEREBOS gun fihì .cinnteach gu'n deach a dhèanamhle mor churam agus le'suil ri fiorghlaine.Theid an sugh as an deanar e—eadhon an t-aileadh hhiosmu'n cuairt air- à ghlanadh;agus theid a chur an taisgeadainstaoin nach leig a steadian t-aileadh, a chum 's gu'mbi e glan ur nuair a theid achur gu feum. Sud eSalannCerebosMUAN DE OBAIR-SHLAT, FEUMAIL AN GARAIDHEANSG ATH-THIGHWINDSOR.,ncathrach agus comhdach ilo chaineab etiall-dhathte,air 55/-, 63/-.iltfim uir a'chaincab agus lan iomradh air gach ni.PAILLIUNNHENLEY,Meud 1 ,.le comhdach de chaineab stiaU-dhathte), air 29/6 jMeud 2, 35/6; Meud 3, 45/-.Can iomradh air prisean agus air gaeJi ni, saor leis a'phost.Cathair-Slnteach da Shlatan * Cane' lareir an dealbh! le cula ghabhas atharrachadh, agus cas a ghabhas Blneadh a chum Dacasan a ghiulan. Am meud beag, 25/-; Meud is mo, 32/6.Cuirear iomradh le dealbhan saor teis a'phostdh' ionnsaidh neach air bì*\.JCLAS LTD., BROAD STREET, READING«—rracr——v ^GACH GOIREAS A THA DHITH AIR PIOBAIRE. 1TV /TA tha Piob a dhith ort a bhitheas math1VJ. S u c e o '' a 8 u s eireachdail aireach dòigh,so far am faigh thu itMa tha toil agad do Phiob a chur an gleus,fàg an so i agus gheibh thu air a h-ais i folàn uidheam, deas air son a sèideadh.Tha Pàruig MaoEanraig, 24 Sràid Renfrew,an Glaschu, a' cumail gach leabhar ciùil airsonna Pioba, cho math riobainean is breacan• de gach seòrsa is dath.Gheibh thu, an so Deise Ghaidhealach agusgach ni a bhuineas dhi.•ga reic air mheud luchdeun,no air mheud luchdluingebige, air priseanmor-luchd.P. HENDERSON, W M. HART,34 ST, ENOCH SQUARE,24 F Renfrew St., Glasgow.! GLASGOW.PHEILEANWIDOW WELCH,deanta leC. is G. KEARSLEY.So an leigheas is eifeachdaicheague is ealaimhe a th'ann airson nam mnatha.Bhuidhinn Iad bonn-teist air sgatham mor fhiu aig ExhibitionTasmania, 1891.Tha corr is ceud bliadhna nis o nachaidh am faighinn am maeh, achtha an cliu mor anns gach aitefathast. Cha'n 'eil ann a tha toirtbarr orra so a chum euslainteannam mnatha a leigheas. Tha gachlighiche is fhearr na cheile gammoladh air fad.Gheibhear r'an ceannach iad aig hichdreicnan cungaidh.leiglieis air l/ljis 2/9am bocsa, no air 1,2 is 2/10 am bocsa, saorleis a'phost, aig Catherine Kearsley(Dept. S.E.), 42 Waterloo Rd., London, s.B.•:Sdri'A;-iy:):-'«->'• - .*V- Al


Guth na Bliadhna.Chaidh Aonghas Mac Aoidh, Leabhar reicear an Struibhle, a shònrachadhgu bhi 'na fhear-foillseachaidh do Ghuth na Bliadhna, agus is e esana chuireas am mach an Leabhran ràitheil dà-theangach sin'na dhèidh so. Thàtar ag ràdh gu'm bi an leabhran air aghiulan air aghaidh air a' cheart mhodh's air a' cheartbhonn sin a thug cliù cho mòr da anns an aimsira thrèig, ach thàtar ag ràdh, mar an ceudna,gur àrd an dùil a th' aig luchd-seilbh a'Ghutha gu'm bi an t-atharrachadhcudthromach so chum leas is— rath an leabhrain. —THOIR AN AIRE DHA SOIAnns an àireamh fa chomhair an ràithe th'ann,gheibhear dealbh daite gu math ciatach air a'chruth sin de'n deise Ghàidhealach ris an abrargu cumanta 'Deise na Cùirte,' no'n 'Deise OhiomhliontaBu choir do gach neach a tha cur uigh anns anDeise Ghàidhealaich samhladh air an àireamh sode Ghuth na Bliadhna a bhi aige. Cuir fios airson fir an diugh fèin, matà, guA O N G H A SM A C AOIDH,1/2 43 M U R R A Y PLACE, 1/2, e i»»•' " saor leis«**«*•STRUIBHLE.No ma's fear-aiteachaidh Ghlaschu thusa, faodaidh tu samhladh fhaighinn ledol thun a bhuth aig A. Mac-Labhruinn, 360-362 Sraid-nan-Earraghaidheal.THE REMEDY OF KINGSA further mark of RoyalAppreciation has again distinguishedPHOSFERINE byROYALthe bestowal of aTOHisWARRANTSUPPLYPHOSFERINETOMajestyTHEKing of SpainTHE ROYAL E X A M P L EPhosferine is used by the Royal Families of Europe, thus assuring every user ofPhosferine that this famous tonic is highly commended bythe greatest living physicians.PHOSFERINEHAS BEEN SUPPLIED BYROYALC O M M A N D STo the Royal FamilyI The Imperial Family of ChinaH.I.M. the Empress of Russia H.I.M. the Dowager Empress of RussiaH.M. the King of Greece H.R.H. the Crown Princess of RoumaniaH.M. the Queen of Roumania f H.I.H. the Grand Duchess Serge of RussiaAnd the Principal Royalty and Aristocracy throughout the World.PHOSFERINETHEGREATEST OF ALL TONICSA PROVEN REMEDY FORNervous Debility Sleeplessness Premature Decay NeuritisInfluenza Maternity Weakness Neuralgia HysteriaIndigestion Mental Exhaustion Lassitude Brain-fagAnd all disorders consequent upon a reduced state of the nervous system.Bottles, Is. l£d., 2s. 9d. and 4s. 6d.Sold by all Chemists, Stores, 4c. The 2s. 9d. size contains nearly four times the 1s.1Jd. size


Bu choir Quaker Oats a thoirtdonchloinn da uair 'san lathaTaitnidh e riu agus bithidh e a chum buannachdmhòir dhaibh.Chaidh fheuchainn's a dhearbhadh air cloinnsgoilenach 'eil ni a bheir bàrr air QuakerOats.a chum spionnadh, feòil is fèithean adheanamh 's a chumail suas.DEDHEANADH TUSANA U MOTHAICHIDH TOGaduiche san tigh?Thilginn air leDag'Ded=les'Carson " DED-LE8 1A chionn gu'n cuir an totha thig as an dag sin, nuairloisgear e, an gaduiche anneulfad chòig mhionaidean,gun dochunn sam bith a dhèanamh air ashlàinte; agus, le sin, faodar a ghlacadh gunan spàirn is lugha. Bu choir fear de nadagan sin a bhi aig gach fear-tighe, gachfear-siubhail, gach fear-faire, agus gach neacha tha an cunnart roimh luchd-fuadain nobeathaichean borba.Gheibhear e air a phasgadh gu crainn,maille ri 10 cochuill-chungaidh, nir 7/6;agus cochuill-chungaidh a mhàin air 2/6an dusan.G. WATSON & CO.,69 JESSEL CHAMBERS,88 Chancery Lane, LONDON, V.C.LEANN-UBHLANLE W H I T E W A Y ."Na's"Cho math ri Fìon gun a dhaoìread."fearr na Beòir gun bhi cho trom air a' ghoile.'Leanntan-TJbhlan Gucagach am Botuil,De gach fàs a bh'anns na deich bliadhnaichean mudheireadh, agus iad gun chungaidh-ghleidhidh chronailannta.Air prisean bho 7/6 gu 27/6, gach dusan cairtean ;agus bho 4/- gu 15/- gach dusan pinnt.Leanntan-TJbhlan Bog, as a'Bhotul.Cho math ri iomadh gnè de Fhiòn Hock no Moselle.Air prisean bho 8/- gu 20/- gach dusan cairtean;agus bho 4/6 gu 12/6 gach dusan pinnt.Leanntan-TJbhlan, as a'Bhuideal.Gheibhear buidealan fghalan agus na's mò r'anceannach.Air prìsean bho 1/3 gu 1/9 gach ealan, Milis, Meadhonachno Searbh." CYDRAX."So deoch nan uaislean stuama. Chaidh a mholadh leisa Bhaintighearna U. Somerset, agus leis an Ard urramachDeaghan Wilberforce (Ministear do Thigh nanCumanta), etc.Air prìsean bho 6/6, gach dusan cairtean; bho 3/6gach dusan pinnt, agns 2 6 gach dusan drùdhag.Clàr iomlan nam prìsean a nasgaidh do gach neach adh' iarras e.H. WHITEWAY & CO., Ltd.,Whimple, Devon, England.Thoir an aire dha so: Ged tha sin mar sin,ceannaichear uiread 's a lìonas dà fhicheadtrìnnsear de Quaker Oats air sè sgillinn.Deasaich a rèir an t-seòlaidh a tha air a'phasgan.AN TICH-CNOTHAICHGAIDHEALACH,Ged bhioi speuran a' taomadh,Cha tig smal air mo chridh ;18 UISGE BLATH S MUSTARDA' feitheamh orm fhin. A M M U S T A R DA I C C O L M A NAIR A CHUR 'SANLAN S RA I NE NO DHA'S e dh' nraicheas cail'8a choluinn bhios sgith,Aig deireadh an la.AMAR-FHAILGIDH,60 RENFIELD STREET, GLASCHO.R. Q. LAWRIE.FEAR-DEANAMH PHIOBAN-MORA.DEISEACHAN GAIDHEALACH AIR SON FHEAR IS CHIOLLAN.Gheibhear breacain is suaicheantais nam Fineachan Gaidhealach uile airlaimh agam, agus ma tha dad dhiubh so a dhith ormgheibhear r'an ordachadh iad.CLAR-PHRISEAN GA THOIRT 8EACHAD A NASGAIDH.T I G H - O B A I R , 6 3 S R A I D I A I N .Am BheilBeart-labhairtAgad?Comhairle saorbhuamsa.Mur a h-eil, cha'n aithne dhuit an t-aoibhneas agus an toil inntinn a bheirbeart-labhairt math do neach. Bidh mise a cur beartan-labhairt air feadhan domhain mhòir, agus iad air am pasgadh gu cùramach agus air an urrasachadhan aghaidh callAir prisean bho £3. Iarr iomradh orra ormsa.Ma tha Gramophone agad d am foghainn am brod eagach, leig dhomhsabrodan eagach a chur chugad. Tha iad agamsa gu lìonmhor agus de gachgnè. Leigear air iasad, g'am feuchainn, iad do chearn air bith 'snah-Eileanan Breatunnacb. Sgriobh chugamsa an duigh fèin,DAWBON GOODEY, 84 LEO ARD ROAD,LONDON, N.


ANSGEULAICHEUISGE-BEATHAAir an sonrachadhLe Righ Seorsa V.AN EICH BHAINAosmhor, Blasda, Fallan Gasda.Togaidh e solas, Leabaidh - e dolas.'S GUR FIOR MHAC-N A-BRAICH E.MACEIE & CO., DISTILLERS, LIMITED.Air an suidheachadh 1742.TIGH-TOGALAGH LAG A' MHUILINN'SAN EILEAN ILEACH.An T-Earrach, 1911.91. AN SGEUL GOIRID Le Calum Mac Phàrlain 12. THALL 'S A BHOS Le Iain Mac Cormaie 263. BUAIDH LEIS NA SEOID 494. GAOL A' BHAIRD Le L. M. V. 525. CLANN AN RIGH FO GHEASAIBH 656. NA SEANGANAN Le Ruaraidh Arascain is Mhàirr 857. MOID NA CLOINNE Le I. N. M. 98Solasan naPiob=ThombacaCoimeasgadh " Two Hours," 5sg.Fionnar, Faileanta, Florghlan.an t-unnsaCoimeasgadh " Alder wood, "51 sg. an t-unnsa'Na tri cumhachdan. Toradh na h-oidhlrp mu dheireadha shoirbhich leinn.Coimeasgadh "Luntin," - Q±sg. an t-unnsa'Na 1 ri cumhachdan. An coimeasgadh a shuidhich ar cliu.Coimeasgadh " The Mound," |/4 an dà unnsaAir a dheanamh leis na duilleagan is fhearr a ghabhas faotainn.Faodar an ceannach bho na Reiceadairean Tombaca is fhèarr a th'ann; achma's duilich dhnit do riar fhaighinn, cuir chagainn dealbhainn postachd a xètiluach na tha dhìth ort, agus cuiridh sinne gad ionnsuidh sampullan air am faodthu do roghainn a dheanamh.THOMSON AGUS PORTEOUS, DUN-EIDINN.%%ss5555SSSSMa's miann le neach fios a chur uaithe mu ni air bith a bhuineas do'nSGEULAICHE, seach na sanaisean-malairt is malairt an leabhrain, cuireadhe thriall e air An Fhear.-dheasachaidh aig 356-362 Sràid nan Earraghaidheal,Glasoho.Ach, gach fios mu shanaisean-malairt is malairt an leabhrain, buchòir an cur a dh' ionnsuidh An Fhir-ghnothuich aig 356-362 Sràid nanErraghaidheal, Glascho.Bu chòir gach mìr litreachais a sgrìobhadh air aon taobh na duilleiga mhàin, agus sin cho soilleir ri leughadh sa ghabhas deanamh ; agus isceart fìor ainm is sloinneadh an ùghdair a thaisbeanadh air na duilleagansgrìobhte, eadhon nuair nach miann leis am foillseachadh.Chan eil Am Fear-deasachaidh a' gealltainn mìr litreachais nach eilfreagarrach a chur air ais do'n ùghdair; ach ni e a dhichioll a chuma ghleidheadh tèarainte sa thilleadh, ma chuireas an t-ùghdair d 'aionnsuidh còmhdach-litreach is dealbhan-postachd air.Bu mhath leinn ar leughadairean aig an tigh is thairis bhi a ghnàthcuimhneachail air an luchd-malairt sin a tha deanamh feum de'n SGEUL­AICHE a chum an gnothuichean a thaisbeanadh do'n t-sluagh. Is math isfhiach iad sin. Agus, eagar, sud aon dòigh, agus dòigh àraidh, air bhi 'gàrdachadh sa cuideachadh na Gàidhlig. Sìnibh air, ma tà, 's a choidhchetha bhi aichreachas oirbh.


AM BHEIL SUILEAN GOIRT AGAD ?D O YOU S U F F E Rfrom Sore Eyes?hiMa bhios do shùilean goirt no dearg, no mabhios ròineagan do ruisg a' tighinn am moch,dochamnìdh e t' aogasg gn dona. Bidh tu, abharrachd air sin, fo anshocair, agus an cunnartsalchar is dùradaìn a dhol nad shùilean. Bheirsin cnldh do-fhulang ort, gun ghuth air a'chunnart a bhios ann gu'm bi thu ciùrrte fad dobheatha.Bi furachar, faicilleach, ma tà, mu na sùileanair neo creanaidh tu air. Creid sinne,fr'o e do leigheas:—SABH-SHULSINGLETON(Singleton's Eye Ointment).Rinn e mìorbhuilean air feadh 300 bliadhna le bhifuadachadh droch thoradh an fhuachd, ainteasagus iongrachadh; agus leighis e goirteas-sùl adh' fhag a' ghriuthach is am nabhrus-dearg 'nandèidh, neamhnagan agus galair eile d'am bheilan sùil buailteach.Gheibhear r* a reic e aig luchd reic cungaidhleighis,agus am bùithean muinntir eile, air 2 -gach pigean.Leig fiosdo Stephen Green, 210 Lambeth Road,Lunnainn, gur toil leat a leabhran a chum feuman teaghlaichean, air a' chuspair so: " Marghabhas fradharc sùl a choimhead fallan," aeughadh, agus cuiridh e gad ionnsuidh e gusaor.ISMIANN LEINNCLAIDHEAMHNAN=MORA,BIODAQAN, DAQAICHEANagus gnothuichean air bith a bhuineas do*n t-Sean-aimsir, a cheannaohaah.Measaidh sinn ni air bith dhiubh sin atheid a chur d' ar n-ionnsuidh; aguscuiridh sin na prìsean is àirde orra;agus sin gun bhi call ùine.:: Dundas ::Furniture House32 Port Dundas Road(faisg air Ceann-uidhe an rathaid-iarainn),An Staid Bhochanan,Qlascho.Tha luchd mòr de Straillidhean Innseanachair tighinn chugainn, de'n mheudis motha, agus dealbhan sar-mhaiseachorra. Air 6/6 an t-aon, saor leis a' phost.Tillear an t-airgead mur bi sasachadhann.f fla dithean is feumala do |LeanabhBiadh freagarach d'a chor, aig amannaniomchuidh, aileadh ur, is gu leoirdheth, fior ghlaine.fearr, bainne na mathar.Se'm biadh isAch nuairnach foghainteach sin, bu choir ::"AUenburys' Milk Food, No. 1,"a thoirt dha; a chionn gu'm bheil ecoltach na ghne ri bainne-cich na'Che'JHIenburps'foods.mnatha, agus a h-uile cuid cho somheirbhidhris.Leabhran a' buntainn ri beathachadhis altrum leanabh ga thoirt seachad ^ *a nasgaidh.ALLEN & HANBURYS LtdLombard Street, LONDONAGALAIRCLEIBH.Am measg na th' ann de ghalair clèibh no sgamhain, 's e AnCaitheamh is miosa A dh' innseadh na fìrinn, bidh naoineach as an deich a' saoilsinn gur e cliabh lag a th' aca; nogur e an cnatan no casdaich a mhàin a tha cur orra, am feadhis e An Caitheamh a th' ann. Thig an galar so air aghaidhcho mail, sèapach sin is gu'm bi e oirnn air meud is gur ganna ghabhas e leigheas, eadhon, mu'm bi fiosagainn gu'm bheilcunnart idir ann. Mar sin, ma thig comharra air bith fod' aire gu'm bheil greim aig galar sgamhain ort, cuir fios airCHARLES H. STEVENS, Lung Specialist, 204 Worple Road,Wimbledon. Is duine esan a thairg a bheatha a dh' ìobairt,a dhearbhadh gu'm bheil an t-ìoc ùr a th' aige air A' Chaitheamh,làn fhoghainteach. 'Sea ghnàths gun fhacal a ràdhriùsan a ni taghall aige, mu dhìol no tuarasdal gus am moth*aich is an aidich iad iad fèin a bhi dol am feabhas. Faodarcomhairle a chur ris gun dìol, gach latha 'san t-seachdain,saor o Dhi-Sathuirne, eadar 2 agus 3 uairean p.m.I M P O R T A N T .With the February Number of Buth na Bliadhna commencedan important series of articles in English, by the Hon.E. Erskine, on the subject of The Scottish National Dress.Some years ago Mr. Erskine published "The Kilt and howtowear it;" and now, at the urgent request of numerousfriends, he has decided to supplement that popular brochurewith additional notes and observations. The series will beillustrated by modern drawings, done somewhat in the Btyleof the well-known illustrations of Mac Ian's " Costumes ofthe Clans." The series will epitomize the latest opinion ofadvanced Celtic scholarship as to the topic of which it treats,and in view of the great numbers of Scotsmen who take alively interest in this subject of the National Dress, the seriesof articles in question is sure of a wide-spread and popularreception.The Annual Subscription to "Guth na Bliadhna"is 51-, or 1 dol. 24 cents Post FreeG U T H N A B L I A D H N A ,Horse Cross, Perth.T H E; Highland' PenThaAig J O S E P H G I L L O T T .miadh mor air a' pheann so a chionn gu'm bheil elan airidh air sin.J S GANN a bha am peann so air fhoillseachadhle luchd-reic gus an robh e soilleir doluchd-sgrìobhaidh gu'm b'e an dearbh pheannair an robh iad an tòir.Bho'n àm sin, dhìrAir an reic am bogsaichean airagus dhìr e am miadh an t-sluaigh ; agus is 6d.lan dearbhadh sin nach robh iad air am mealladh'san dol am mach. Tha am peann so agus airso-lùbte agus bàrr-chocte; agus tha sin 'ga 2/6fhàgail furasda dh' iomairt. Cha'n 'eil peann 'eile ann a ghabhas iomairt cho luath agus le an da-dhusan-deug.cho beag dragh.'Gheibhear aig luchd reic bathair-phaipeir e.Cuirear bocsan anns am bi samhlaidhean seorsaichte air na pinn is fearr, saor leis a' phostdh' ionnsaidh neach air bith a chuireas 6d. chugainne:JTOSnPB GILLOTT, 37 Oraeechnroh Street, London, B.C.NONSHEDDOLe so faodar stad a chur air tuiteam S H Oam mach an fhuilt, air sgoltadh nanH. N. WILLIAMSròineagan, is ah" a sileadh gu làr. Tha etoirt air an fhailt a dh'fhàs gu ro phailt,agus tha e ga neartachadh sa dhòmhlachadhgu mòr.Saor leis air a'Phost.F.C.—is thoir-fas-air-fuilt NONSHEDDO—chan e reidheadair.282 SRAID BHOCHANAN,GLASGHO.AM BU MHATH LEAT COSDAS DO GHUAIL A LUGHDACHADH ?Ma's math leat sin,Feuch Cungaidh Ghaomhnadh Mhor a' GhuailCrath beagan de 'n chungaidh so air gual agus bheir e airbhi na's teoithe agus na 's buaine.Gdomhnar leis aon cheathramh de 'n iomlan.THA E AIR A REIO AIR 6


Biapannan is coir a bhi agad.iAmG I B B S ' SCOLD CREAM TOILET.Gibbs's French DentifriceGibbs's Shaving Soap.measg shiapannan de'n gnè fèin,cha'n 'eil ann a bheir bàrr orra.chum a bhi toirt ort am feuchainn,cuiridh sinAchugad buill - shampuilldiubh air faighinn duinn 2d mu choinneamhcostas na postachd, agus ainm anleabhair so.Is sinne an t-aon luchd-deanamh —D. & W. GIBBS'S, Ltd.,City Soap Works, LONDON, E.AigFurtachd o'nHINKSMAN'SthaChuing-analachIOCSHLAINT A SHEAS FADA.A fhuair dearbhadh agus nach d'fhai/nichriamh. Bheir i faochadh air ball dhaibhsanair am bheil A' Chuing-analach ; agustha mor fheum ann dhaibhsan air ambheil Bronchitis no An Triuthach.If- gach pasgan staoin bho luchd-reicchungaidh-leighis;no saor leis a'phost air 7/- bhoJ. HINKSMAN, Chemist, Carluke.Cttircadfi Cairt a'phosta a thriall air, agus gheibh'ear mor thamhiadh air an rud a th'ann.Tha'n goirteas a th' anns a' chàise so air fhaotainn,air a' chuid is mò, trid a mheanbh-ghin d'an goirear(Bacillis ^ulgarìcusJKChassoLAgus mu'n mheanbh-ghin so tha'n t-ollamh Metchnikoffag ràdh 'na leabhar air " Sìneadh na Beatha,"mar so:—" It is the most ^useful ol the microbes whichcan be aceHmatized in the digestive tube fortìie purpose of arresting putrefactions andpernicious fermentations, such as the butyricfermentation."4NUADH A RUACADH RADAN.Cha'n 'eil ach an t-aon seòl cinnteachair radain a sgrios; agus is e sin le"Ready Rat Relief" Virus. Cha deane dochar air an duine no air peataicheantighe; ach is aobhar bàis cinnteache do radain is luchagan.AIRA REIC LE-Ready Rat ReliefVirus Co.,120 SOUTHWARK STREET,LONDON,S.E.Tha Càise Naoimh Ibhel sàr-bhlasda, agus 'nabhiadh fallan. Tha e air a dheanamh an àileadhglan na dùthcha sin Somerset, fo sgrùdadh nandaoine is mò eòlas air a' ghnothuch.A chumail na slainte,Cha'n 'eil biadh a bheir barr air;'5 a dh' aiseag na slainte,Air 6£d gach mulachag bho luchdreic bìdh agUB bho luchd reicbainne. Sgrìobhte air gach tèdhiubh gheibhear ainm an là adh' fhag i an Tigh-bainne aigYeovil.Ith crioman gach la dheth,.Cuirear samhladh de 'n mhulachàigchaise so, agus leabhran a' toirtiomraidh air an Leigheas le BainneGoirt, saor leis a'phost air faighinndhuinn fiach 9d de dhealbhainpostachd.APLIN & BARRETT, etc., Ltd., YEOVIL.


^SGEULAICHEAnSgeul Goirid.I^Feoil rag agus cneas min,Bmaiseach.1/ Sin na their gach mathair a bheathaicha leanabh air bainne agusROBINSON'S-BARLEYThugaibh an aire gu'n do chliùthaich LuchdTigh-eiiidinn Lunnainn agus Luchd anTigh-eiridinn a tha chum leas Cloinn Euslaintich,Uisge Bha- r Eorna, air a mheasgadhle bainne, mar bhiadh do 'n leanabh nacha 'eil bainne cich dha.MANY LADIES DRINKcommon Tea without knowing it, butthe finest lady In the land must realisewhen drinkingSTUART CRANSTON'S TEASthat they are not common, but thatthey are pure, sweet, and refreshing,and she need not feel ashamed in these' Budget' times to economise by usinghis blendsat 1/2,1/4,1/6, & 1/8 per lb.,which are a revelation to those whohave not hitherto used them.Full weight guaranteed without wrapper.4 lbs. Parcels and upwards (except 7/2 and 1)4)Post or Carriage Free.Buy only at—28 Buchanan Street, Glasgow(Comer of Arcade)Cranston's Tea Rooms Ltd.(Paipear a chaidh a leughadh mu choinneamh Cèilidhnan Gaidheal an Glascho air a chòigeamh là de cheudmhìos a' gheamhraidh le Calum Mac Phàrlain.)s e so aimsir nan sgeul goirid. Tionnsgnariad, foillsichear iad, agus leughar iad 'nammìltean am measg luchd-labhairt na cànainShasunnaich. Tha sin a' taisbeanadhgu'm bheil miadh air na sgeòil ghoirid ammeasg nan Sasunnach; agus rud a ruigeas miadham measg nan Sasunnach, cha'n fhada gus an gabhna Goill Albannach ris; agus an rud a ruigeasmiadh am measg nan Gall, cha'n fhada gus am bicìocras nan Gaidheal Albannach a' dol am machchuige.Is beachd leam fèin gur e is màthair-aobhairdo'n mhiadh sin a th' air an sgeul ghoirid, meudna cabhaig a th' air muinntir an t-saoghail anjas nalàithean a th' ann.


2 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 3Seall sibhse. Air an latha 'n diugh, faodaidhduine dol am mach 'sa mhaduinn air turus a ghabhadhseachdain r'a dheanamh ri linn a sheanar,agus bithidh e aig ceann na h-uidhe mu'n dorchaichan latha. Cha'n e a chionn gu'n tèid ant-astar a ghiorrachadh dhà; ach's ann a chionngu'n gabh an ùine a b' àbhaist da a ghabhail g'ashiubhal, a lughdachadh le bhi cur cumhachd ùirair cùl na beairt-iomchair.Is amhluidh, le bhi buileachadh innleachd orra,a thèid iomadh obair eile a dh' aotromachadh's aluathachadh. An àite bhi cur teachdaire air muineich, mar anns na làithean a dh' fhalbh, le fioscabhaiggu neach a tha air astar ceithir là deug airfalbh, cuirear a nis an teachdaireachd a suas crannair amas an speur, agus thig i a nuas air amas natalmhainn ceudan de mhìltean air falbh mu'n ganna dh' abradh tu, " Bo chugad e!"Ach ged tha eòlas is ealain cho fad sin air anaghaidh, cha do thionnsgnadh fathast seòl airlabhairt no leughadh a luathachadh. Nis, an inntinna bha cleachdte ri beachd a ghabhail air a'mhòr chuid de nithean a' dol air an aghaidh leluathas, is dual dith gu'n glacadh mi-fhoighidinnno fadal i gach uair nach faigheadh i nithean eilea' dol air an aghaidh leis an luathas cheudna.Agus bho nach faodar leughadh is labhairt aluathachadh na's mò na ghabhas iad, 's e 'n t-aonleigheas air a' mhi-fhoighidinn, no air an fhadalsin: leughadh is labhairt a thighinn 'nan codaicheanbeaga agus gu minic, a roghainn air na blòigh-ean mòra a b' àbhaist a bhi ann. As an sin tha eag èirigh gu'm bheil miann leughadairean anlatha 'n diugh a' dìreadh dh' ionnsuidh an sgeòilghoirid. 'S e seal goirid air caochladh cuspair isfearr a thaitneas riu—amhuil mar a thaitinn amfodair ris a' bhodach : " Tha mòran brìgh ann," arsesan; " ach 's e loinn na cùise tricead's a dh'atharraicheas e cuspair.Anns na làithean o shean mu'n d' thàinig amfonn cabhaig so air an duine, an cois cumhachd natoite, bha na sgeòil—seadh, agus na h-òrain fèin—fìor fhada.Cha b' annas idir sgeul a ghabhadh trìno ceithir cèilidhean r'a aithris, no òran a ghabhadhleth-uair no uair g'a sheinn.Ach an diugh,thig cianalas air cuideachd an ceann uair an uaireadairri èisdeachd sgeòil no òraid ; ni còig mionaideandeug an gnothuch air luchd-èisdeachdsearmoin—cha'n ionghnadh sin—agus cha'n fhuilingearidir òran anns am bi na's mò na ceithirceathramhan.Cha'n e fad nan sgeul a mhàin air an d' thàinigan t-atharrachadh so ; ach thug caochladh aimsirmùthadh air aobhar is ealain. Air a' Ghalldachdfar an deachaidh mi fèin àrachadh, an àm dhomhbhi 'nam ghiullan, cha mhòr nach robh an sluaghair na seann sgeòil a leigeil a dhìth gu buileach.Bha èibhleag beò an luaithre an teine a bh' ann 'sa chaidh as ; agus còrr uair rachadh an èibhleagsin a shèideadh 's a dh' fhadadh nuair bhiodhcuideachd cruinn—le nighin òig mar bu trice.Ach b' fhìor leibideach, a thaobh aobhair is ealain,


4 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 5an sgeòil a thigeadh air uachdar anns nan h-amannaud. Is gann a chuala mi a h-aon diubh nachdeachaidh a thoirt gu comh-dhùnadh leis nabriathran so : " An they gae'd on and gae'd on tillthey saw a wee licht; and when they reached thehouse it was inna ; they keekit through the winnockfor fear some ill thing micht be there ; andwhen they saw naethin' but a clean fireside andbig braw bleezin ingle, they lifted the sneck andga'ed in; and after that they leeved happy a' theirdays." Bu shuarach iad an coimeas ris na seannsgeòil Ghallda a tha r'am fhaotainn an leabhraichean,ged b' ann de'n aon ghnè iad. An diugh isgann a tha'n t-iomradh is lugha air an leithid annsan àite 'sam bheil mise chòmhnuidh.Tha na sgeòil Ghaidhealach a nis a' dol eug,mar an ceudna, air an aon seòl, agus, cha'n fhadabhitheas e gus am bi fuigheall sheann sgeul nangleann air cho beag luach ri spruidhleach sheannsgeul na machrach.Bha e 'san dàn gu'n tigeadh an t-atharrachadhsin.'8 ann le cumhachd na cànain Shasunnaich atha an ruaig 'ga cur air na seann sgeòil Ghaidhealach.Gach oilean a tha air a mheas feumail do'nòigridh Ghaidhealaich, 's ann troimh 'n chànain sina theid a sparradh orra. Beus an oid-fhòghluim—'s e sin, mar is trice beus na bana-Ghoill—beus ismò a thig fo aire na h-òigridh; agus's e is mò amhiannaicheas iad aithris. 'Sea' bhuil gu'mbheil dùthchas nan Gaidheal an Albainn 'gamhùchadh, gu sìor's gu sèimh leis a' Ghalldachas,mar mhùchas an dorcha na cnuic air dol fodha do'nghrèin. Agus an cois an dùthchais sin tha'nt-seann sgeulachd a' triall gu tìr na di-chuimhne;agus an sgeulachd ùr a tha tighinn 'na h-àite'sann sgrìobhte air paipear is trice thig i; agus isglè ann amh a gheibhear 'ga h-aithris i. Agus bhona bha sgrìobhadairean Gàidhlig air fàs tearcanns an linn a b' fhaisge d'ar linn fèin, no air antoirt suas do chràbhadh gruamach, cha robh moransgeulachd a' tighinn am mach; agus air feadhaimsir fhada bha bearn mòr an litreachas sgrìobhtena Gàidhlig air a cheann sin.Bha comunn an sud's an so, a bha mòr 'nambeachd fèin, a bha car mothachail air a' chunnarta bh' ann; agus bha iadsan a' gabhail os làimhgrabadh a chur air an dìobairt cànain is dùthchaissin, agus's e an leug-tàlaidh a bh' aca gu dùthchasnan Gaidheal ath-bheothachadh: A' Ghàidhlig atheagasg anns an sgoil. Is fada bho'n cheud uaira chaidh an glaodh sin am mach ; ach gus an àmso cha do bhrosnaich e 'n sluagh gu athchuingedhùrachdach a dheanamh air a shon: agus chamhò a ghluais e bàigh 'nan cridheachan ris anluchd-èighich. Theagamh gu'n d' thug iad fainear,air seòl dìomhair nach do thuig iad fèin, gu'm b'iad a' cheart fheadhainn a bu dèine air cur airaghaidh na cànain Shasunnaich, a bu dùrachdaichemu theagasg na Gàidhlig anns na sgoilean—cha'n eidir d'an cloinn fèin, thugaibh fainear, ach dochloinn dhaoine eile.


6 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 7Co-dhiùbh thug an sluagh fainear sin no nachd' thug, faodaidh sibhse bhi cinnteach à so: nuairgheibhear daoine a' tagradh an nì nach 'eil iad fèintoileach a chur an gnìomh, tha foill 'sa chùis. Ismath a thuig iadsan aig am bheil fòghlum nadùthcha fo 'n cùram gu'm bu bhaoth-iarrtas iarrtasnan Comunn nuair a thagair iad a' Ghàidhlig atheagasg anns na sgoilean ; agus ri baoth-iarrtascha do ghèill iad sud riamh ; cha mhò a sheas iadfada an aghaidh athchuinge fhìor dhùrachdaich o'n t-sluagh.Biodh sin mar a dh' fhaodas e, cha do nochdan sluagh fathast gu'n robh iad dian air teagasgna Gàidhlig anns an sgoil. Is annamh iadsan afhuair bho theagasg na Gàidhlig anns an sgoil, noanns an oil-thigh, cuideachadh air a' Ghàidhlig alabhairt no a sgrìobhadh air dòigh a b' fhèarr nabh' aca bho bheul-aithris dhualchasaich.Creid sibhse mise: 's e cion-teagaisg is aobhargu'm bheil beagan dùthchais beò fathast am measgan t-sluaigh, agus gu'm bheil grunnan de sgeulaicheanagus de òranaichean air mhaireann airfeadh nan garbh-chrioch agus nam bailtean mòraanns an taobh deas, nach d' thugadh bhuapa andùthchas le oidean-fòghluim a bha iad fèin gunionnsuchadh ceart anns an nì a bha iad ri bhiteagasg.An àite nan comunn a bhi glaodhaich: Teagaisga' Ghàidhlig do'n òigridh anns na sgoilean, 'se bu chòir a bhi aca mar chathghairm—an toiseachna streup, co-dhiùbh—Teagasgairean fogh-ainteach dhaibhsan a tha ri teagasg a thoirtseachad.Ach is faoin eadhon an glaodh sin aig an àmso, air a' cheann so: nach toirear mòran feairt airgus am hi e air a dhearbhadh nach 'eil an t-seanchànain air a cumhachd's a loinn a chall fathast.Nis, co leis a thèid sin a dhearbhadh ?Tha dreaman de Ghaidheil ann, anns am bheilspiorad an litreachais Ghaidhealaich beò—agustha cuid diubh 'san làthair. Is aithne dhomh fèinobair deich neach air fhichead aig am bheil comascuimseach air a' Ghàidhlig a sgrìobhadh, agus atha toileach an comas sin a chur gu buil far angabhar ris. Ach anns a' bhuidhinn sin cha'n 'eilach uimhir bheag a tha ullamh gu làmh a thoirtair obair is àirde na òran no sgeul. Tha deaghleisgeul air sin a bhi mar sin. Anns na linnteana b' fhaisge d' ar linn fèin, chaidh a' Ghàidhliga leigeil fo dhearmad cho mòr is gu'n do leigeadhseachad cothrom air ainmean gnothuichean ùranan aimsirean deireannach so a thionnsgnadh;agus gun iad sin a bhi ann, is deacair obaii innealtaa dhealbh as aobhar nach 'eil a' buntuinndo'n t-sean aimsir no do'n tuath aig an tigh. 'Se an neo-fhoghainteachd sin na Gàidhlig a dh'fhàg gu'm bheil sgrìobhadairean gann agus gursgeulaichean is òranaichean a' chuid is mò air faddiubh. 'S e sin a dh' fhàg, cuideachd, nachurrainn leughadairean brìgh le tlachd a ghabhaila litreachas nach 'eil 'na sgeul no 'na òran. Chado chleachd an inntinnean tuigse a thoirt à gnè


8 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 9eile de litreachas—a chionn gu'n robh e gannagus iad fèin neo-oileanaichte 'na leithid. B' iadgnothaichean taobh an teallaich, gnothaichean a'bhaile bhig, gnothuichean an t-sean shaoghail,agus gnothuichean fuaighte ri cràbhadh is eachdraidh,agus iad uile air an iomairt leis an teangaidha mhàin a bu bhiadh inntinn do na Gaidheil ochionn fada.As an sin dh' èirich e gur iad an sgeulaiche'san t-òranaiche an aon dithis a thèid aca air cridhenan Gaidheal a ghluasad le'n ealain. Air anaobhar sin tha e fo mheachainn an dream sin—nasgeulaichean 's na h-òranaichean—a' Ghàidhlig athogail an àird no a leagail a bhàn. Cha'n fhaodaridir idir a ràdh gu'm bheil rùn a h-aoin diubh sudair a' Ghàidhlig a leigeil a dhìth; oir 's iad nasgeulaichean's na bàird ro-dhìlsean na Gàidhlig.As an eugmhais, c' àite'm biodh i an diugh ? Fona leacan. B' iadsan a chum air mhaireann anurram, mar chànain sgrìobhte, i; agus is iadsan atha 'ga cumail air a bonn air an latha 'n diugh.Ach ged a tha na bàird a' toilltinn mòr-chliù athaobh an dìlse, cha'n 'eil ar gnothuch riu annochd. 'S ann air an sgeulaiche a mhàin a tha arn-aire an tràth so. Tha 'm bàrd, is eagal leam,an impis dol 'na shuain. Ach tha 'n sgeulaiche, arleam, an impis mosglaidh; agus ma's glic sinne,bheir sinn rùsgadh sùilean air, gun mhòran dàilann.Ach arsa tusa: Ciod e an sgeul goirid ann.Ma ta, gheibh sinn sin am mach le bhi fiosrachadhciod è is ciall do'n fhacal " goirid." Tha fios againngu'm bheil an t-astar a tha eadar a' ghealaich agusan talamh goirid nuair choimeasar ris an astar atha eadar a' ghrèin agus an talamh, e. Ach, dh'aindeoin gu'm bheil sin mar sin, is urrainn dòmhsaa ràdh gu'm bheil an t-astar a tha eadar a' ghealaichagus an talamh ana-cuibheasach mòr nuairchoimeasar ri fad mo shròine fèin e; agus cha'nfhaodar a ràdh gu'n do bhuilich am Freasdal srònghoirid ormsa. Le sin tuigidh sibh gur facal annsam bheil ciall neo-shuidhichte, am facal " goirid ";agus air an aobhar sin is èiginn duinn crìochanfreagarrach d'ar beachd, a chur m' a thimcheallgach uair a chuireas sinn gu feum e, Ios gu'm biaig an fhear-èisdeachd fios air meud a' ghiorraid ath'anns an amharc.Theirinnse gur sgeul goirid an sgeul sin aghabhadh o cheathramh uair gu trì ceathramhanr'a aithris. Sin agaibh, co dhiùbh, an gnè sgeòil atha tighinn fasanta am measg luchd labhairt nacànain Shasunnaich; agus's ann de 'n dream sinsibhse agus mise fad na h-ùine, a' cumail am muighuair no dhà a chuireas sinn seachad aig Cèilidhnan Gaidheal air na h-oidhcheannan Di-Sathuirneair feadh a' gheamhraidh. Deanamaid na ghabhasdeanamh sinn fèin a chumail gun a bhi fo bhuaidhna cànain Shasunnaich, cha tèid againn air.Gheibh a' chànain sin làmh an uachdair air dòighon air dòigh eile. ' S i chànain leis am bheil an rìoghachdair fad air a riaghladh,; agus's i chànain annsaim bheil sinn uile a' cur air aghaidh ar gnothuichean


10 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 11lathail; agus is deacair, eadhon do Chèilidh nanGàidheal, i a chnmail air taobh am muigh nandorsan. Ach, aidicheam gu'n d' thug sibhse, agusgum bheil sibhse a' toirt, na h-oidhirp is treise achaidh a thoirt riamh roimhe air sin a dheanamh.Bha àm ann nuair b' i ar cànain mhàthaireilfèin a' chànain troimh an robh an rìoghachd so,Albainn, 'ga riaghladh; agus bu deacair do nafineachan nach robh 'nan Gàidheil, an gnothuicheana chur air an aghaidh gun iad a bhi fo bhuaidh naGàidhlig mar a tha sinne fo bhuaidh na BeurlaShasunnaich. Cha b' fhada sheas cànain namfineachanud—gu h-àraidh na Cruithnich—anaghaidh na Gàidhlig. Dhearmaid iadsan an cànaina sgrìobhadh agus a chur an cleachdadh ri gnothuicheanùra na rìoghachd, ri cogadh, ri malairt, ricràbhadh, mar a dh' atharraich na Gaidheil's naRòmanaich iad. Agus c' àite'm bheil an cànainan diugh ? Cha'n 'eil deich facail dith air mhaireannair taobh am muigh ainmean àitean 'san lethan ear-thuath de Albainn. Theagamh nach b'urrainn daibh bhi cumail suas ris a' Ghàidhlig;ach cha robh e mar fhiachaibh orra a' Ghàidhlig aleigeil as am beachd's an sealladh nuair bha iada' feuchainn an cànain fèin a chàradh 's a churgu feum as ùr—ma dh' fheuch iad idir sin.A sìos gu linn ar n-athraichean 's ar màthraicheanfèin, lean ar sinnsear na fasain Ghalldacho fad 's a b' iomchuidh sin a dheanamh, aguscho fad 's a chaidh an eòlas, gun a bhi call angreim air an cànain fèin. Agus's e mo bheachdfèin nach gabh ar cànain a theasraiginn o'n bhàsmur dean sinne a cheart leithid. Tha a' chuidmhòr againn dian gu leòir air bhi leantainn fasainnan Gall; ach is mòr is eagal leam nach 'eil sinna' cumail greim air ar cànain.Seall sibhse car tacain air mar a rinn ar sinnsearanns an t-slighe so. Thàinig an CreideamhCrìosduidh à Eirinn dh' ionnsuidh na dùthcha so.Thàinig e a dh' Eirinn as an Roinn Eòrpa. B*anns an Laidinn a bha gach ainm, cha mhòr, air aghiùlan, a bhuin ri cràbhadh is aoradh nanCrìosduidhean. An ceann aimsir thugadh dreachGaidhealach air na facail Laideann sin air a leithidde dhòigh's nach b' aithne do neach a nuas gus anlinn so fèin nach b' iad facail a tharmaich 'saGhàidhlig iad.A rithis, thàinig a' phìob mhòr à Sasunn guAlbainn, agus an ceann aimsir ràinig i a' Ghaidhealtachd.An sin chaidh i fèin's a ceòl a dhreachadhas ùr, ainmean ùra a thoirt air a fuinn,agus puirt-a-beul Ghàidhlig a chur ri cuid mhòirdhiubh. Thug ar sinnsear am Failte's an Cumhabho'n chlàrsaich agus chàir iad ris a' phìob iad,agus thug iad am mach pìobaireachd, le a crunnlùth'sa cliath-lùth's an leithidean sin—ainmeana bhuin roimhe do cheòl na clàrsaich. Ciod èthachair 'na dhèidh sin ? Air an latha 'n diugh isduilich a thoirt air neach a chreidsinn nach i a'phìob mhòr an inneal-ciùil is Gaidhealaiche th'ann. Ach cha'n urrainn sin a bhi; a chionn, a'cumail ùrlar na pìobaireachd am muigh, cha'n


12 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 13aithne dhomh ceòl cho neo-Ghaidhealach ris a'cheòl a thig as a' phìob mhòir. Creid sibhse misea rinn mion-sgrùdadh anns a' chuis.Aig àm eile, thàinig an Creideamh Protestanacha dh' Albainn, agus 'na cois thàinig seinnnan Salm a rinn Daibhidh righ nan Israelach.Thàinig na Sailm sin à Sasunn, agus a' chuid mhòrde na fuinn ris an robh iad air an seinn. Anceann aimsir, dh' èirich e gu bhi fasanta anSasunn agus air a' Ghalldachd a bhi sìneadh ammach nan earannan de na fuinn a bha tighinn andèidh nan earannan canntaireachd. Cha robhSailm aig na Gaidheil gus a' bhliadhna 1659, nuairchuir Seanadh Earra-Ghaidheal an Ceud Caogadde Shalmaibh Dhaibhidh am mach. Cha'n ion achreidsinn gu'n robh am fasan seinn sin aig Gaidheilan taobh tuath roimh 'n bhliadhna 1700. Achis ion a chreidsinn gu'n d' thàinig e steach do'nGhaidhealtachd air a' cheart shlighe a thug naRòmanaich's na Sasunnaich fo Eideard's fo Chromwell,agus a' Bheurla Shasunnach, agus ioma rudeile. 'S e sin le bhi leantainn bonn nam beanntanmòra troimh Shiorramachdan Pheairt, An Fhorfhair,Abair-eadhainn, Mhoraidh, Ailginn, Ionbhar-Nàrainn, etc. Tha cuid a' meas gur anns a'Ghaidhealtachd a thàrmaich e; cuid eile a' smaoimtinngu'n d' thug saighdearan Gaidhealach asa' Ghearmailt e. Ach tha mi fèin a' meas gu'n d'thàinig e troimh 'n Ghalldachd bho Shasunn. Thaa' phìob mhòr air dol eug an sin cuideachd; gedbha miadh mòr oirre fad linntean an sin. Ach thaaon ni cinnteach: nach 'eil rud eile coltach ris anfhasan seinn air am bheil ar n-aire, an ceòl a thafìor Ghaidhealach. Ach bha e' na fhasan aig naGoill, na h-Eireannaich, agus na Sasunnaich a bhi'g atharrachadh sean fhonn air dòigh car coltachris an dòigh a tha air mhaireann 'san taobh tuathair seinn nan Salm.Cha chreid mi nach cuala cuid agaibh samhladhair seinn nan salm air a' mhodh fhada, aig a' Mhòdmu dheireadh. Air m' fhacal fìrinneach, chachuala mi fèin riamh rud a bha cho anabarrach aocoltachris an nì a bha e a' samhlachadh. Bha'n seinn car troimh chèile; cha'n aithnichinn airfuaim nan guth gu'm b' iad Gaidheil a' bha seinn;agus rud a bha uile gu lèir an aghaidh spiorad naseinn: bha co-sheirm ann. A thuilleadh air sin,chaidh an luchd-dreucd an aghaidh riaghailteana' Chomuinn nuair a thug iad air lom e. Oir thariaghailt ag ràdh, " The Association shall be nonsectarian."Cha chreid mi fèin gur ni math a bhi deanamhtaisbeanadh de neo-aghartas ar cinnidh aon chuidmu choinneamh ar sùilean fèin no sùilean arcoimhearsnach. Tha an dòigh seinn sin a bhi beògus an latha 'n diugh 'na aobhar-maslaidh d'arcinneadh; a chionn gu'm bheil e a' leigeil ris gursinne an t-aon sluagh air taobh an iar na Roinn-Eòrpa aig nach 'eil comas air ar cànain fèin aleughadh.Coma co-dhiùbh, tha e nochdadh gu'm b' urrainnd'ar sinnsear am fasan Gallda leantainn gun a


14 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 15bhi leigeil as an greim air an cànain fèin. Agusmur dean an sliochd an ni ceudna cha mhair ancànain. Cha'n 'eil mi ag ràdh gu'm bheil naGaidheil uile dearmadach 'sa ghnothuch. Achtha a' chuid mhòr gun suim deth.Seall sibhse. 'S e is ainm oirbhse: Cèilidhnan Gaidheal. An e ur beachd gu'm maireadh a'Chèilidh cho fada beò na'm bitheadh i air a giùlanair a h-aghaidh a rèir na seann dòigh a bha ann ochian ? Cha mhaireadh. Rinn sibhse freagarrachi do'n àm a th' ann; agus tha i aghartach. Gumafada bhios i mar sin!Samhladh eile. Tha cuimhne aig cuid agaibhair cor na seinn mu chòig air fhichead bliadhnaroimhe so, am measg nan Gaidheal aig an tighagus anns na bailtean mòra. Smaoinich air a coran diugh. An saoil sibhse gu'n ruigeadh i aninbhe anns am bheil i gun a bhi leantainn àbhaisteanar coimhearsnach, na cinnidhean mòra ? Charuigeadh. Agus an àite lasachadh greim air a'chànain a thighinn 'na lorg, 's e mo bharail fèingu'n d' fhuair i teannachadh beag bho àrdachadha' chiùil. An t-urram do Eaglais Chalum Chilleanns a' bhaile so; agus do Ghilleaspuig MacFhearghuis, gu sònruichte! Cha deachaidh eriamh aideachadh air cheart meud ar comaine marGhaidheil do Ghilleaspuig, agus do ar caraid" Fionn" a thaobh na rinn iad air sgàth ceòl nanGaidheal mu'n gann a bha neach eile air tòiseachadhair smaointinn air.Nis, tha fasan nan sgeul a' toirt car mu'n cuairtdh' ionnsuidh an sgeòil ghoirid; tha sgeulaicheanag èirigh 'nar measg, agus's e dleas gach comuinnair am bheil leas na Gàidhlig 'na chùram, gachcòmhnadh a tha 'nan comas a thoirt dhaibh; nasgeòil a leughadh aig na Cèilidhean a bhios aca;agus gu h-àraidh na paipearan-naidheachd, namìosachain agus na leabhraichean anns am bi nasgeòil, a cheannachadh.Abramaid na thogras sinn, bithidh sùilean tuilleadh's a chòir de na Gaidheil a' sealltainn tharan guailnean air na h-amannan a dh' fhalbh agusna nithean a bhuin daibh, agus bithidh iad 'gammeas os cionn an luach. Am measg nithean eile;faodaidh mi na seann sgeoil ainmeachadh.Thubhairt ministear o chionn bheagan mhìosan,aig Blàr-athaill, ma's math mo chuimhne: " Howchaste these old tales are compared to the moderncomic stories which we hear to-day." Bha ebruidhinn mu'n sgeulachd Ghaidhealaich.Chuala sibhse bho Iain Camshron, air an Di-Sathuirne so chaidh, samhladh air an sgeulghoirid *—"comic story," theireadh am ministear ud—agus,mur 'eil mise meallta, thaitinn e ruibh gu math.Cha robh ni anns an sgeul nach faodadh tachairt.Cha robh e " grotesque." Bha ealain air a bhuileachadhair fàgail nàdurra a tha aig cuid de bhoireannaich—agus,faodaidh mi ràdh aig cuid defhireannaich—a bhi di-chuimhneachadh am bròinanns an dùrachd leis am bi iad a' cur an cèill fàth* " Ealasaid Nic Uisdein " à " Leabhar na Cèilidh."


16 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 17am mulaid. Cha robh facal anns an sgeul a bhami-chubhaidh. Bha e air fad neoichiontach.A' cheud uair a ghabh Iain Camshron gu follaiseache, b'ann aig Mòd Ionbhar-pheobharain abha e. Bha e tighinn air aghaidh gu math leis,agus an luchd-èisdeachd a' faighinn mòran toilinntinnis aigheir as, nuair a chuir am ministearud grabadh air. Bha e 'na bhreitheamh aig a'Mhòd sin. Cha d' fhuair Iain duais ged bha echo soilleir ris a' ghrèin gu'm b' esan a b' fhèarr arinn.Aig àm eile bha am ministear ceudna 'nabhreitheamh aig Mòd; agus an àite bhi feuchainncò a b' fhèarr a bhuilicheadh ealain air leughadh,'s e bh' aige agus aig a sheise: feuchainn cò a b'fhèarr a dh' fhuaimnicheadh facail a roghnaicheadhna breitheamhan—cò a b' fheàrr a b' aithneleughadh gu'n aon ghràinne ealain a chur ann.Tha mi ag ràdh ruibh gu'm bheil tuilleadh's a'chòir de Ghaidheil ann leis am fuath ealain air abhuileachadh air an cànain fèin. Agus tha e a'tachairt gu tric gur iad an fheadhainn cheudna isdèine air ealain an coimh-cheangal ris a' chànainShasunnaich. Thoir dhaibh ni a tha sean gunealain, gun snas, agus ni iad aoradh dha. 'S annmar sin a bha am ministear a dh' ainmich mi muna seann sgeòil nuair thubhairt e gu'n robh iad" chaste."'S e mo bharail fèin a thaobh nan seann sgeulnach 'eil ach fear 'sa chòig dhiubh a tha ealantaidir; gu'm bheil cuid ann diubh nach eil laghachair aon dòigh 'san gabhar iad. An seann sgeul isbrèine chunnaic mi riamh, b' anns a' Ghàidhlig abha e air innseadh, agus bha e air innseadh gumath ealanta cuideachd. Ach is annamh a leithid'sa Ghàidhlig, ged tha gu leòir dhiubh an cànaineaneile. Ach cha'n 'eil neach ann a smaoinicheasgu ceart agus gu cothromach orra, is urrainn aràdh gu'm bheil mòran math anns na seann sgeòil.Faodaidh e bhi gu'n robh iad freagarrach do'n àma chaidh seachad; ach cha'n 'eil iad freagarrachdo'n latha 'n diugh. Is annamh iad nach deanadhEachann Mac Phaidein no Iain Mac Phaidein noIain Mac Cormaic na's fearr na iad. Agus athaobh a' chòmhnaidh a bheir iad do'n fhear a thafòghlum na Gàidhlig, tha iadsan fada am mearachda shaoileas gu'm bheil iad na's feàrr na leabhraicheaneile a dh' fhaodainn ainmeachadh guteagasg snas is loinn a chur air cainnt. Creidmise : Tha là na seann sgeulachd air dol seachad.Beachdaicheamaid a nis air na th' againn desgeulachd nach 'eil 'na sheann sgeulachd.A nìos gu linn an Teachdaire Ghaidhealaich—b' e sin 1830—cha robh aig na Gaidheil Albannachaon ni sgrìobhte d' am bu fhreagarrach an t-ainm"sgeul." Bha "Turus a' Chrìosdaidh" aca 'sabhliadhna 1812; agus bha " Nighean an airich "aca 'sa bhliadhna 1822. Ach b' iad sin sgeòilchràbhach a chaidh a dh' eadar-theangachadh o'nChànain Shasunnaich. Bha sgeòil no dhà Gaidh.ealach anns a' Chollection a thàinig am mach 'sabhliadhna 1828; agus bha " Màiri a' ghlinne," le


18 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 19Tormod Mac Leòid, an " Leabhar nan cnoc." Achcha robh srad anns a h-aon diubh sin; agus charobh iad freagarrach do chor nan Gaidheal marchinneadh aig an àm. Eadar a' bhliadhna 1830agus 1872's iad bu mhò a bha tighinn am machcòmhraidhean agus naidheachdan, a bha air andealbh a chum eòlas nan Gaidheal air nithean ant-saoghail mhòir a mheudachadh. Bha cuid diubhsin anns an robh gràinne de mhath, agus cuideile dhiubh a rinn mòran croin, air a cheann so :gu'n robh iad a' taisbeanadh aineolas nan Gaidhealair nithean a bhuin do'n choimheach gun a bhi aigan àm cheudna a' taisbeanadh an tiugh dhorchadasa bha air sùilean nan coimheach a thaobhcànain, eachdraidh is suidheachadh nan Gaidheal;agus le sin a' gin an cridheachan nan Gaidhealspiorad an ao-dòchais agus an nàire a thaobh ancinnidh's an cànain fèin, agus dèidh air àbhaisteannan coimheach.Anns a' bliadhna 1872, thainig am mach " AnGaidheal," mìosachan nach robh fo bhuaidh eaglaisno clèir, a mhair seachd bliadhna. Labhair " AnGaidheal" le guth misneachail, agus rinn e togailnach bu bheag air aigne an t-sluaigh. Anns a'cheud leabhar, bha sgeul le Dùghall Mac Phàil, amMuileach, air an d' thug e an t-ainm "Calum a'Ghlinne." Bu sgeul taitneach e air a dheagh innseadh.Na dhèidh sin rinn Dùghall eadar-theangachadhfìor ealanta air dà sgeul le Seumas Hogg,"The Ettrick Shepherd," air an robh mar ainm" Donnachadh Caimbeul," agus " Silis Nic Coinn-ich." Mu'n àm cheudna thòisich Iain Mac Gillebhàinair bhi 'g eadar-theangachadh sgeul oBheurla nan Gall. B' ann leis-san a thòisich linnnan sgeul àbhachdach a rinn mosgladh mòr air arluchd-dùthcha. An dèidh Iain thàinig Eanruig abhràthair, a lean 'na cheuman, agus a thug bàrrair Iain am feabhas. Cha'n fhaodar a ràdh gur fìoreadar-theangachadh a tha'n obair " Fhinn." 'Sann a thug e sgeulachd àbhachdach nan Gall, aguschuir e dreach Gaidhealach oirre air a leithid dedhòigh's nach aithnichear idir orra gur air taobham muigh na Gaidhealtachd a fhuair iad breith.Dlùth air sàilean Iain is Eanruig Mac Gille-bhàinthàinig lan Mac Phaidein. Thòisich esan le òrainàbhachdach, a' chuid is mò dhiubh freagarrach domhiann Ghaidheal a' bhaile mhòir; ach an dèidhtamull orra sud, thàinig e g'a ionnsuidh fèin agusthòisich e air bhi sgrìobhadh sgeulachd a tha fadaair thoiseach air a' bhàrdachd. Air feadh nambliadhnachan sin, bha fear no dhà eile nach ceadaichan ùine dhomh an ainmeachadh, a' toirt ammach sgeul; agus mu sheachd bliadhna roimh anàm so dhùisg Dòmhnull Mac Eacharn as a shuain,agus thug e dhuinn sgeulachd a tha suaicheantaam measg Litreachas nan Gaidheal. Bha Dòmhnullgu math eòlach air an litreachas is fearr 'sachànain Shasunnaich, agus bhuilich e an ealain adh' ionnsuich e an sin air na sgeòil Ghaidhealach asgrìobh e; agus tha am blàth ri fhaicinn orra.O chionn tri no ceithir de bhliadhnachan,thòisich sgeòil ghoirid air tighinn am mach anns


20 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 21a' phaipear naidheachd d'an goirear " The People'sJournal." Tha iad sin math, meadhonach is bochdgu leòir; ach tha iad a' taisbeanadh nach 'eil anealain air sgeulachd air chall fathast am measg nanGaidheal. Tha cuid de na sgrìobhadairean ud,agus, ma leanas iad ris an obair, ruigidh iad ionadcliuiteach am measg nan sgeulaichean. Cha tigdhomh an ainmeachadh, ach tha fear no dhà annsa' bhaile so.Ach tha mi a' meas nach d'thàinig an sgeulaicheceart gus an d'thàinig Iain Mac Cormaic. Cha'n'eil e riaraichte le bhi 'g innseadh sgeòil air nì achunnaic no chuala e fèin; ach feumaidh e dealbhagus suidheachadh math mu'n tèid e air aghaidhgu cainnt is ealain a bhuileachadh orra, nì nach 'eila h-uile sgeulaiche Gaidhealach a' deanamh. Thae soilleir 'na obair gu'n d'thug e geur bheachd airlitreachas na cànain Shasunnaich; agus a dh'aindeoin sin, nach do chaill e comas air a chànainfèin a chur sìos leis an t-snas dhùthchasach oirre.A'cheud uair a thachair dhomh sùil a thoirt, airobair Iain, cha robh ainm fèin oirre, agus shaoil mise gu'm bu neach eile a rinn i; oir bha na litrichean" D. W. Me K." air taobh am muigh a' phasgaindhuilleagan; agus nuair a dheasaich mi air son A'Chomuinn Ghaidhealach an leabhran sin d'angoirear " Uirsgeulan," chuir mi an t-ainm cearr airclàr-innsidh an leabhair. B'ann troimh 'n mhearachdsin a fhuair mi mach cò a b' ùghdair do'n sgeula ghlac m' aire. Sgrìobh mi litir d'a ionnsuidh.Cha'n 'eil cuimhne agam air ciod è bha innte. Achfhuair mi freagradh bhuaidh anns an d'thubhairte gu'n robh e an impis gach mìr Gàidhlig a sgrìobhe riamh a thrusadh's a thilgeil anns an teine. Iscoltach gu'n robh e mothachail air an nì so: nachrobh a bhuadhan mar sgeulaiche air am meas a rèiran airidheachd le breitheamhan a' Mhòid—nì a bhada-rìreadh fìor. Thachair gu'm bheil droch làmhsgrìobhaidh aig Iain; agus tha a mi a' meas nachdo ghabh na breitheamhan an dragh orra fèin aphaipeirean a leughadh. Cha do leugh mi fèin trìduilleagan nuair a mhothaich mi gu'n robh sgeulaicheealanta agam fo m' bheachd. Bho'n àm singus an latha 'n diugh thug mi os làimh gachsgrìobhadh a rinn e an Gàidhlig ath-sgrìobhadh'sa chur an clò. Dè thachair ? Chaidh leabhar beageireachdail d'an goirear " Oiteagan o'n iar," annsam bheil seachd sgeòil thaitneach, a chlo-bhualadham Paislig le Alastair Gardner clo-bhualadair doSheumas Coats: agus tha samhladh de'n leabharsin anns na leabhar-] ainn a chuir an duine sin airbonn anns a' Ghaidhealtachd. A bhàrr air sinchaidh leabhar fìor thaitneach agus fìor eireachdaild'an goirear " Thug i spèis do'n àrmunn " a thoirtam mach an Struibhle le Aonghas Mac Aoidh.Ged is gràinne-mullaich nan sgeul Gaidhealach ansgeul so, an dà chuid a thaobh feabhas an litreachaisagus eireachdais an leabhair, tha e fìor gu'n deacha dhiùltadh le breitheamhan a' Mhòid, agus anduais a thoirt air son sgeòil nach gabhadh idir achur an coimeas ris.Thug na leabhraichean sin brosnachadh agus


22 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 23togail cridhe do Iain agus bho àm cur am mach nanleabhraichean ud, sgrìobh e de sgeòil na dheanadhleabhran eile cho mhòr ri " Oiteagan o'n Iar," agusan ceann ceithir là deug o'n diugh bheir e crìochair sgeul fada d'an tigeadh an t-ainm " Novel," atha tighinn am mach anns a' phaipear-naidheachdeachd sin, " The People's Journal." *Am meud sin mu thimcheall na buil a thig obhrosnachadh. Ciod è nis mu thimcheall an dìthbrosnachaidh a fhuair e bho luchd - coimheadbeò na Gàidhlig anns na Comuinn agus bhuapasana tha air cùl leabhraichean a tha comhcheangailteri cùis na Gàidhlig ?A thaobh breitheamhan a' Chomuinn Ghaidhealach,dh' innis mi dhuibh cheana mar a thug iadbreith air an làmh-sgrìobhadh an àite bhi toirtbreith air an sgeul mar sgeul. Chaidh samhlaidheanair an dà leabhran, " Oiteagan o'n iar" agus" Thug i spèis do'n àrmunn" a chur a dh' ionnsuidhan " Celtic Review," nuair thàinig iad ammach; ach gus an latha so cha robh an guth islugha mu'n deidhinn. An roimh-radh an leabhairda'n goirear " Transactions of the Gaelic Societyof Inverness," is cleachdadh bhi 'g innseadh mugach leabhar nuadh a thig am mach a tha buntainnri gnothuichean Gaidhealach. Ach cha'n 'eil facalmu'n dà leabhar so le Iain Mac Cormaic ann. Mudheireadh an Earraich, aig coinneamh bhliadhnail*Tha 'n sgeul so, d' an goirear " Dùn-àluinn," anis 'ga chlòbhuladhaig Alasdair Gardner am Paislig, le sùil ri a chur am machan riochd leabhair.A' Chomuinn Ghàidhlig 'sa bhaile so, bha na buillair tì duais a thairgseadh uair eile do'n ChomunnGhaidhealach air son litreachais aig a' Mhòd, nuairchuir mise 'na aghaidh a chionn nach robh dearbhachdagainn nach rachadh a buileachadh air obairnach b'fhiach, mar a chaidh a dheanamh uair nodhà roimhe. Leth-chreid na buill mi, agus rinn iadcùmhnant agus chuir iad air falbh e an cois naduaise. B'e so an cùmhnant: Gu'm b'fheudar ampaipear a mheasadh airidh air an duais, a chur adh' ionnsuidh a' Chomuinn Ghàidhlig gus amfaicteadh e. Dhiùlt an Comunn Gaidhealach aontaa chur ris a' chùmhnant; agus cha'n fhaodar a ràdhnach robh iad ceart. Ach cha'n e sin a bha fo m'aire, ach so : am feadh's a bha sinn deasboireachd'sa Chomunn Ghàidhlig mu'n chùis, cha d'thàinig efo m' bheachd gu'm faca a h-aon de na buill—agusbha mu fhichead 'san làthair—a' cumail am muigh" Fhinn" agus mi fèin, a thug sùil air na leabhraicheanaig Iain Mac Cormaic ; agus tha micreidsinn nach cuala cuid aca iomradh orra. Thugaibhfainear gu'n do thachair sin an Comunn a tharùnachadh cumail suas na Gàidhlig agus am measgdhaoine aig am bheil roinn de bheairteas an t-saoghail. Sin agaibh samhladh air a' bhrosnachadha tha na Comuinn, agus buill nan Comunn, a'toirt dhaibh-san a tha deanamh na's mò na aondream 'eile a chumail suas agus a chuideachadhair aghaidh na Gàidhlig.Tha fios agam gu'm bheil sibhse deanamh na'sfearr na sin; ach am bheil sibh a' deanamh ardìcheall as leth nan sgeulaichean ?


24 An Sgeul GoiridAn Sgeul Goirid 25Nis, tha trì seòrsaichean de sgeòil ann: sgeulair rud a thachair; sgeul air nì nach do thachair,ach a dh' fhaodadh a chreidsinn gu'n do thachair;agus sgeul air ni nach gabhadh tachairt. 'Se'nsgeul air an nì a thachair is duilghe a dhèanamh.'S e eachdraidh is ainm da nuair is fada an sgeul,agus naidheachd nuair is goirid e; agus bho natha 'n sgrìobhaiche air a chuingeachadh leis anfheum a th' ann air bhi fìrinneach, no coltach risan fhìrinn, cha 'n 'eil e cho furasda ealain a churann. 'Se'n sgeul air an nì nach gabhadh tachairtis usa a dhèanamh; ach mur bi sgeul de 'n t-seòrsa sin fìor ealanta, cha'n fhiach e; a chionn,cha'n eil aobhar ann ach a thaisbeanadh ealain.Bha na seann sgeòil, air a' chuid is mò, de'n t-seòrsa so; agus a chionn gu'm bheil a' chuid mhòrdhiubh a dh' easbhuidh ealain, cha'n 'eil mòranmaith annta. Tha, gun teagamh, a h-aon no dhàa tha fìor ealanta, agus, air a cheann sin, freagarrachmar aobhar teagaisg do sgeulaiche. Achcha mholainn iad do neach a bha miannachadhcomas air a' Ghàidhlig a bhuileachadh le cumhachdair gnothuichean an latha 'n diugh. Ach mholainndo gach neach a tha cur roimhe a bhi 'nasgeulaiche, a bhi tòiseachadh air an dara seòrsade sgeòil a chleachdadh, a roghainn air seòrsa eiledhiubh, a chionn gu'm biodh e saor bho chuing nafìrinn agus an ro-ealain.gu'm bu chòir do'n sgeulaiche gach ni a th' aige riràdh, a ràdh air seòl goirid dìreach, agus gun abhi dinneadh na ghabhadh roinn na thrì no 'nacheithir ràidhean, an aon ràdh, a chionn gu'mbheil sin a' fàgail a' chèill ruaimleach agus dolèirsinn.'S iad an fheadhainn a tha fo bhuaidhna cànain Shasunnaich is buailtiche do'n drochchleachdadh sin. Lean àbhaist nam Frangach aroghainn air àbhaist nan Sasunnach's nan Gearmailteach; agus, air gaol a' mhathais, na tugadh anSgeulaiche Gaidhealach oidhirp air nì a chur annsan sgeul a bhuineas do dhìomhaireachd na h-inntinnagus a' chridhe. Cha 'n 'eil math 'sam bithan sin; agus taing do'n Fhreasdal, cha'n 'eil dèidhar cinnidh—a mheud 's a dh' fhan dìleas d'ancànain co-dhiùbh—air a leithid de bhaoth-fhiosrachadh.Is coingeis leam fèin sgeul a bhi fada nogoirid; ach is beachd leam gu'm meudaich ansgeul goirid àireamh nan leughadairean—agustha mòr fheum ann air sin—na's mò na ni ansgeul fada e. Ach biodh e fada no goirid, 's e'n sgeul a theasraigeas a' Ghàidhlig bho dhol as,ma ghabhas sin idir a dhèanamh.Anns a' chomh-dhùnadh, so na theirinn: Cha'n'eil aon mhodh air comh-chur nan sgeul is fearr naam modh dìreach. 'S e tha mi ciallachadh le sin:


Thall 's a bhos 27Thall 's a bhos.LE IAIN MAC OORMAIC.NN a bhi toirt seachad sgeul thall's abhos, 's ann a chur soilleireachd leeisimpleirean air deas-fhaclachas isgèiread nan Gaidheal, agus air andoimhneachd a dh' fhaodas a bhi ancuid de abairtean a shruthas am macha gnàth sheanachas bho bheòil a labhras glè shimplidhan coitcheann, gun oidhirp a thoirt air a bhigeur. Cluinnear seòrsa seanchais eile a dh' fhaodara thoirt fo 'n cheann ris an fheàrr a fhreagaireasmar ainm " blaomasdaireachd "; ach anns am bheildoimhneachd cuideachd nuair a chriathrar e.Nis, tha h-uile sluagh, de na h-uile cànain,buailteach do na h-uile seòrsa abairt air am bheilmi dol a thoirt eisimpleir. Ach tha na Gaidheil airan comharrachadh am mach, am measg treubhaneile, air son a bhi deas-fhaclach, geur agus macmeanmnach.Lean na buadhan sin riutha fad nanlinntean a nìos; agus tha iad, air an latha 'n diugh,na's taisbeanaiche, anns a h-uile cùil is leth-oiriche,na tha iad far an d'fhuair càlachadh na h-àirdedeis a fhreumhan an greim, agus an do ruag e ammach le chànain 's le litreachas 's le chleachdainneanfèin, sean chleachdainnean is sean fhàgailnan seana Ghaidheal.Tha mòran de sheana Ghaidheil an diugh fathasta thig am mach le seanachas simplidh, socrach a'ciallachadh mòrain; ach anns an dòigh is coltaiche'sam bith ris an t-seadh ris an abair sinn " blaomasdaireachd"; agus's e sin a cheud cheann a ghabhasmi.Is gann a tha àite beag 'sa Ghaidhealtachd nach'eil cuideiginn ann a tha comharraichte air sonblaomasdaireachd an gnàth sheanachas, agusdoimhneachd mhòr anns a' bhlaomasdaireachd sincuideachd. Tha cuid nach urrainn iad fèin a leigeila thuigsinn ceart ach anns an t-seadh so; agustha'n dà chuid doimhneachd agus aighear innte,ged's ann an dòigh ann an seòrsa cho-samhlachdana tha iad a' bruidhinn.Thàinig òganach aon uair rathad an BoisMhuilich a shealg bhèistean dubha, agus fhuair emar fhear - treòrachaidh an aon sealgair a b'fhèarr 'san Ros air fad, agus a b' eòlaiche measgnan càrn. A' dol tarsuinn am monadh aon latha,bh'aca ri dol seachad air sean chladh nach gabhadhach gann aithneachadh mar àite tìodhlacaidh, achgu'n robh seòrsa de chloich chinn r'am faicinn ansud's an so am measg an fheòir's an fhraoich." Cha deach duine a thìodhlacadh an so o chionniomadh latha," ars an t-òganach." O, cha deachaidh, eudail, o chionn lethcheudbliadhna, duine beò a thìodhlacadh an so; agus 'smòr am beud e. Ach nuair a bha mise òg, isiomadh tòrradh mòr sunndach aig an robh mi annsa' cheart àite so. Cha'n 'eil cladh eile am Muile is


28 Thall 's a bhosThdll 's a bhos 29fallaine na cheart chladh so, no bho 'n fheàrrsealladh."A nis, cha'n 'eil fhios agam co-dhiùbh is e nonach e, blaomasdaireachd ainm is feàrr air ant-seòrsa seanachais so; ach thug an duine seachadbeachd glè mhath anns a' bhlaomasdaireachd fèin.Bha a' cheart chladh so uaireiginn an t-saoghailglè mheadhonach am measg an t-sluaigh. Bha efaisg air bailtean a bha làn chroitearan, ach achaidh a sguabadh air falbh feadh an t-saoghailgun aon sùil diubh fhàgail; agus b' e sin a bha 'nseann sealgair a' caoidh: tainead an t-sluaigh aguscha b'e gainnead nan tòrraidhean. Agus tha fiosagainn cuideachd nach robh na Gaidheil idir comac'àite 'n cuireadh iad duslach ri duslach, agusgu'm biodh iad a' taghadh àitean àrd, tioram, 'sambiodh ùir mhèineil mar dhachaidh bhuan d'ancàirdean. 'S e sin a bha 'n sealgair a' ciallachadhleis a' chladh a bhi fallan.Nis, b'e òganach Gallda a bha 'n seann sealgairso a' treòrachadh feadh còrsaichean is cladaicheanan Rois; agus coltach ri mòran de Ghoill a thèidgreis do'n Ghaidhealtachd, bha e làn spagluinn, esmaointinn gu'n robh mòran ann fèin nach robh idirann, agus am beachd nach robh dad anns naGaidheil leis an deach e a chur seachad a làitheanfèille, ach na chuireadh esan annta fad nan deichlàithean a bha e ri bhi 'nam measg. Tha mòranGhall a' smaointinn, bho nach 'eil Beurla loinneilaig na Gaidheil nach d'fhàg an dachaidhean riamh,nach eil sìon eil' annta na's mò; ach mu'n do dheal-aich am fear so ri Ruaraidh fhuair e shùileanfhosgladh na b'fharsuinne na bha iad riamh, aguscothrom gu leòir air a bheachdan air na Gaidheilatharrachadh cuideachd.Nuair a bha iad ag imeachd dh' ionnsuidh acheud chùirn, bha Ruaraidh ag innseadh eachdraidhis seann naidheachdan na dùthcha dha, isesan ag innseadh do Ruaraidh naidheachdan muGhlascho. Bha 'n gunna caol air a ghuala, is charobh clach no ploc a chitheadh e nach cocadh e 'ngunna, 's e 'g innseadh do Ruaraidh cho math's abha e air gunnaireachd. Bha Ruaraidh 'na dhuinecòir, socrach, creideasach, is bha e toirt cluais dogach nì bha 'n gille 'g ràdh.Ràinig iad an càrn. Chaidh an abhag a chur asteach, agus nuair thuigteadh gu'n robh beistdubh ann, dh' òrduich Ruaraidh an gille a sìos guoir na tuinne, far an robh an tràigh còmhnard,agus am faigheadh e an cothrom a b' fhèarr air a'bheist dubh a thilgeadh mu'n toireadh i mach a'mhuir. Thòisich iorghuill gharbh 'sa chàrn. Mudheireadh thog a' bheist-dubh am mach oirre, 'sa h-aghaidh air a dìdeann. Sìos an tràigh ghabhi, 's an cù 'na cliathaich. Chuir an gille an gunnar'a shùil leth-dusan uair; ach bha a' bhèist-dubha nunn's a nall, is cha robh e 'g amas air losgadh,is Ruaraidh 'na sheasamh air creig a' tàir air athaobh a h-uile cothrom a bha e leigeadh seachad.Mu dheireadh, thug a' bheist-dubh am mach a'mhuir, agus an dà chuid a chum an cothrom mudheireadh gun a chall, agus a chum a chliù fèin a


30 Thall 's a bhosThall's a bhoschumail suas an dèidh na bòilich a bh' aige greisroimhe sud, choc e 'n gunna is loisg e. Nuair a dh'fhosgail e dhà shùil, mu'n d'thubhairt Ruaraidh fèine, chunnaic e gu'n do bhuail an luaidh an t-uisge mudheich slatan bho'n bhèist-duibh. Sheas Ruaraidha shuathadh aodainn, agus ars esan: "Nach d'aithnich mi. Cuimhnich, 'ille mhaith nach i targaidiarainn a th' agad am bèist-duibh idir, is nachdean e feum a faotainn air an amharc, 's an sinlosgadh nuair a thàirneas tu t'anail."Ach thug an gille oidhirp mhath air e fèin asheasamh." Cha robh ach dol as caol aig a' chù an uairud ; " ars esan.Ach gun a bhi feuchainn ri bhi geur no sgaiteach; ach a' freagairt 'na dhòigh ghnàthaich fèin,arsa Ruaraidh, 's e gàireachdaich: " U, cha robhcùram do'n chù; bha e dlùth gu leòir do'n bhèistduibh,"a' ciallachadh gu'n robh a' bhèist-dubhsàbhailte gu leòir cuideachd, am fad's a b' esanbu shealgair.Ach thug an t-òganach oidhirp eile air e fèin athoirt as." Cha b' fhuilear gunna dà bharaille an uair ud."Ach a leigeadh a thuigsinn dà nach b' ann aiga' ghunna bha a' choire, ach aig an t-sealgair, arsaRuaraidh: "Cha robh gunna dà bharaille gufeum 'sam bith an uair ud na's lugha na loisgeadhtu am baraille eile an toiseach. Nach fhacthu le do dhà shùil nach robh an còrr cothromagad."Chunnaic an t-òganach nach robh toll a dheanadhe a chum e fèin a thoirt as, nach cuireadhRuaraidh cnag ann 'na dhòigh rèidh, shocraich,chuimsich fèin, agus gu'n robh e anns an àite nachruigeadh e leas uiread bòsd a dheanamh's a shaoile 'n toiseach.Shuidh iad an sin greis air creig, agus fhad'sa bha iad a' gabhail toit de'n phìob, thòisich Ruaraidhair innseadh naidheachd mu nithean a thachairda fèin nuair bha e òg." Seall tu am monadh àrd ud thall? " ars esan." Tha cuimhne agamsa long Lochlannach a thighinnair tìr aon mhaduinn ghairbh, gheamhraidh air a'chladach cùl a mhonaidh ud. Bha mise air a'cheart turus air am bheil mi'n duigh leatsa, agusthachair sgioba an t-soithich orm an teis-meadhona' mhonaidh. Cha robh fhios agam o shluagh ant-saoghail ciod è na daoine bh' annta. Bhruidhinnmi riutha an Gàidhlig agus am Beurla ; ach facalcha tuigeadh iad, ach a' cocadh ris a' chladach antaobh a thàinig iad. Thòisich mi 'n sin air bruidhinnriutha le mo chorragan mar gu'm bithinn a'bruidhinn ri balbhan; ach cha deanadh iad ach ancinn a chrathadh. Ach rud cho neònach 's achuala mi riamh, bha iad fèin a' tuigsinn a chèile acheart cho math's ged a b' i Ghàidhlig a bhiodhBha Ruaraidh mar a bha iomadh sean Ghaidhealagus Bana-Ghaidheal am beachd nach bu chòirdo dhaoine a chèile thuigsinn cho math an cànainsam bith, 's a thuigeadh iad a chèile an Gàidhlig;


32 Thall 's a bhosThall 's a bhos 33agus eadhon ged a thuigeadh e fein Beurla, bhaleithid de bhuaidh aig a' chànain a fhuair e lebainne mhàthar air 's gu'n robh e, mur biodh e'na mhothachadh, a' smaointinn nach robh cànain'sam bith coimhlionta ach a phriomh chànain fèin.Ach gabhaidh na ceart bheachdan cur as leth ah-uile cinneach's a h-uile treubh mu dheidhinn ancànain nàdurra fèin;'s cha'n fheumar e chur as lethnan Gaidheal gur h-ann à aineolas a tha'm beachdso tighinn an àite bhi tighinn o'n bhuaidh nàdurraa th' aig sean fhreumhachd na cànain air ant-sluagh a tha 'ga bruidhinn 'san aon àite fad linnteana tha glas le h-aois, cànain a tha air a lorgadhan cnuic's an glinn's an uisgeachan na Gaidhealtachdan dòigh nach gabhar a choidhche a dhubhadham mach ciod è 'sam bith a dh' èireas dithfèin mar chànain, fo chomaraich nan linntean atha ri teachd.Tha mòran naidheachdan air feadh na dùthcha,air fir is mnathan a bha agus a tha fathast a'sealltainn air an cànain am fìor shimplidheachdde'n t-seòrsa so; agus fhad's a mhaireas iadsanbeò cha'n fhaigh a' Ghàidhlig bàs, A dhol ceumbeag a bhàrr an rathaid, bha dà chaillich 'nansuidhe a' cnacaireachd taobh an teine, an ait'iomallach de Mhuile aon latha mu àm cogadh a'Ohrimea; agus b' e 'n cogadh fèin an cuspair abh' aca." Cha'n 'eil iongantas idir an rioghachd so bhibuidhinn agus a liuthad duine math a tha cur asuas ùrnuigh as leth ar saighdearan."" Tha sin fìor, a bhean, ach saoil nach 'eil daoinematha anns an Ruis a' cur a suas ùrnuigheancuideachd."" Tha fios gu'm bheil; ach cò air an t-saoghala thuigeadh iadsan ? "Nis, tha e anabarrach nàdurra do sheann daoineaig nach robh mòran eòlais air cànain ach air aGhàidhlig fèin am beachd so air an cànain a bhicho daingeann 'nan inntinnean; agus mar a thubhairtmi cheana 's ann bho shimplidheachd, 's chab' ann bho aineolas a bha'm beachd a' tighinn.Ach a thilleadh gu Ruaraidh. Fhad's a bhaiad a' bleodhadh am pìoban dh' aithris Ruaraidhdriodart no dhà, agus bha tè dhiubh mu euchd arinn e fèin's a chomh-oidhirpean, an àm long athighinn air a' chladach latha stoirmeil geamhraidh,agus an cunnart anns an deach iad a shàbhaladhsgioba an t-soithich."Agus an dà, shàbhail sibh mòran diubh?"ars an gille." Shàbhail sinn a h-uile sùil dhiùbh; " ars esanach bha naoi deug dhiubh bàthte."Tha e furasda gu leòir a thuigsinn gu'n robhRuaraidh a' ciallachadh gu'n d' rinneadh uireadstrith a thoirt air tìr nan corp 's a bhàtar a' deanamha theasairginn na feadhnach a bha beò slàn.Ach co-dhiùbh mu'n d' thàinig crìoch air anlatha, thàinig Ruaraidh troimh dhriodart eile, maris minig a thachras do bhlaomasdair còir mar a bhae. Tha e coltach gu'n do chuir iad beist-dubh ansàs an àiteiginn, agus nuair a mharbh iad i, mar a


34 Thall 's a bhosThall 's a bhos 35shaoil iad, thilg Ruaraidh thar a ghuala i, is greimaige air chasan deiridh oirre. Ciod è 'sam bitham preathal anns an robh a' bheist-dubh, dhùisg igu h-obann, agus shàth i a fiaclan an caol dromaRuaraidh. Bha eagal air leis a' phian a ghreim aleigeadh as mu'm biodh a' chùis na bu mhiosa;agus b' e: rinn e a chulthaobh a thionndadh gusam buaileadh am balach stràc de bhata oirre achuireadh as dith. Tharraing am balach am batagu sgairteil bho chùl a chinn; ach mu'n d' ràiniga' bhuille, thug a' bheist a ceann as an rathad agusfhuair Ruaraidh buille anns a chaol druim a thugbarrachd pèin da na fiaclan na bèiste duibhe.Nuair a fhuair e anail thubhairt e: " An dà, na'ndo tharraing thu'm bata cho càrn 's a loisg thu'nurchair roimhe, bhuail thu a' bhèist-dubh, gednach b' ann far an do sheall thu."Ach an oidche sin fèin thachair tuiteamas eilea thug air an òganach a bhi smaointinn gu'n robhRuaraidh air tì pàigheadh mu chlàr a dheanamh air,agus a thug air bonn tuillidh de'n chainnt shocairshimplidh anns an robh Ruaraidh a' leigeadh ris adhùrachd's a dhuinealas, is lughaid a gho.Nuair a dh' fheannteadh a' bhèist-dubh, chaidhan craicionn a thàirneachadh ri doras an t-sabhuill.Roimh àm cadail chaidh am balach am mach, as adheacaid, a shealltainn nach robh coin a' tighinnan rathad; agus bha dìreach cù breac a bh' aigaon de na coimhearsnaich, an dèidh tighinn airfàileadh mu'n cuairt, agus e fèin a shocrachadh risuipeir anmoich nuair a chaidh sgaoim a chur air.•Bha 'n t-òganach 'na chon-shuidhe a' sealltainnciod è am milleadh a rinn an cù, nuair a thug fòidchruaidh mòna fead seachad air a chluais agussgailc air an dorus mu choinneamh aodainn. Thuirte am preathal leis an eagal, agus mu'n d'èirich e,cò bha 'na ruith a nìos chuige ach Ruaraidh, 's e 'gràdh ris fèin: " Tha thu 'd bholla, is thoill thu e,agus is math a choisinn thu e." Ach nuair achunnaic e gu'm b'e a charaid a bh' aige, cha mhòrnach do thuit e fèin. Bha e an staid chruaidh a'foighneachd c'àite 'n do bhuail se e, 's an robh e aira dhochann, 's e 'g innseadh gu'n do shaoil e gu'mb' e 'n cù breac aig Cailean a bh' ann." An dà," ars am balach; " cha do bhuail thuidir mi; ach bha 'n cù breac ann dh' aindeoin sin."" Nach dubhairt mi riut," arsa Ruaraidh; " nach'eil mi nis air m' aimhealachadh nach do bhuail mithu fèin, ged is tu fèin a bh' ann. Seall tu; na'mb' e 'n cù bh'ann, cha do bhuail mi e na bu mhò."Nis tha mòran de dhaoine còire, socrach gungho 'sam bith nach urrainn am beachd no 'ndùrachd a leigeadh fhaicinn ach anns an dòigh so;agus tha iad 'gad fhàgail a' meamhrachadh ciod thaiad a' ciallachadh. Gabhaidh an t-simplidheadhdneo-chinnteach so a faicinn anns an fhreagairt athug seana bhean a bha 'san Ros Mhuileach air a'mhinistear, aon latha, nuair chaidh e g'a faicinnd'a bothan. Nuair dh' iarr e am Bìobull, 's e thubhairti: " An dà, mhinistir, cha'n 'eil Bìobull agam,an so nach 'eil dad air deireadh air leabhar IainBhuinian."


36 Thall 's a bhosThall 's a bhos 37Ged nach robh an t-seana bhean a' cur leabhair'sam bith an coimeas ris a'~Bhìobull, bha i anns andòigh labhairt ud a' leigeadh fhaicinn an deaghbheachda bh' aice air leabhar Bhuinian mar leabhara chionn's gu'n robh e a' mìneachadh dhith mòrande 'n Bhìobaill.Cha 'n ionann's mar a bha fear a thàinig a dh'fhaicinn sail bhrèagha dharaich a fhuair coimhearsnachda air a' chladach." Tha mise 'g ràdh riutsa, Dhùghaill," ars esan," ma's darach air fad i, gur tusa an duine fortanach."Tha mi creidsinn gur h-e sin seòrsa seanchaisis coltaiche ri blaomasdaireachd, mar a chluinneassibh mòran a' bruidhinn, 's gun iad fèin a' toirtumhail ciod e tha iad ag ràdh, mar a bha bodachcòir eile a bha togail tighe, 's a bha an aghaidh ginde chlachan matha bh' an seann togail faisg airlàimh, a chur am balla an tighe ùir a chionn gu'nb'e " sean chlachan " a bh' annta.Tha a' ghnè abairt so air a cur as leth nanEireannach; ach tha mòran de sheana Ghaidheilciontach deth cuideachd, co-dhiùbh 's ann bhoghèiread no bho mhaoilead a tha e tighinn. Achdòigh 'sam bith 'san robh e tighinn, bha na seanndaoine còire, socrach gu'n robh e buailteach, airsealltainn orra mar dhaoine bha làn àbhachd, annsa' choimhearsnachd, agus 'nan reuson a bhi toirtmòran fearais-chuideachd do na coimhearsnaich abh' air an dùnadh am mach an àitean iomallachde 'n dùthaich's air nach ruigeadh, ach air àmanglè annamh, rud 'sam bith a bheireadh togail noùrachas d' an inntinnean ach am fearas-chuideachda dheanadh iad fèin am measg a chèile's air cach*a-chèile. Chuireadh iad seachad an geamhradhtrom dorcha le bhi tarraing as a chèile; agusfaodaidh e bhi gur h-iad cleachdainnean de'nt-seòrsa so a dh' fhàg cho geur agus cho deas iad ambàrdachd, agus an uirsgeulan cho làn macmeanmna; a chionn, ged a bha na bàird 'gambreith, tha mòran aig cleachdadh r'a dheanamh anna bhi ag oilean's ag àrach a' bhàird bho mheatachdgu inbhe is gu neart.A nis, bha e 'na cleachdadh 'sa Ghaidhealtachdo shean, fad cheudan bliadhna, math dh' fhaoidteadh,na bàird's na fir-sgeulachd a bhi siubhal nadùthcha bho cheann gu ceann's a' falbh bho thighgu tigh mar luchd-foighe a' faotainn an loin le bhigabhail rannan's ag innseadh sgeulachd, gus an dodh' fhàs iad, mu dheireadh, cho dèisneach's gu'mb' fheudar cosg obann a chur orra leis na reachdanainmeil sin ris an abairteadh "Reachdan Ithe."Nis, ged a bha na daoine so 'nan gràin, mathdh'fhaoidteadh, cha'n 'eil teagamh nach robh ancleachdadh a bh' geurachadh am meamhairean'sa' neartachadh an mac-meanma ann a bhicur sgeulachdan is bàrdachd r'a chèile, linn andèidh linn, 's gach linn a deanamh ath-leasachadhair an linn a bha roimpe. Cha'n 'eil fhios agamnach do leugh cuid de mo luchd-leughaidh nasgrìobhaichean aig an Ruiseanach anabarrach ud,Munchausen. Ach bha seann daoine anns a'Ghaidhealtachd a bha muigh 's am mach ris an


38 Thall 's a bhosThall 's a bhos 39Ruiseanach so am mac-meanmna. Nuair a dh'ìnnseas neach an diugh fathast am Muile naidheachdneo-choltach ag aithris euchdan is driodfhortaneu-comasach their iad gu'm bheil e cho mathri Calum na Oraige fèin ; agus faodaidh e bhi gu'nrobh fear no dhà feadh na Gaidhealtachd cho mathmac-meanmna ri Calum 'na latha; agus b' olcairidh nach robh cuid de na h-ùirsgeulan air angleidheadh. Dh' fhaodadh iad a bhi an diugh choainmeil ri sgrìobhaidhean Mhunchausen fèin.Ach, a thighinn gu Calum na Craige; 's e seansheòladair a bha 'n Calum; agus bha mòran deuirsgeulan comh - cheangailte ri marachd. 'Nashean aois cha robh dòigh aige air a bheòshlaint achosnadh ach o bhi siubhal feadh Mhuile aginnseadh a dhriodfhortan fèin, ma b'fhìor; agus bhonach robh moran de a sheòrsa anns an àm, bhabheatha deanta's gach àite 'san rachadh e, aguscèilidh mhòr mhath 'sa h-uile tigh 'sam biodh e curseachad oidhche.Cha'n 'eil ach glè bheag de uirsgeulan Chaluimair chuimhne an diugh; ach am measg a' bheagaina chaidh a ghleidheadh tha h-aon a bhiodh e aginnseadh mu shoitheach air an robh e fèin 'nasheòladair. B' ann air meudachd na luinge adh'innseadh Calum a sgeul; agus air cho mòr's gu'mbheil na luingeis a thatar a' togail an diugh, cha'n'eil anns an luing is motha dhiubh ach geòla làmhri aon tè air an do sheòl Calum na Craige ri linn òige.Cha d' innis e c'àite 'n do sheòl e leatha ; ach thae coltach, nuair bhiodh i dol an aghaidh na gaoithe,gu'n toireadh i seachd bliadhna air aon laighe.Dh' fheumadh nach robh a' ghaoth fèin cho iomluaineach'sa tha i 'n diugh; ach co-dhiùbh, nuair a'bhiodh i dol a dh'atharrachadh gu'n chliathaich eile,bheireadh i seachd seachdainean a' cur an ceannagus aig an àm sin, sgrìobadh i na caoraich bhomhullach nam beann le bàrr a' chroinn-spreòite.Cha'n 'eil fhios co-dhiùbh bha 's nach robh nacroinn a' tighinn as an rathad air a ghealaich uairair bith; ach tha e coltach a rèir innseadh Chaluimfèin gu'n robh iad cho àrd's gu'm biodh am balachòg a rachadh a suas a phasgadh nan seòl air naslatan a b' àirde 'na sheann duine liath mu'n tilleadhe, agus a thoirt tuillidh dearbhaidh air àirdenan crann is meudachd na luinge bha taigheanòsda an ullaidean nan crann bheart, agus gàradhcàil 'sna crannagan.Is iomadh teintean air fad Mhuile aig ansuidheadh Calum na Craige gu socrach a dh'innseadhnan seòrsa naidheachd so a chur seachadcuid de'n oidhche fhada gheamhraidh. Tha e coltachgu'm biodh naidheachdan mòra dol air gachtaobh; agus cuid de na bhiodh anns an èisdeachda' feuchainn ris a' ghaoith a thoirt à siùil Chaluimle bhi cur uirsgeulan anns a' bheairt iad fèin. Achdh' aindeoin na dh'fheuchadh iad bhiodh daonnanclach aig Calum os cionn cloich Mhic Leòid.Ach tha e coltach gu'n robh aon duine anns anRos a rinn an gnothuch air Calum aon uair, achaon uair a mhàin. Bha Calum, aon turus a thàinige 'n rathad an Rois, a cur seachad na h-oidhche an


\40 Thall 's a bhosThall 's a bhos 41àite gle iomallach de'n dùthaich anns an robhmòran sluaigh aon uair, ach far nach 'eil an diughcìobair fèin, mur a tig e sgrìob as an ath bhaile.Ach, co-dhiùbh, air an àm so, bha na daoine lionmhoran Tir-earagoin; agus bha Calum air aoidheachda' cheud oidhche an tigh a' chùbair. Marbu dual e bhi, far am biodh Calum na Craige cursuas, nuair thàinig àm na cèilidh, bha tigh a'chùbair làn bho'n dorus gus an teintean.Thòisich Calum air na h-ùirsgeulan: feadhainnùra do'n t-seann luchd-èisdeachd, agus cuid de 'nt-sean fheadhainn do'n òigridh nach cuala roimheiad bho bheul Chaluim fèin—is cha b'e h-uile beul aliùbhradh cho math iad. Bha sgeulachd thall's abhos, ach cha robh a stigh na chuireadh ite aCalum. Tha e coltach co-dhiùbh mu na ceart àmanso gu'n robh daoine a' cheart cho dèidheil air dola rùrach a' chroinn-a-tuath's a tha iad an diughfèin, agus gu'n robh euchdan nan sonn a bha curam beatha an cunnart 's 'gan call, cuideachd, choiomraiteach anns a' Ghaidhealtachd iomallaich's atha iad an diugh, ged is lìonmhor paipearan naidheachd'nam measg seach uair an ud.Air an oidhche so thàinig cuspair a' chroinn-atuathair bonn, agus dh' fheòraich an cùbair deChalum, 's e caogadh ri càch, " ciod e cho fada tuath's a chaidh thu fèin, a Chaluim, ri d' latha." ChartCalum a mhuineal agus ars esan gu simplidh socrach" An dà, chaidh mi aon uair cho fada tuath'sgu'n do chuir mi ceannag chònlaich an dorus nagaoithe tuaith." Cha robh fìanuis aig Calum airan so na's mò na th'aig cuid a tha tagradh creideasas leth gnìomh de'n t-seòrsa 'nar latha fèin,agus cha robh ach gabhail ris, ma b' fhìor."Ach," ars an cùbair, "an cual thu grìocailùird an taobh a stigh dheth sin ? "Smaointich Calum, agus gun umhail gu'n robhe ann an rib, ars esan: " An dà, nis bho na tha mitighinn gu'm chuimhne, saoil nach cuala."" Sin agad mise, ma ta," ars an cùbair, 's mi curcearcaill air baraille."Cha robh aig Calum ach fuireach sàmhach aira' cheist so co-dhiùbh, oir dhearbh an cùbair arèir fìanuis Chaluim fèin gu'n robh e na b' fhaidetuath.A nis, cha'n 'eil Calum na Craige ach marchoimeas air neart mac-meanmna nan Gaidheal oshean. Bhiodh e 'na chleachdadh air uairean abhi dol an comh-fharpuis ri chèile anns a' ghnèsgeulachd so. Dh' innseadh iad cho sgaiteach's abha feadhainn mu'n cual iad, leis an t-saigheid, mara bha Iain beag Mac Anndra bho Loch-abar, noDubh-shìth beag a bha 'n Ile. Bha feadhainn eilea bha barraicht' air a' pheileir, mar a bha fear cìssheachnaidhnuair bha'n aona chrannach gu bhi 'nsàs aig luath-luing an rìgh, 's a chuir e'm pine àulaid slait an t-siùil mheadhoin leis a' pheileir, 's athuit an seòl air clàr-uachdair na luath-luinge gusan d' fhuair an aona-chrannach as.Chualas mu fhear eile bha cho math air a'ghunna 's nuair a bhiodh e dol a chomharrachadhnan uan, nach deanadh e ach seasamh air cnoc,


42 Thall 's a bhosThall 's a bhos 43agus chomharraicheadh e a h-uile fear dhiubh leisa' pheileir: toll 'san dara cluais is eagadh 'sachluais eile.Cha robh sìon a bha na seana Ghaidheil a'cleadcdhadh nach robh uirsgeulan mac-meanmnachair an aithris mu fhear eiginn anns gach àite athug barrachd air càch an ealantachd. Tha coltachnach do thilg duine-dubh riamh gath nosleagh cho cuimseach's a thilgeadh cuid de na seanGhaidheil am morghath. Bha na h-aibhnicheanmòra làn bradain's b'e'm morghath a h-aon de nah-innealan leis am biteadh ag iasgach iasg tarragheala' cham-ghuib ullaimh, agus tha naidheachdanair cuid a bha cho ealanta air a' mhorghath'sgu'n saoileadh tu gu'n amaiseadh iad am bradanna'm faiceadh iad lùb anns an d' thug e plub.A rèir naidheachd a dh' innis seann duine dhomhfèin, tha e coltach gu'm b' e Muileach fear a b'fhèarr an Albainn r'a latha air cath a' mhorghath.Thachair do'n duine so bhi air thurus am Peairtaon uair, agus chual e iomradh mòr air bradan abha r'a fhaicinn a' dol a suas an abhainn Thathamu'n aon àm a h-uile bliadhna, agus cha robh duinemar mhìltean mu'n cuairt nach robh a' tighinn afhreiceadan a' bhradain aig an àm a bu chòirfhaicinn, agus a' feuchainn ri breith air an iasganabarrach so leis an tri-mheuraich; ach air chomath 's gu'n robh muinntir Pheairt air a' mhorghath's abha iad 'gam meas fèin mar na daoine b'ealanta an Albainn, dh' fhairtlich orra riamh ambradan mòr a thoirt gu tìr. Thachair gu'm b'e 'nt-àm a bha fiughair ris a' bhradan, a bh'ann, aguscha robh fear nach robh a mhorghath deas. Aonlatha Sàbaid chunnacas am bradan. Bha na ceudanair gach taobh de'n abhainn air tighinn le ionghnadhg'a fhaicinn agus morghath an dèidh morghathtoirt plub as a dhèidh; ach gun a h-aon diubh dol achòir a' bhradain. Bha aon luidealach de bhodachan sin aig an robh sean mhorghath bha glogail aira chois, agus thubhairt am Muileach ris gu'n robhtoil aige a làmh fheuchainn air a' bhradan, 's gu'mbiodh e 'na chomain na'n toireadh e dha am morghathg'a thilgeil. Thug am bodach dha iarrtas.Bha'm bradan dìreach a' dol fo dhrochaid Thathanuair a thog am Muileach, 's na ceudan a' sealltainnair, am morghath os cionn a chinn. Thilg e i. Gumi-fhortanach dh' fhalbh an t-iarann bhàrr na coise;rach ged a dh' fhalbh, ars am fear a dh' innis annaidheachd, rinn an tri-mheurach nead an cùl cinna' bhradain. Leum am Muileach gu taobh eile nadrochaid, is cas a' mhorghath 'na làimh. Nuairthàinig am bradan ris, thilg am Mhuileach a' chascho cuimseach's gu'n do stob e 'n iarann a' mhorghathi cho diongmhalta's ged a chuireadh saor anni. Chaidh breith air a' bhradan mhòr mu dheireadh; ach leis an eud a bh' air na Pèairtich ris aMhuileach, b'fheudar dha am baile a thoirt focheann an oidhche sin fèin, no cha bhiodh a bheathasàbhailte.Tha mi meas gu'n robh barrachd de mhacmeanmnais de ghèiread mar so am measg nanGaidheal o shean na tha'n diugh.Agus faodaidh


44 Thall 's a bhosThall 's a bhos 45e bhi gu'n robh deanamh barrachd smaointinneannucir bha iad air an glasadh air falbh bho'nGhalldachd, is nuair nach robh uiread de litricheas,aon chuid am Beurla nan Sasunnach no anGàidhlig, 'nam measg 's a tha 'n diugh, nuair, anàite h-uile duine bhi smaointinn air a shon fèin, atha iad leigeil le càch a bhi smaointinn air an son,agus gheibh iad am paipearan's an leabhraicheana theid chuca as a' Ghalldachd rud tha seasamhna làraich do 'n bhàrdachd is dona h-uirsgeulan abha aon uair a' sruthadh bras as an cinn fèin.Chuala sinn iomadh uair cho deas-fhocleich'sa bha na bàird fèin nuair a thachradh iad air achèile, agus cho deas's a loisgeadh iad air a chèilean tionndadh na boise, agus an ranntachd sgaiteachgeur-mhagaidh. Agus gun a bhi tighinnthairis air cuid de'n t-seòrsa ealantachd so a bha'n comh-cheangal ri buadhan a' Ghaidheil a leughadhcheana: cha dean mi ach eiseimpleir ghoirida thoirt an so air gèiread cuid de mhuinntir a chinndùthcha d'am buin mi fèin.Bha aon bhoireannach am braigh Rois Mhuilichris an abramaid mar fhar-ainm: Curstan nanGobhar. Bha Curstan iomraiteach feadh ceanniar Mhuile air son gèiread is sgaiteachd a teangaidh.Thachair aon latha do mhnaoi à ceannìochdrach an Rois dol rathad Bhrolais, agus air anrathad rinn i suas ri tè b' aithne dhith. Bha 'ndithis a' coiseachd air an socair a' cracaireachd,nuair cò thachair orra ach Curstan nan Gobhar.Sheas iad greis a bhruidhinn, agus nuair dhealaichiad dh' fharraid a Bhan-rosach de bana-chompanach,am b' i sud Curstan nan Gobhar, 's i 'ga h-ainmeachadh air a far-ainm. Chual Curstan i,agus thionndaidh i air a sàil agus ars ise an tionndadhna boise:" Cha robh gobhar oirr' a shilidh,No mart a dhìreadh ri àirigh;Ach carbhanaich ghuib an dubhain,Is lugaiche dubha Cheann-tràghad."'S ann à baile beag iasgaich ris an abrar Ceanntràghada bha 'n Bhan-rosach; agus b' ann air ansin a bha a' bhana-bhàrd a' tighinn anns an t-sathadh a thug i seachad gun smaointinn thall nobhos, ach tighinn am mach le rann sgaiteach gurèidh, socrach.Bha aon uair mòran dhiasan air feadh an Roisagus Ithe; ach rud a tha sinn an diugh duilich aira shon, cha deach ach gann aon làn dùirn fèindiubh a dhìoghlum. Bhàsaich an fheadhainn mudheireadh d'an do liùbhradh iad, is fhuair anfheadhainn a thainig 'nan dèidh a suas ri leughadh,gu sònruichte, litreachais Ghallda, 's nach robhiad aig an dragh a bhi meamhrachadh bàrdachdis rannaidheachd na dùthcha mar a rinn anathraichean.Cha robh I gun bhàird ged nach eil mòrancuimhne orra, mar a bha Aonghas Mac Laomainnagus Am Baistear, bho'n is iad an dithis mudheireadh a bh' ann; agus bha iad, a rèir a'bheagain de'n cuid bàrdachd air am bheil cuimhne,


46 Thall 's a bhosThall 's a bhos 47'nan daoine geur, breathnachail, cùiseil. BhaAonghas Mac Laomainn fèin cho measail anns anrathad sin's gu'n robh e air a thaghadh le muinntiran Eilein mar sheòrsa dè bhreitheamh, a sgoltadhceartais nuair dh' èireadh mi-chòrdadh eadarcoimhearsnaich. Tha e coltach, ged dh'fheumteadhgabhail r'a bhinn, gu'm biodh mi-rùncuid ris. Bha e aon latha mar an còrr de nacoimhearsnaich a' cairtearachd feamainn, agusuair de na i-uairean, thachair e fèin is fear eileair an rathad. Bha cas ghoirt aig Aonghas, agus'ga sàbhaladh, chuir e bròg ìosal, shracte oirre.A mhagadh air caisbheairt Aonghais, 's gun e anrùn math da co-dhìùbh, ars am fear eile :" An dara cas is bròg oirre;'S a' chas eil' is bòtainn oirre;'S iongantach an còmhdach eAir seòrsa de dhuin-uasal."Sheas Mac Laomainn is sheall e tacan 'san làr,agus an sin thubhairt e:" Tha iomadh rud nach saoil thu ann;Tha cloich an àite fraochain oirre;'S h-uile h-àite sgaoileas iad,Ial chaoraich theid g'a fuaigheal."Bha bàta aig Mac Laomainn's aig a' Bhaisteacheatorra, leis am biodh iad ag iasgach's ag aiseagmòna as an Ros. Ach bhiodh am Baisteach a' dolglè bhitheanta air an t-Sàbaid thar a' chaoil do'nt-searmoin; agus aon fheasgar an sin, 's amBaisteach 'na èisdeachd, thòisich Mac Laomainn,am fealla-dhà air òran a dheanamh do'n drochdhìol a bh' aig a' Bhaisteach air a' bhàta :" Coma leam fèin do chompanas bàta ;Thusa 'ga bristeadh, is mise 'ga càradh;Coma leam fèin do chompanas bàta.Tha e air innseadh gu'n do rinn am Baisteachfonn agus ceathramh gu fhreagradh, agus gu'n robhan dara fear a' fuireach ri ceathramh an fhir eile.Rinn mi dìcheall air cuid a' Bhaistich fhaotainn,ach dh' fhàilnich orm facal fhaotainn ach am fonna mhàin. Chaidh an còrr far an deach mòran d'asheòrsa: far nach fhaighear tuillidh e. Ach b' e'm fonn—agus bha e air an aon seis ri rannan MhicLaomainn:" Coma leam fèin luchd-cithein is cànrain,Ged nach ann sgìth de'n comunn a thà mi;Coma leam fèin luchd-cithein is cànrain."Tha cuid Mhic Laomainn de'n òran air faotainn;ach bho nach urrainn mi cuid a' chompanaich athoirt seachad, cha do rinn mi ach dà rann a thoirtsìos. A' freagairt a' Bhaistich, thubhairt e:" Nuair thèid thu do 'n t-searmoinA dh' èisdeachd Mhic Fhearghuis,Bidh is'fen an DeargphortAir fetmraig gun chàbal."" Nuair bha i fo chomraichDo shùil Dhòmhnuill 'ic Dhonnachaidh,


48 Thall 's a bhosCha'n fhaiceadh tu guileamainBho fòr-dhruim gu h-aparain."Chaidh am Baisteach do America, agus tha ecoltach fu'n robh e ri bàrdachd gus an do bhàsaich,ach. gann. Ach, rud a tha glè dhuilich,cha'n 'eil mòran d'a bhàrdachd air chuimhne anAmerica na's mò na aig an tigh.Cuiridh mi crìoch air a' phaipear so le a leigeadhfhaicinn cho deas agus cho sgiobalta's a rachadhe am bàrdachd le glè bheag de roimh-smaointinn.Aon uair an sual, mu'n d'fhàg e a dhùthaich reice reathachan ri coimhearsnach da. Thàinig anduine so air feasgar Sathuirne a phàigheadh nanreathachan; ach bha e tasdan gann, agus gheall e'm balach a chur leis 'sa mhaduinn Di-luain. Chomath ri fhacal, ràinig am balach leis an tasdan,agus thubhairt e ris a' Bhaisteach gu'n robh athairag iarraidh sgrìobhaidh air an airgead." Gheibh thu sin, a laochain," ars am Baisteach,'s e suidhe ri bòrd sgrìobhaidh; agus an tiota,shìn e do'n bhalach sgrìobhadh anns an dubhairte mar so:" Moch Di-luain a fhuair mi tasdan,Chuir thu nall le d' Mhac Iain ruadh;Cha leiginn leas a bhi 'n teagamhGu'n cumadh tu bheag dheth bhuam.Bidh so 'na ghnothuch cinnteach,Bho'n's e sgrìobhadh a tha bhuait,Gu'm bheil na reathachan pàighte ;'S guma slàn a ni iad uain."Buaidh leis na Seoid.Le Alasdair Mac Griogair nach maireann a bha'na mhaighstir-sgoil an Dul, Apuinn namGleus Bi.( • Bi • si\ FaigheadhmAndgumDubhRANN.Meinnearach.dcliùdot, sceòlmhorrgachs'sguf : 8 . ffhreiceadan1) • li 1 Si d m 1 s rFearail, ceannsgalach, cruadalmrann-fhearbinn nn, }m dGaidhleach• m 1 r 1, li 1 li \a dh' àraich na glinn; /1 mi Bi . si 1 d : 8,Cuimir, fuasgailteach, finealt-• *i 1 1« ft ., f, 1 fi \a, alàinteil 'sa chom, /. f 1 m • d ., d 1 dach,treUQ agus trom.1ftI is.• t, 1 ll : f .. f 1 frobh buaidh leia na seòidr 1 ta, : si ., s' 1 8,each, gharg agus bheò}ghuin- /


50 Buaidh leis na SeoidBuaidh leis na Seoid 51f • « l : mi 1 fi li • SI 1 B, d1 Chaidh do bhuillsgean nam Frangach: 8f1 Is. r 1 m r •, r 1 rmar ghaoth dol 'sa cheò ;)• *v 1 s m . r 1 d Binach d'fheuch fathast cùl do• Si 1 li : f, ., fi f, ìneach riamh nach robh leo;: 1 ] • li 1 S, : d . m 1 r si\ Oir cha striochd sliochd nan garb-chrìoch,, f 1 m : d ., d 1 d 1is annta an deò.1'S math thig breacan an fhèilidh gu lèir do nasuinn;Osain ghearr air an calpannaibh, dòmhail, geal,cruinn;Agus iteagan dorch air slios gorm-uidheamcheann:Sud i èideadh nam blàr, 's cha b' i 'n tèfhada, theann!'S iomadh deuchainn a fhuair na fir àrdanach,bhras,Bho nach gèilleadh dhiubh làmh, 's bho nachtionndadh dhiubh cas,Bho nach fhaodadh gu'n caoch'leadh andualchas no 'n cleachd,Leis an d' fhàgadh gun samhladh an sinnsir'sa ghleachd.Mar a bhlàth mhaduinn shamhraidh iad ciùin annan sìth;Ach mar gheamhradh nam beann aca searbh annan strìth;Sgaiteach, gruamach, a' luaithreadhnaimhdean le feirg,'Gan cas-ruagadh's 'gan sguabadh à àraichibhdearg.Mar is gairge an nàmh, mar is cruaidhe an cath,'S ann is àirde 'n sin inntinn luchd-thrusgan nandath;Tha 'san dòruinn a' fàs anam mòr dhaibh airfad,Leis an reub, leis am mill, 's leis an claoidhiad gun stad.Rinneadh gnìomhara leo anns gach tìr chum andeach,Bhios 'nan ìonghnadh's 'nam mìorbhuil gu bràthdo gach neach;Cha leig air dearmad an saoghal an treuntasgu sìorFhad 's bhios spèis agus mòr-mheas doshaighdearachd fhìor.an


Gaol a' Bhaird 53Gaol a' Bhaird.sSjSzfè s iomadh sgeul iongantach a th' air an aithris;•; mù thimchioll air luchd nan luinneagananns a' Ghàidhealtachd. Is aon cho tiamhaidhagus cho muladach sa tha dhiubheachdraidh Ailein Mhic Mhàrtainn, aig anrobh aignidhean an fhìor bhàird, agus achuir ri chèile duanagan sònruichte milis, a th' airan seinn gu minic, eadhoin gus an latha diugh.Anns a' bhothan dhìblidh bidh a' bhean òg ri crònandhiubh, mar a bhios i a' tàladh a leinibh gu cadal;air raon is air leacainn bidh am buachaille lùthcheumach'g an seinn gus am freagair dha mactallanan creag; agus am mach air ceann nan lìonbidh an t-iasgair neo-mheata a' togail le mòrshunnd nam fonn binne, blasda aig Ailean bochd.O òige bha'm bàrd so sgaomach, neo-stèidheil.Shiubhail e air seabhaid ach beag gach ceum de'nGhàidhealtachd, a' cur ri chèile dhànaibh grinneris an do ghabh cridhe an t-sluaigh gu grad. Bhae sunndach, suairce, soirbh 'na dhòigh, agus choisneadhe càirdean agus companaich dha fhèin annsgach àite san deanadh e tathaich. Cha robh eriamh duilich dha cuid na h-oidhche fhaighinn obhochd no o bheartach, agus dh' fhaodadh e a ràdhmar a thuirt am fear roimhe" Chan eil baile beag sam bi miNach toir mi greis ann a' cur mo sgìs dhìom,Is bheir mi làmh air mo leabhar roìmhachA' gabhail dhuanag 'sa' buaireadh nìonag !"Thachair dha a bhi air chuairt sa' GhleannGhorm am feadh a bha banais a' dol 'na h-uidheaman aon de thaighean na tuatha. Mar bu dùth ismar bu dual, fhuair e cuireadh. Mu'n robh a'chuideachd fada cruinn, laidh a shùil air an aonghnùis bu bhòidhche, ar leis, a chunnaic e riamh.Aon phlathadh fhuair e de'n ìomhaigh luraich ud,agus, an tiotadh, chaidh i às an t-sealladh mar abha'n dannsa dol gu luath, aighearrach air aghaidh.Ged a rinn e rannsachadh dìchiollach rè an fheasgair,dh' fhairtlich air an t-ath shealladh fhaighinnde'n nìonaig àillidh, no foirbhis sam bith a thionalm'a dèighinn. Ach, anns an tiotadh a bha i m'achoinneamh, lìon gaol domhain agus trom a chridhe,agus fois so socair cha b'urrainn dha fhaighinn gusan tachradh e a rithisd air an òighe mhaisich—bàrr-gheug an dannsaidh.Dh' fhàs e luaineach agus neo-shuidhichte. Mabha e gaolach air siubhal is falbhan roimhe, bha antubaisd uile nis air. Bu duilich dha fuireach rofhad an aon àite. Bha a ghaol ga fhògradh ancòmhnuidh air aghaidh. Thriall e roimhe, ochlachan gu clachan, a chuid bàrdachd a' fàs na bubhinne agus na bu tùrsaiche mar a bha a spiorada tuiteam na b' ìsle le dìbheil misnich. Aig a'cheart àm, chinn an sluagh na bu mheasala agusna bu dèigheala air a chuid dhàn, oir bha an cridheachanfèin briste, brùite, leointe an deigh gach


54 Gaol a' BhairdGaol a' Bhaird 55sgiursaidh agus ainneart a dh' fhuiling iad fèinagus an sìnnsre an lorg dhroch laghanna fearainn.Latha de na laithean, thill Ailean air ais do'nait às an d' fhalbh e — do'n Ghleann Ghorm.Thachair e air neach do'm b' aithne Flòiridh Ni'cLeoid, an ainnir cheutach air an robh e an tòir.Dh' iarr agus fhuair e seoladh an rathaid dh'ionnsuidh an ionaid san robh i an tàmh. Tharruingiad ri chèile an còrdaibh càirdeis, blàth agus fiorghlan,agus bu tric leo sràidean fada ghabhailcòmhla. Uidh air n-uidh, thuit ise cheart cho troman gaol air-san agus a bha esan cheana oirre-se.Gun dàil bha gealladh pòsaidh eatorra, agus rèlaithean, sheachdainean agus mhìosan bha cupanan sòlas agus an sonais air tì th cur thairis. Bhacridhe Ailein a' snàmh an cuan gràidh, agus, airleis nach robh tuiUidh nì air thalamh a bhacomasach air campar no dorran a chur air a spiorad.Biodh ann bàs no beatha, b'i chuid san Flòiridh,agus b'i'n uaigh a mhàin a dheanadh an dealachadh.Bu ghearr an t-àm, ged bu bheag a dhùil ris,gus an robh a dhòchas agus a shuaimhneas ri'ntilgeadh bun os ceann. Air dhaibh a bhi aonfheasgar a' gabhail cuairt, dh' innis i dha gu'n robhi an ùine ghoirid ri bhi pòsda ri fear eile. Bhòidichi gur ann aige-san a bha gaol a cridhe; ach, thuirti—" Ailein, a luaidh nam fear, chan fhaod sinn achèile fhaicinn gu bràth tuinidh.Is duilich leamri ràdh gu'm bheil, o so suas, do rathad fèin agadsaagus mo rathad fèin agamsa."Thuit am buille air Ailean is gun e 'na earalas.Rè tamuill cha robh fios aige ciamar a labhradh e.Thionndaidh e cho bàn ris an anart, agus thàinigtuainealaich 'na cheann. An sin bhrùchd fheargam mach mar thuil nan eas. Las a shùilean lecorruich, agus theann e ri Flòiridh a chrathadh gugarg, neo-chaoimhneil air ghualainn." A bhuidseach dhubh an uilc agus na foill," arsesan, " gu'm mallaicheadh an Dia Uile-chumhachdachthu fèin, do chuid agus do chàirdean, gus antreasamh agus a' cheathramh glùn, agus gu'm b'elasraichean teangach, teinntidh a bhios dhuit nandeise bhainnse. Sin agad mo ghuidhe agus modhùrachd. Gu'm b'e deamhain bu chompanaichdhuit rè tìm agus bithbhuantachd!"Air dha na briathran eagalach so a chrìochnachadh,mhaoidh e air a leannan gu borb, nàimhdeille a dhòrn dùinte. An sin thionndaidh e airfalbh, agus ghreas e às a fianuis.Làn de uamhas agus de bhreislich, agus a' clisgeadhroimh gach duilleig a thuiteadh o chraoibh—b'e am foghar a bh'ann—theich Flòiridh dhachaidhagus thug i a leaba oirre. Cha b'e cadal a bh' aira h-aire, oir bha cruth agus dealbh Ailein a ghnàthfa chomhair a sùl, agus a mhallachd a' seirm guntàmh 'na cluasan.Dh' fhuirich Ailean Mac Mhàrtainn anns a'choimhearsnachd. Bhuail an t-aithreachas gu h-ealamh e air son cho searbh sa labhair e, agus bha


56 Qiiol a' BhairdGaol a' Bhaird 57toil aige facail bhruidhne fhaighinn a rithisd deFhlòiridh. Bha dhìth air cùisean fhaighinn air ammìneachadh.Tacan an deigh na h-iorghuill, bha Flòiridh airfalbh o'n taigh ag amharc chàirdean dhi. Bha igreasad dhachaidh am beul-na-h-oidhche. Bhabraonaibh mòra troma de uisge a' teannadh rituiteam. Bha gaoth làidir a' sèideadh le sgaleagalaich troimh na bealaichean, agus chluinnteriaslaich ghàbhaidh an tràsda sa rithisd mar a bhacraobhan aosda, daraich air an spìonadh às amfreumhan agus air an tilgeadh gu làr. Am bailbhebhig a thàinig air an doininn chuala Flòiridh lapancoise tighinn gu dlùth 'na deigh, agus, a' trusadha cleoca na bu sgiobalta mu'n cuairt dhi, thar i àsan deannaibh nam bonn. Cha b'fhada ruith i anuair a dh' fhairich i làmh air a gualainn, agus nab'fhaide cha b'urrainn dhi dol. Thionndaidh i,agus chunnaic i aodann bruaidleanach an teannainris an do chuir i cùl. Ach, O! bu mhòr am mùthadha bh' air tighinn air o'n choinnich iad roimhe.Bha shùil, a b'àbhaist a bhi dearrsadh le dealas agusgràdh, a nis air fàs Samhach agus luaineach. Bhaa ghruaidhean air teannadh a staigh agus airseachdadh mar gu'm b'ann le aois, agus bha fhaltceutach, bàn 'na chròic gun chìreadh a sìos m'aghuailne. Cha robh fios aig Flòiridh dè a theireadhno dheanadh i. Oha robh e an comas dhi ceum athoirt no glaodh a dheanamh, agus bha cobhair fado làimh." A Fhlòiridh," deir Ailean agus crith 'na ghuth," na crup air falbh uam. Oha robh mo chiall agaman oidhch ud. Abair rium, a cheist is a thasgaidh,gur ann ri feala-dhà a bha thu."Oha d'thuirt ise diog, ach dh' fhalaich i a h-aodann 'na basan agus thòisich i ri gul. Thaomesan am mach a chridhe dhi, ach cha b'fhada gusan do thuig e gu'n robh a bhriathran an dìomhain." A Fhlòiridh, an ann mar so a tha ? " dh' eighe gu h-àrd; " an e so duais mo ghaoil dhuit ? Nachinnis thu dhomh."Oha d'thug i freagradh air ach guileag chaoinidh."A Fhlòiridh," ars esan a rithisd, "amhaircorm, mo chaileag bhòidheach. Seall air an fheardo'n do gheall thu gaol do chridhe. Dh' fhadaichd'aghaidh mhàlda ann mo chom gaol gun cheann,gun chrìch, ach air leam a nis gu'm bheil sealladhdo shùl air tionndadh gu teine ifrinn no beithirbhorb nan speur. Thàinig mùthadh mòr agusiongantach ort, 'eudail nan nighean. Chaill doghuth a chiuine agus a chaoine, agus is amhuil a 1nis e ri sgread neo-chaoimhneil a' chlamhain. Càitam bheil an suairceas ? c' ait am bheil am banalas ?agus c'àit am bheil an t-eireachdas a b'àbhaist a bhi'g ad chuartachadh, eadhoin mar fhalluing ? Thamo shùilean air at le deuraibh—deuraibh a thadiultadh sileadh. Tha mo chridhe fo phràmh agusfo iomaguin. Tha m'anam air cromadh a sìos fobhròn agus fo mhulad nach urrainn mi chur dhìom.Tha m'inntinn agus mo bhuadhan air fàilneachadh.Och is duine truagh mi, ciod a dh' èireas dhomh !


58 Gaol a' BhairdGaol a' Bhaird 59Ohlaoidh thu mi, mheall thu mi, mhill thu mi. Led' bhòidhchead agus le d' bhrìodal dh' fhoghainnthu dhomh. Bòidhchead agus brìodal mo dhunach!Tharruing thu truaighe neo-chrìochnach air mospiorad. Is coma dè dh' èireas dhomh tuillidh, iscoma de'n tràigh air an tilgear mi. Dh' fhalbh moshonas, dh' fhalbh mo shòlas, agus b'e latha modhòruinn a cheud latha fhuair mi sealladh dhiot.Is ann aig an Uile-fhiosrach a mhàin tha brath chomòr is a thug mi gaol dhuit. Gu'n tugadh Esanmaitheanas dhuit air son do chuid meallaidh agusdo chuid foill."Dh' fhàg e i, agus thog e air an àird am bruthachle ceum frith-leumach, tuisleach. Bha a shùileanair an làr, agus cha d'amhairc e 'na dheigh gus andeachaidh e às an fhradharc thar guala na beinne.Agus chum an t-uisge air tuiteam, a' ghaoth airsèideadh agus na craobhan cràcach, daraich airgreim nan iomadh linn a chall de'n talamh. Chaidhrìgh nan soirbheas gu dhùbhlan.Gus an deachaidh Ailean thar faobhar an t-slèibhe chum Flòiridh gu geur a sùil air. Mar ab'fhaide bha e dol air falbh uaipe b' ann bu mhò abha a cridhe a' fàilneachadh 'na com. Mu dheireadhchaill i sealladh air. An sin leig i i fhèin 'nasìneadh air an raon fhliuch, fhuar; thòisich i airgul, agus ghlaodh i gu h-àrd 'na dheigh e a thilleadh.Bu dìomhain a caoidh agus a h-ochanaich.Cha toir aithreachas agus bròn daonnan air an aisna sochairean a chaill sin le'r coire agus le'r n-amaideachd fèin. Bha Ailean a' siubhal gu luath,astarach, agus bha e cheana còrr is mìle air falbh.Agus chum a' ghaoth air sèideadh.O'n uair sin am mach, thàinig caochladh mòragus comharraichte thairis air giulan, caithebeatha,agus bàrdachd an òganaich. Bha an spioradaige air a bhriseadh, bha inntinn air a meatachadh,agus bha rùintean olc agus dìoghaltach air dùsgadh'na chridhe. Dh' fhàs na h-òrain aige tiamhaidhagus buaireasach thar tomhais, agus b'fhurasd athoirt fainear gu'n robh iad air an cur ri chèile leneach aig nach robh sìth no suaimhneas. Sgaoila chuid bàrdachd air feadh na Gàidhealtachd gulèir, agus chinn i gu h-ealamh am meas is am miadh.Bha an sluagh, mar a thuirt mi cheana, dèigheilair òrain mhuladach, oir b'ann muladach an iomadhdòigh a bha'n suidheachadh agus an crannchurfèin. Air an aobhar sin, ghabh iad le mòr dheothasri duanagan agus dànaibh Ailein. Chuir esan achlàrsach thùrsach air ghleus agus dh' èisd iadsan.Chaidh mìos no dhà seachad, agus thàinig anoidhche san robh Flòiridh ri bhi air a pòsadh risan fhear ud eile a roghnaich a muinntir air a son.Cha robh e 'na rud ùr no anasach a chluinntinnanns an àm ud am measg Gàidheal no Ghall gund'thug nìonag seachad a làmh gun a cridhe aigiarrtus agus comhairle a pàrantan. Tha'n cleachdadhso nis air sgur gu mòr am measg na tuathaagus an t-sluaigh chumanta, ged a gheibhearfhathasd e am measg mhaithean agus dhaoinesaibhir. Is e " gaol-an-airgid" is freumh dhà.Chan eil aobhar air a chumail suas far nach eil


62 Gaol a' BhairdGaol a'Bhairdbhainnse dhi, a rèir a ghuidhe a rinn Ailean 'nadheifir.Cha d'thug mealltaireachd agus geallana bristeam mach toradh math riamh. Cha bhi soirbheachadhair fleasgaichean no air maighdeanan aignach bi suim d'am briathran agus d'am bòidean.Tha bròn agus mì-sheilbh a' leantainn gu dlùthan deigh cuilbheartan agus cluaineireachd. Chaseas a' bhreug gu bràth air a leth-chois.Ach, ciamar a dh'èirich do Ailean bochd andeigh bàs Flòiridh ?Mhothaich e gu math gu'n robh e 'na mheadhoinair ciorram eagalach. Ghreas e air falbho thaigh na bainnse—a bha nis air a thionndadhgu taigh bròin—ceart mar gu'm biodh an tubaisdàs a dheigh. Cha robh seachnadh aige air allt noabhuinn, air meall no monadh, ach air aghaidhdh'fheumadh e dol. Dè an rathad a ghabhe, no c'uin a stad e, cha d'fhuaireadh riamham mach. An uair a chunnacas a rithisde, bha a choltas air mùthadh deich uaireanna bu mhò na bha e riamh roimhe. Bhaa chiall agus a reusan gu buileach air a thrèigsinn,agus cho robh umhail aige do nì no do neach.Bha tàlant na bàrdachd, a bh'aige cho pailt, aira toirt gu buileach air falbh uaithe. B'ionmhuinnleis fhathasd a bhi tadhal nan coireachan agusnan coilltean, ach cha robh suim aige do'n àillidheachdno do'm maise. Thigeadh earrach agussamhradh, foghar agus geamhradh mu'n cuairt,aon an deigh aoin, a rèir cùrsa nàduir, ach chatogadh gin dhiubh fonn no sunnd 'na chridhe.Cò a shaoileadh gu'm b'e so esan a chuir ri chèilecuid de na duanagan bu mhilse agus bu ghrinn ea chaidh riamh a sheinn an Tir nam Beann ?Mar a dh'fhalbh a reusan, dh'falbh mar anceudna a chuimhne. Dh'fhaodadh neach labhairtris m'a thimchioll Flòiridh, ach cha lasadh a shùil,agus cha ghluaiseadh a spiorad. Bha gach comasbreathnachaidh air teicheadh, agus, gu cinnteach,b'e sin an dà latha.Air maduinn shònruichte thàinig e, agus gunfhios ro mhath aige c'àite an robh e dol, am fradharcan taighe san do chaochail Flòiridh, agus sanrobh a pàrantan fhathasd an tàmh. Air dhòighair chor-eiginn, thug sealladh na fàrdaiche so airais boisgeadh d'a chuimhne. Thog e an àirda làmhan agus dh'èigh e—•" A Fhlòiridh, a ghaoil, a ghaoil, faic t'Aileana nis!"Le so a ràdh, thuit e air ais gu trom air antalamh, agus an sin laidh e, gun làmh no casa ghluasad, no eadhoin osna a tharruing.Laidh e an sin fad mòran uairean, gus m'adheireadh am facas e le cuideiginn a bha gabhailan rathaid. Bha e fuar, marbh, amhuil mar phlocde'n talamh. Cha do leig an sluagh às an inntinnan cabhaig gach allaban a dh'fhuiling e. Cha mhòa leig iad air dì-chuimhn am mallachd searbh a thuge agus a chaidh a choimhlionadh air mhodh choiongantach agus cho soillear. Is tric a dh'aithrisearfhathasd an taigh na cèilidh eachdraidh Ailein


64 Gaol a' BhairdMhic Mhàrtainn, agus sgeul a' ghaoil a thug e òg.Oho fhad sa bhios Gàidhlig air a labhairt, bidha chuid òran air an seinn gu minic le iarmadOisein agus Fhinn.L. M. U.Clann an Righ fo Gheasaibh.•fèfa^^fc, HA uaireigin ann an tìr fad as, Rìghagus Banrighein, agus bha aca tri mic^Sp^t. agus nighean, agus mu'n robh an•r\- IF' 1 n ighean ach òg, dh' fhàs a'Bhanrighinntinn, agus ghabh i am bàs d'ah-ionnsuidh fèin, agus chuir i fiosair tè as am b'urrainn i earbs a chur, gus ibhi 'na muime-chìche aig an nighinn. Thàinig antè a bha a' Bhanrighinn ag iarraidh, a ghabhailcùraim de'n nighinn. Thuirt a' Bhanrighinn risa' bhan-altrum, " Ma's e 's gu'n tig bàs athghiorraorm-sa, tha mi a' cur mar chomraichort-sa, gu'n gabh thu cùram de mo nighinn 'sgu'n toir thu foghlum di," 's gheall a' mhuimechìchegu'n deanadh i sin. An ceann beaganlaithean, fhuair a' Bhanrighinn bàs, agus bha annighean air chùram a muime-chìche.An ceann beagan bhliadhnachan, smaointich anRìgh air pòsadh a rithisd, agus chuir e a thri mic's a nighean agus luchd-freasdail a ghlèidheadh angnothuichean an òrdugh dhaibh, a stigh do dh'àited'am b'ainm an Lùchairt Eibhinn.Air chùl na gaoithe's ri aodann grèine,Le an dìol deoch's an leòir de bhiadh,*Is ann am measg a cho-chruinneachaidh ainmeil sin aig I. F.Caimbeul nach maireann a fhuaireadh an seann-sgeul so. Faodar aràdh nach deach a chur an clò riamh roimh so. Fear An Sgeulaiche.E


66 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 67Far am faiceadh iad gach neach,'S chan fhaiceadh a h-aon idir iad,agus bha trian de'm biadh, 's trian de'n deoch, 'strian de gach ni a bha air a thoirt do thigh anRìgh, ga chur a stigh an sin, 'nan ionnsuidh a h-uile latha, agus bha a muime-chìche comhla ris annighinn, a' toirt foghluim di.;Phòs an Rìgh bean eile, agus ri tìm, bha aicetri mic, agus bha farmad mor aig a' Bhanrighinndheireannaich ri clann na ceud mhna a bha aig anRìgh, agus aig ceann na h-uibhir do bhliadhnachan,an uair a bha a clann fhèin a 'fàs suas, bha i rothoileach nam faigheadh i dòigh air clann na ceudBhanrighinn a chur as an rathad. Dh' innis i asgeul do Chailleach nan Cearc. Thuirt Cailleachnan Cearc, gu cinnteach gu'm bu mhòr an anstruigha bhi 'glèidheadh suas dà theaghlaich.Thuirt a' Bhanrighinn gu'n tugadh i ceannach airiad a bhi as an rathad. Dh' innis Cailleach nanCearc gu'n robh druidheachd aig an Eachalair-Urlair, 's gu'm b'urrainn di-se an cur air dòighnach cuireadh iad tuilleadh dragh uirre.Chuir a' Bhanrighinn fios air an Eachalair.Thàinig i. Dh' innis a' Bhanrighinn do'n EachalairUrlair gu de bha i 'g iarraidh. "Chan urrainndomh ni air bith a dheanamh orra, am fad 's abhiodh iad a stigh 'san Lùchairt Eibhinn: achnam faighinn a mach iad, dh' fheuchainn gu de aghabhadh deanamh." Rinn iad cumhnant ri chèile.'Na dhèidh sin, a' cheud uair a fhuair a' Bhan-righinn tìm air a bhi 'cainnt ris an Rìgh, ghabh ifàth air, ag radh," Tha clann na ceud mhna a bh' agad,Anns an Lùchairt Eibhinn,Air chùl gaoithe's ri aodann grèine,Le'n diol deoch, 's an leòir de bhiadh,Par am faic iad-san na h-uile duine,'S chan fhaic duine idir iad.B'fhearr leam fhèin gu'n robh iad a mach còmhlari mo chloinn fhèin; oir, am fad's a bhiodh iad astigh 'san Lùchairt Eibhinn, chan fhaigh an dàchloinn fàs eòlach air a chèile. Bidh mise chomaith do'n cheud chloinn a tha aig an Rìgh, 's a.bhithinn do mo chloinn fhèin; agus rachadh rian nab'fhearr a dheanamh air gach biadh's deoch, agusair gach ni eile, a bha mu thigh an Rìgh. Thatrian de gach ni a tha tighinn do'n tigh mhòr, aira chur a stigh do'n Lùchairt Eibhinn, agus is beagnach fòghnadh sin do'n dà theaghlach; agus gu'mbitheadh an dà theaghlach mar aon." Bha leis anRìgh gu'n robh sin ceart, 's gheill e do'n mhiodalaice. Chaidh a'chlann a thoirt a mach as anLùchairt Eibhinn, far an robh iad air chul gaoithe,etc., agus an uair a fhuair am muime a mach iad,ghabh i uirre gu'n robh i ro phrìseil umpa, rè tìmbhig an tòiseach; gus gu'm b'eigin do'n Rìgh dolair thurus fad as. An uair a bha an Righ air falbh,thòisich clann na Banrighinn mu dheireadh aira bhi peasanach air clann na ceud Bhanrighinn.Thug a h-aon de'n fheadhainn bu shine sgailc do


68 Clann an Righ fo Gheasaibha h-aon de na bràithrean a b' òige; ghabh a'Bhanrighinn fearg ri a dalta, agus thog i oirre,agus chaidh i do thigh na h-Eachalair Urlair,agus chasaid i a dalta, agus thuirt gu'm b'fhearr leatha gu'n robh clann na ceud Bhanrighinna bha aig an Rìgh, far nach faiceadh i iad, agusfar nach cluinneadh i iomradh orra." Airson duais bhig," thuirt an Eachalair Urlair," chuirinn as an rathad iad, far nach deanadh iadtuilleadh dragh ort." Rinn a' Bhanrighinn agusan Eachalair Urlair cumhnant. " An uair a bhiostusa 'dol a chìreadh cinn do chloinne, cuir dodhaltachan aon an dèidh aoin, a dh' iarraidh nacìre mìne, 's cuiridh mise gach aon mar a thig risa' bheinn am measg nam fiadh."An ath latha, thòisich a' Bhanrighinn aircìreadh cinn na cloinne agus dh' iarr i air an aonbu shine de chloinn na ceud Bhanrighinn e a dholsìos do thigh na h-Eachlaraiche Urlair, 's a'chìrmhìn a thoirt a nìos. Chaidh e ann, agus an uaira ràinig e an tigh, dh' iarr an Eachalair Urlair airtighinn a stigh, agus thuirt i ris, " An tàinig thu,a'ghaoil ? Mur bhith bior 'nam chois, cnaimh 'namleis, 's cath-chlair mo leanaibh bhig 'nam uchd, dh'eirinn 's ghabhainn duit le pògan!" " Do lethsgeulgabham, a' bhean bhochd," ars esan, "is anna chuir [mo] mhuime a nuas mi a dh' iarraidh nacìre mìne." " So a' chìr aig roinn mo choise, 's togleat fhèin i." Ach an uair a chrom esan e fhèin, athogail na cìre, bhuail ise e thar mullach a chinnleis an t-slacan druidheachd aice. Bha an uinneagClann an Righ fo Gheasaibh 69fosgailte, 's leum esan a mach air an uinneig, 'schuir e a mach tri bruchdan de fhuil a chridhe,agus chaidh e ann an riochd fèidh, 's dh' fhalbh efiadhaich do'n bheinn.An uair nach robh e 'tighinn, dh' iarr a' Bhanrighinnair an ath mhac aig an Rìgh, e a dhol sìosdo thigh na h-Eachalar Urlair, 's a chìr mhìne athoirt a nìos. Agus chaidh e ann. An uair aràinig e, dh' iarr an Eachalair air e a thighinn astigh, 's thàinig e. Thuirt i ris, " An tàinig thu, a'ghaoil ? Mur bhith bior 'nam chois, cnaimh 'namleis, agus cath-chliar mo leinibh bige 'nam uchd,dh' èirinn 's ghabhainn duit le pògan." "Doleithsgeul gabh-te, a' bhean bhochd," ars esan, " isann a chuir mo mhuime mi a nuas a dh' iarraidhna cìre mìne." " So i aig roinn mo choise," etc.,etc., 's dh' fhalbh e ris a' bheinn cho fiadhaich rifiadh.Dh' iarr a' Bhanrighinn air an treas mac, etc.,etc., 's dh' fhalbh e ris a' bheinn cho fiadhaich rifiadh.Agus an sin dh' iarr a' Bhanrighinn air Nigheanna ceud Bhanrighinn, i a dhol sìos thun an tigheaig an Eachalair, agus i a thoirt an àird na cìremìne d'a h-ionnsuidh. Dh' fhalbh i. Choinnich amuime-chìche uirre, agus dh' fharraid di, caite anrobh i a' dol. Dh' innis an Nighean di, gu'n robhi 'dol a dh' ionnsuidh tigh na h-Eachlair Urlair adh' iarraidh na cìr mìne, agus thuirt a muimechìcherithe, i a dh' fhaotainn na cìr rèidhtich,agus i a thoirt na cìr rèidhtich sìos 'na [h-]ionn-


70 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 71suidh, agus mu'n togadh i a' chìr mhìn, i a thairgseadhna cìr rèidhtich do'n Eachlair-tllair, agusmur gabhadh an Eachlaraich a' chìr uaipe, i 'gatilgeadh uirre.Phill Nighean an Rìgh, 's thug i leatha a' chìrrèidhtich, 's chaidh i do thigh na h-Eachlaraiche.Thuirt an Eachalaraiche rithe mar a thuirt i ri abràithrean, " An tàinig thu, a' ghaoil ? " etc. " Doleithsgeul gabham," etc. "Sin i aig roinn mochoise, 's tog fhèin leat i.""So dhuit-se a' chìr so an tòiseach," thuirtnighean an Rìgh." Thoir thusa leat an dà chìr," thuirt an Eachdraiche.Thilg Nighean an Rìgh a' chir rèidhtich air anEachalair Urlair, J s bhuail i anns an t-sùil i, agusthuit an Eachlaraiche mar gu'm bitheadh i marbh,agus thug Nighean an Rìgh leatha a' chìr, aguschaidh i a dh' ionnsuidh na Banrighinn leatha.Dh' iarr a muime-chìche air Nighean an Rìgh, ia dhol a sìos far an robh tigh na h-Eachlair-Urlair,a sheall am faiceadh i a bràithrean. Thuirt amuime-chìche rithe gu'm faca i a bràithrean aonan dèidh aoin diubh a' dol do thigh na h-Eachlaraiche,agus nach fhaca i a h-aon diubh 'tighinnair an ais. Chaidh an Nighean a sìos, 's chan fhacai gin diubh, agus dh' innis i sin do a muime-chìche.Thuirt a muime-chiche rithe gu'm bu chòiredhaibh dol a dh' ionnsuidh an fhiosaiche a dh ?fheuchainn an innseadh esan daibh, gu de thàinigri ceud mhic an Rìgh. Chaidh Nighean an Rìghagus a muime-chìche a dh' ionnsuidh an fhiosaiche,a sheall am faigheadh iad fios gu dethainig ri Mic an Righ, agus dh' innis amfiosaiche dhaibh gu'n do chuir an Eachlaraiche-Urlair iad ann an riochd fèidh, 's gu'n d'fhalbh iadfiadhaich (sic) ris a' bheinn, 's gu'n do chuir iad,gach aon diubh, tri bruchdan de fhuil an cridhe amach mu choinneamh uinneag na h-Eachalair-Urlair, 's gu'm bu chòir do am piuthair, sin athogail, agus fuil gach aoin diubh, a chur air lethann am breid, agus a ghlèidheadh gus am faiceadhi iad, agus a thoirt daibh ri òl, agus an sin, gu'mb'urrainn daibh fèin an uireasan innseadh. Chaidhan sin, Nighean an Rìgh, agus a muime-chìche adh' ionnsuidh thigh na h-Eachlaraiche. Shealliad aig taobh a mach na h-uinneige, agus chunnaiciad fuil nan cridheachan aig Clann an Rìgh; agusthog am piuthair an fhuil, agus ghlèidh i fuil gachaon diubh air leth ann am breid. Chaidh i fhèinagus a muime chìche air an ais a dh' ionnsuidhan fhiosaiche, a dh' fhaotainn tuilleadh sgeòil airMic an Rìgh, agus dh' innis am fiosaiche daibh,gu'n deach a' Chlann aig an Rìgh do bheinn d'amb'ainm a' Bheinn Ard; gu'n robh creag àrd aigiochdar na beinne, agus gu'n robh famhair ann risan canadh " Famhair nan seachd bliadhna," agusgu'n robh fàradh aig an Fhamhair, 's gu'n cuireadhe am fàradh ris a' chreig uair anns na seachdbliadhna, agus an uair a gheabhadh na bha guh-àrd a' sireadh a nuas tighinn a nuas, agus nabha gu h-iosal a' sireadh an àird dol an àird, gu'n


72 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 73tugadh am famhair air falbh am fàradh, agus nachfhaigheadh a h-aon air bith dol an àird no a nuasgu ceann seachd bliadhna tuilleadh.An uair a thàinig an Rìgh dachaidh 's a thuige mar a thachair d'a chuid Mhac, chaill e trian d'athùr, 's trian d'a choiseachd, 's trian de a fhradharc,agus dh' fhalbh e air feadh nam fàsaichean adh' iarraidh a chuid Mhac. Cha robh fios aig anNighinn c'àite an deach e. Bha i ro aonaranach,'s i gun athair, gun mhàthair, gun phiuthair, gunbhràthair a dheanadh cainnt rithe. Bha a muime's a leth-bhraithrean a' tàir uirre, agus coma geda dheanadh iad cron uirre.Chaidh i fhèin 's a muime-chìche a rithisd adh' ionnsuidh an fhiosaiche a dh' iarraidh comhairleair, agus fhuair iad a chomhairle, agus chuira muime-chìche mar chroisean's mar gheasan airNighean an Rìgh nach robh i gu pòsadh no gustàladh ri fear air bith gus am faigheadh i a bràithreanair an ais a rithisd gu an riochd fhèin. Rinnan Nighean aig an Rìgh i fhèin deas, agus thuga muime-chìche a beannachd dhi, 's dh' fhalbh i adh' iarraidh a bràithrean*Latha dhi air feadh nam monaidhnean, thàinigceò air, agus cha robh fhios aice c'àite an robh i'dol, agus aig dorchadh nan tràth aig tòiseachoidhche, thàinig i air tigh, air a thubhadh le fraoch.Chuir i a làmh ris an dorus, 's dh' fhosgail an dorusair thoiseach uirre agus chaidh i a stigh. Bhasmùchan de theine beò air, 's cha leasaicheadh e,'s cha rachadh e as, ach dìreach mar a bha e airsona h-aoin air bith ach an t-aon a chuir air e. Shuidh isìos ri taobh an teine gus an tàinig an oidhche. Ise famhair a thàinig thun taobh a mach an doruis,agus ghlaoidh e, "Hi, ho, hu, huagaich, tha mimothaichinn fàileadh an fharbhalaich a stigh."" Sìth biodh eadarainn," arsa Nighean an Rìgh." Is e sìth a th'ann," thuirt am famhair. Thàinige a stigh, agus leasaich e suas an teine, 's leig eair làr sìthionn a bha aige, 's dh' iarr e uirre biadha dheanamh deas. Dh' fhuin i bonnaich, aguschuir i iad dh' an grèidheadh ris an teine gus gu'nrobh iad deas, 's rèiste; 's bhruich i cuid de'n t-sithinn, 's rinn i eanbhruich, 's chuir i an clàrbidh comhdaichte air beul an Fhamhair, 's ghabhi fèin a cuid 'sa' chuil. Dh' ith am famhair achuid a dh' aon bheum, 's dh' òl e a dheoch a dh'aon sùpaig.Agus an uair a ghabh Nighean an Rìgh a suipear,thuirt am Famhair rithe, " Chan fhaca miriamh na bheireadh bàrr ort ann am bòidhchead.Nan robh thu fhèin deònach, gheabhainn sagart'sa' mhaduinn a dheanadh ar pòsadh."Ach thuirt ise," Tha bòidean is geasan orm-sa, nach pòs mi fearair bith, ach an aon fhear sin a dheanadh dhomh airluirgnean chailleachan marbha, se fichead dealgde fhiodh, 's iad cho cruaidh, geur, ruighinn, 'sgu'n rachadh iad a stigh ann an aodann cruaidh,creige, cho furasda's a rachadh iad a stigh ann antalamh bog creadh."


74 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 75" Mur 'eil de dh' fhuireachd ort ach sin, chanfhad' is fuireachd e." Agus ghlac e a thuagh 'nalaimh's leum e an àird air an fharadh. Chaidh isea chadal. 'S bha esan air an fharadh a' deanamhnan dealgan gu maduinn.Agus an uair a thàinig an ath latha rinn ise biadhdeas air a son fèin agus airson an Fhamhair. Ghabhise a biadh. Thàinig am Famhair a nuas bhàrr anfhàraidh, 's thug e dhi dà fhichead dealg, a bha chocruaidh, ruighinn's cho geur, is gu'n rachadh iad astigh ann an aodann cruaidh creige, cho furasda'sa rachadh iad a stigh ann an talamh bog creadh.Thug i leatha iad, 's dh' fhalbh i air a turus; agusbha i fad an latha sin a' fàrrsan air feadh na beinne,gun aon air bith fhaicinn, gus an tàinig an oidhche.Aig beul na h-oidhche' chunnaic i tigh beag, is eair a thubhadh le bein bheothaichean fiadhaich.Chaidh i d'a ionnsuidh, 's chuir i làmh ris an dorus,'s dh' fhosgail an dorus roimpe, s chaidh i a stigh.Bha smùchan de ghealbhan beag air, agus chaleasaicheadh's cha rachadh e as, etc. Thàinig amFamhair (=an dara Famhair), etc. " Is e sith ath'ann," etc. Dh' itheadh am Famhair a chuid adh' aon teum, 's dh' òl e a dheoch a dh' aon sùbaig,'us dh' fharraid e de Nighean an Rìgh cia as di,agus ciod fàth a turuis. Dh' innis i dha cia as athàinig i, 's gu'n robh i a' dol a dh' iarraidh abraithrean, agus mar a chaidh an cur ann an riochdfèidh leis an Eachlaraiche Urlair. Dh' innis amFamhair di, gu'n deach iad seachad o chionn trilàithean, 's an taobh a chaidh iad. An uair a fhuairiad sgeul o a chèile, thuirt am Famhair, "Chanfhaca mi riamh na bheireadh bàrr ort ann ambòidhchead. Nan robh thu fhèin deònach, gheabhainnsagart 'sa' mhaduinn a dheanadh ar pòsadh."" Tha boidean 's croisean's geasan orm-sa, nachtalaidh 's nach tèid mi le h-aon air bith gusgu'm faigh mi fear a dheanadh dhomh se ficheaddealg de fhiodh cruaidh's iad cho cruaidh, geur,ruighinn, etc."" Mur 'eil de dh' fhuireachd ort ach sin, chanfhad an fhuireachd e," etc. Thàinig e bhàrr anfhàraidh 'sa 'mhaduinn 's thug e di na dealgan arinn e 'san oidhche. Bha dà fhichead ann, 's dh'fhalbh i leo air feadh a' mhonaidh leatha fhèin.Thàinig ceò air 's bha i air faondradh air feadha' mhonaidh, 's am beul na h-oidhche, thàinigi air tigh beag, 's e air a thubhadh le itean eun,etc. Thàinig am Famhair, etc. " Sith biodheadarainn," etc. Dh' innis i dha mar a thachairdo a bràithrean, agus dh' innis e di gu'n deach iadseachad aìr-san là dhe'n robh e 'sa' bheinn; gu'ndeach iad gu beinn àird aig cùl na Creige Mòire,'s gu'n seòladh esan i a màireach an taobh a buath-ghiorra gu dol d'an ionnsuidh. Rinn i deasbonnaich 'us sithionn 'us eanbhruich, etc., etc.Thuirt i ris, " Tha mar chroisèan's mar gheasan'smar bhòidean orm-sa, nach tàlaidh mi ri fear airbhith ach am fear a dheanadh dhomh air luirgneanchailleachan marbha, sè fichead de dhealgainean dedh' fhiodh, 's iad cho cruaidh, etc."" Mur 'eil de dh' fhuireachd ort ach sin, chan


76 Clann an Righ fo Gheasaibhfhad is fuireachd e." Thog e an tuagh 'na làimh,'s leum e an àird air an fharadh, 's fhuair e fiodhcruaidh's luirgnean chailleacha marbha, 's thòisiche air deanamh nan dealgan. Chaidh ise a chadal;ach bha am Famhair 'g obair air deanamh nandealgan gu latha; thàinig e an sin a nuas bhàrr anfhàraidh, thug e a nuas leis dà fhichead dealg, 'sthug e do Nighean an Rìgh iad, 's bha aice an sinsè fichead dealg. Thug i taing do'n Fhamhair,agus thuirt am Famhair," A tha agad a nis, sè fichead stop,'S cha diùlt iad cruaidh no bog,'S iad gu cruaidh, ruighinn, geur,Gu dol ann an creige mar ann an creadh,'S bu mhaith gu'n deanadh iad dhuit stath,Gu dol gu mullach na creige àird,'8 gu'm bu slàn a thèid thu stàn,'S a rithisd, thig thu a bhàn."Thog i uirre, agus chaidh am Famhair leathamar iùil, 's ghiulain e na stuip air a son am fad'sa chaidh e. Leig e fhaicinn di tigh, 's dh' iarr euirre bhi an sin mu'n tigeadh an oidhche, agus i adh' fhantuinn 'san tigh sin re na h-oidhche, 's gu'nleigeadh fear an tighe sin fhaicinn di an rathad adh' ionnsuidh na creige àirde. Leig i a sgios tacanbeag, dh' èirich i a rithisd, 's chaidh a dh' ionnsuidhan tigh; 's an uair a ràinig i, dh' fharraid amFamhair a bha anns an tigh sin di, cia as a bha i,*s ciod fàth a turais. Dh' innis i dha mar athachair do a bràithrean leis an Eachlaraiche, 'sClann an Righ fo Gheasaibh 77mar a bha i a' falbh air an luirg. Ghlèidh amFamhair an sin i fad na h-oidhche, 's an àth latha,leig e fhaicinn di a' chreag mhòr aig beulaobh naBeinn Aird, 's ghiulain e na dealgan air a son.Tra ràinig iad a' chreag, thuirt am Famhair rithe," Is e so an t-àite far an àbhaist do'n Fhamhair amfàradh a chur a suas ris a' chreig, ach bidh e teannair seachd bliadhna mu'n tig e dh'a cur suas arithisd, agus is truagh leam do chor, ma bhitheastu an so rè na tìme sin." Thug i taing do'nFhamhair air son a shuairceis; 's ghabh i na stuipagus stopadh i aon 'sa' chreig, 's rachadh i an àirdceum; 's stopadh i a h-aon eile ann, 's mar sin, gusan robh i an àird thar mullach na creige.Dh' fhalbh i air a h-aghaidh air aodann naBeinne, ach bha a h-uile fiadh a bha i a' faicinn, a'teicheadh uaipe. Thàinig i a dh' ionnsuidh àite faran robh buthan ri taobh sruthain. Chaidh i astigh; leig i a sgìos dhi tacan beag, 's chaidil i.An uair a dhùisg i, bha an t-anmoch ann, 's bha nafèidh air gabhail gu tàmh. Chaidh i am measg namfiadh, ach cha d'fhuair i a bràithrean.An ath latha, chaidh i a stigh do bhuthan beaga thachair uirre, 's bha fiadh an sin a rinn cainnterithe, 's a dh' innis c'àite an robh a bràithrean, 'sbha i 'sa' bhuthan sin fad na h-oidhche. An athlatha, chaidh i do'n àite far an robh fiughair aicea bràithrean 'fhaicinn. Thàinig i air buthan beag's e ri taobh sruthain; 's chuir i a làmh ris andorus, 's dh' fhosgail an dorus roimpe, 's chaidh ia stigh, 's fhuair i air bòrd a bha an sin, builionn


78 Clann an Righ fo GheasaibhOlann an Righ fo Gheasaibh 79arain, agus cumail làn fìona. Dh' ith i pairt de'naran, 's dh òl i balgum de'n fhìon, agus chaidh iam falach fo mheasair nigheachain a bha a stigh, 'sdh' fhuirich i an sin.Agus an uair a bha i an sin rè greis, thàinigtriùir fhear a stigh, 's bha croic fèidh air na cinnaca, 's thuirt am fear bu mhò dhiubh, " Ma tha mophiuthair mhòr beò f hath as d, is i thug an teummu dheireadh as a' bhuilinn so " : agus thuirt anath fhear, "Ma tha mo phiuthair mhòr beò fhathasd,is i a thug am balgum mu dheireadh as anfhìon so," agus thuirt an treas fear, " Ma tha mophiuthair mhòr beò fhathasd, tha i a stigh fo'nmheasair nigheachain so," agus thog iad a mheasairnigheachain's fhuair iad ise ann a sin. Chaoin igu goirt, air dhi a bràithrean fhaicinn, 's cròicfèidh air ceann gach fir dhiubh.Dh' innis iad di, gu'n robh iadsan gu h-iomlanan riochd fèidh an tòiseach, gus an do bhuail ampiuthair an Eachdraiche Urlair leis a' chìr, ach'na dhèidh sin, gu'n robh fios aca ciod a bha iad a'deanamh. Gu'n do choinnich an athair orra annsan fhàsach, 's gu'n d'fhuair e [iad?] le feartanbuadhach a fhuair e o fhamhair a rinn comhnadhris: 's 'na dhèidh sin, gu'n robh iad an riochddhaoine, 's cinn agus cròic fèidh orra. Gu'm faigheadhiad a rithisd do'n riochd fhèin, nam faigheadhiad tè a dheanadh dhaibh leintean air an deanamhair canaichean.Ghabh ise fos làimh sin a dheanamh, 's thugi beannachd leo, 's dh' fhalbh i.Ràinig i a muime chìche, 's dh' innis di gu debha i dol a dheanamh. Dh' innis a muime chìchedo'n fhiosaiche. Thuirt esan gu'm feumadh i naleintean a dheanamh gun ghean [?] gun ghuth, gunghàire, 's gu'm b'e a chomhairle-san di, i a dholdo'n fhàsaich far nach biodh gin a chuireadhbuaireadh uirre. Thug i taing dha, 's beannachdleis, 's dh' innis i do a h-athair c'àite an robh i 'dol.Dh' fhalbh i, 's chaidh i do'n fhàsaich, 's bha i ansin's i leatha fhèin, 's i a' trusadh a chanaichean.Latha di an siod, thàinig tri rìghrean a bha'sealg seachad uirre, 's an uair a chunnaic iad i,chuir iad stad air na h-eich . thòisich iad airbruidhinn rithe. Ach cha duirt ise diog, 's cha doghabh i uirre gu'n robh i 'gan cluinntinn. Dh'fhalbh iad an latha sin, ach thàinig iad an rathadlatha eile, 's chaidh aon seachad, ach stad dithis, 'srinn iad cainnt rithe, ach cha duirt ise diog, 's chado ghabh uirre gu'n robh i 'gan cluinntinn. Dh*fhalbh iad an latha sin cuideachd, 's thàinig lathaeile. Chaidh dithis dhiubh seachad, ach sheas antreas fear dhiubh a dheanamh cainnte rithe. Achchan abradh ise diog, 's cha ghabhadh i uirre gu'nrobh i 'ga chluinntinn no 'ga fhaicinn. Ghabh esangaol mòr uirre aig cho bòidheach's a bha i's thuge leis i air a chulaobh air muin an eich agus thuge leis dachaidh i, agus phòs e i airson a bòidhchid.Bha i ann an tigh mòr an Rìgh, 's bha am pailteasde luchd-freasdail aice, ach chan abradh idiog, ach smèideadh le a làimh nuair a bhiodh niair bith a dhith uirre, agus chìr's shniomhaich i


80 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 81an canaichean. Ri tìm cheart, dh' fhàs i torrach,'s an uair a bha tìm a h-asaid dlùth a làimh,bha aig an Rìgh ri dol air astar mu phairt deghnothuch na rìoghachd. Dh' fhàg e an dà chuid,luchd-freasdail's luchd-frithealaidh gu feitheamhuirre. Agus aon de na h-oidhchean, tra bha namnathan mu'n cuairt air a' Bhanrighinn, thàinigan aon cheòl bu bhinne chualas a riamh, agusthuit a h-uile h-aon de na mnathan 'nan cadal, 'strà dhùisg iad, chunnaic iad gu'n do rugadh anleanabh's gu'n robh e air a thoirt air falbh, 's charobh fios aca ciod a dheanadh iad. Ach smaointichan tè aig an robh cùram a' ghnothuich, gu'n deanadhise dòigh, 's air eagal's gu'm marbhadh anRìgh iad, is e mar a rinn iad, fhuair iad greim airpiseag chait, 's mharbh iad a' phiseag, agus chuiriad an fhuil's an gaorr mu bheul's mu fhiaclanna Banrighinn.An uair a thàinig an Rìgh dhachaidh, 's a dh'fharraid e gu de mar a bha, thuirt a' bhean-ghlùin," Marphaisg air a' Bhanrighinn mhosaich, dhona,dholaich! Cha b'ionann i's a' Bhanrighinn shona,shòlach! Cha robh aice ach piseag chait, 's chabu luaithe a rug i a' phiseag, na dh' ithich i fhèina rithisd i." Thuirt an Rìgh, " Tha a' cheud choiregus a leigeadh leatha."An uair a dh' èirich a' Bhanrighinn, thòisich i's shnìomh i an canaichean le cuigeil 's dealgan:'strà a bha e snìomhte, thòisich air deilbh eige, agusa chion beairt, b' èiginn di fèin loinn a dheanamh,agus an snàth a chur air, agus figheadh le bhitogail nan snàithnean le snàthad, 's rinn i dà eigemu'n robh i torrach a rithisd.Trath thuig anRìgh mar a bha i, chuir e i a stigh do'n tigh, 'smnathan a thoirt an fhaire uirre; bha na dorsanglaiste, 's dh' fhalbh an Rìgh e fèin bho'n tigh.Bha na mnathan a' suidhe suas leatha anns anoidhche a thoirt an fhaire uirre.Ach thàinig anceòl ... 's an uair a dhùisg iad, bha a' Bhanrighinnair a h-aisead, 's an duine cloinne air a thoirtair falbh. Bha eagal orra, an uair a thigeadh anRìgh dhachaidh, gu'm marbhadh e iad, 's fhuairiad greim air cuilean coin, etc., etc. Thàinig anRìgh dachaidh, etc., etc.leatha fhathasd."" Leigear a' choire soDh' iarr na mnathan gu'n rachadha losgadh, ach cha leigeadh an Rìgh sin a bhi.An uair a dh' èirich i, thòisich i air a h-obair,agus rinn i eige eile, agus an sin thòisich i airdeanamh nan leintean, agus bha iad gu inbhe beagdeante mu'n d'fhàs i torrach a rithisd. Tra bha atìm aig làimh, chaidh a cur a stigh do thigh, agusam pailteas de gach ni a dh' fheumadh iad agusgu leòir do luchd fritheal 's do luchd freasdail,agus dh' iarr an Rìgh orra an fhaire shònruichte athoirt uirre, 's dh' fhuirich e fèin aig an tigh anuair sin, ach an oidhche a bha fiughair aca i bhi aiglaimh, bha iad dlùth m'a timchioll, ach mar ab'àbhaist, thàinig an ceòl, 's chuir an ceòl a chadaliad. Mharbh iad uircean muic, etc. Thuirt a'bhean-ghlùin ris an Rìgh, "Nach fhaic thu doBhanrighinn dhona, dholach, cha b'ionann 's a'p


82 Clann an Righ fo GheasaibhClann an Righ fo Gheasaibh 83Bhanrighinn a bhiodh gu sona, sòlach, etc.bu chèird dàil a thoirt di, ach a losgadh."Cha" Tha duil agam fhèin," thuirt an Rìgh, " gu'mbheil i gle fhada agam a' breith chat, 's chon, 'smhuc, 's 'gan itheadh a rithisd." Rinn na h-uaislean coinneamh mu dhèidhinn na Banrighinn:'s thug iad a mach breith gu'n robh a' Bhanrighinngus a bhi air a losgadh. Chaidh tulach mòr connaidha thrusadh, 's teine chur ris, gus a' Bhanrighinna losgadh air; chaidh a toirt a mach. Tràbha iad a' dol dh'a cur air an teine, chuala iadglaodh, 's thuirt an Rìgh, " Stadamaid, a sheall gude is brìgh do'n ghlaodh so."Agus bha aon de na leintean deante aig a' Bhanrighinn,'s rinn i gàire, 's chaidh an teine às.Thòisich iad, 's bheothaich iad an teine a rithisd,'s thuirt iad ris an Rìgh gu'm bu chòir a cur air,nach robh brìgh air bith aig a' ghlaodh ud. Agus[anns an fhacal] bha leine eile deante aice, 's rinni lachadh mòr ghàire. Tra bha iad a' dol dh'a curair an teine chuala iad glaodh mòr eile. " Stadamaidbeagan fhathasd, a sheall gu de is brìgh do'nghlaodh so," ars an Rìgh. Stad iad tacan beag, 'schan fhac iad ni air bith; agus thòisich cuid de nah-uaislean agus na mnathan air a radh ris an Rìghnach b' fhiach da bhi a toirt tuilleadh dàlach di;gu'm b' fhearr a tilgeadh 'san teine. Ach an uaira bha iad a' dol dh'a cur ann, chuala iad glaodh.Sheall iad, 's chunnaic iad tri marcaichean, 's iad* Cotton-sedge or cat's-tail—eriophorwii vaginatum, and eriophorumpolystachyon. Faclair MhicDhomhnaill, s, 159.a' marcachd an cùrsa (?) gu dian, agus [ri linn sin,]bha an treas lèine deante aig a' Bhanrighinn, 'srinn i lachanaich de ghàireachdaich. Thàinig namarcaichean air an aghaidh. " Faiceamaid," arsan Rìgh, "ciod iad na marcaichean so a thàinigoirnn." Thuirt na mnathan gu'm b' iongnadh leofèin gu'n robh an Rìgh a' toirt na h-uibhir dàil di,'s i cho dona. Chaidh na marcaichean dìreach antaobh a bha a' Bhanrighinn, agus bha cròic fèidhair gach fear dhiubh, 's ghabh an sluagh gu leiriongnadh a bhi 'gam faicinn. Bha, aig an fhear bumhò, tuaiream aois dà bhliadhna de phàisde aig abheulaobh air muin an eich, 's aig an ath fhear, aoisaona bhliadhna de phàisde, 's aig an treas fearleanabh cìche air a bheulaobh. [Ach bha namarcaichean a' sior-dheanamh dìreach air a' Bhanrighinn,'s bu ghoirid a mhoill daibh a ruigsinn, 'san uair a ràinig,] thug i na leintean daibh, 's thugiad-san di-se a' chlann; 's chuir na fir orra gachaon dhiubh a leine fhèin air; thuit a' chròie bharrnan cinn aca, 's bha iad mar dhaoine eile, agus iadro bhreagh. Agus thuirt a' Bhanrighinn ris anfhear bu mhò, " Gu'm meal thu do leine, a' bhràthairmhòir!" Agus thuirt esan, " Gu'm meal thusa doshlàinte, a' phiuthair! " Thuirt i, " Gu'm mealthusa do leine, a bhrathair mheadhonaich," etc." Gu'm meal thusa do leine, a' bhràthair a's òige,"etc. Thuirt na tri bràithrean, " Gu ma slan dod'chloinn, a' phiuthair!" agus thuirt ise, " Gu maslàn dhuibh, a thriùir bhràithrean."Thàinig an Rìgh an sin far an robh iad, agus


84 Clann an Righ fo Gheasaibhthuirt a' Bhanrighinn ris, "So dhuit do thriùirmhac," agus dh' innis da mar a thachair, agus anreuson nach faodadh i cainnt a dheanamh gus gu'mbitheadh na lèintean deante: 's gu'm b'e na tri fira thàinig, a tri bràithrean. Chuir an Rìgh agus abhràithrean - cheile fàilte air a chèile, agus dh'òrduich an Rìgh na mnathan a bha Ios a' Bhanrighinna losgadh, iad fhèin a bhi air an cur air anteine a chaidh a chur air airson na Banrighinn alosgadh; chaidh an tilgeil air an teine agus ghlaoidhiad-san air maitheanas, 's ghuidh a' Bhanrighinnair an son's chaidh an leigeil as.Rinn an Rìgh cuirm mhòr airson na Banrighinn,agus a bràithrean : 's rinn iad gairdeachasmòr bho'n a fhuair iad buaidh air druidheachd nah-Eachlaraiche Urlar. An uair a bha sin seachad,thug na tri bràithrean beannachd le am piuthair,'s leis an Rìgh, 's dh' fhalbh iad dachaidh, do andùthaich fhèin. Choinnich an athair iad, agusfhuair e a rithisd an trian a bha dhith air de a thùr,de a choiseachd, 's de a fhradharc. Chaidh anseann Rìgh's a Mhic dachaidh do'n dùthaich fhèin,'s cha b' fad' a bha iad aig an tigh, gus an deachgreim fhaotainn air an Eachlaraiche Urlair agus alosgadh. Cha d'fhuair a' Bhanrighinn mu dheireadha bha aig an Rìgh a chead gnothuch aghabhail ri ni sam bith, ach clann na ceud Bhanrighinna' cumail smàdaidh uirre, 's cha robh diogaice ri ràdh a ghabhail a leithsgeul fhèin, 's andèidh bàs an t-seann Rìgh, cha robh moran measuirre, 's chaidh crìoch air an sgeul le sin.Na Seanganan.CAIB IV.Ceann-bhaile nan Seanganan.EANN-BHAILE nan Seanganan! Nach(fm : -i^r iomadh cuimhne thaitneach a thaMì"-. .... tighinn orm, nuair a bheir mi smuainidjfc[({sM?-'' eachadh air a sin, ged is latha no' ''^jiiiii^ dhà a nis o na chuir mi cas a staighann. Samhlaich leat fèin, a leughadair, baile mòrbriagha a bha a chuid taighean uile air an snaidheadhas a'chreig, agus iad uile, eadar beag is mòr,a'dealradh fo ghathan blàth na grèine cho boidheachglan agus a dhealras dealt an athar i fèin airmaduinn shoilleir an t-samhraidh.Bha sràidean mòra farsuing aig a' bhaile, aguscuid de na h-aitribh a bh'ann cho math cruthail sachunnaic mi riamh. Bha na sràidean uile choglan ri mèis, air chor is nach diùltadh fear airbith a bhiadh a ghabhail bàrr aghaidh orra:cha mhò bha nì r'a fhaicinn ann a chuireadhdiomb no gràin air neach sam bith. Bha fuaranuisgean sud san so, agus a h-uile fear dhiubhair an cuairteachadh le sreathan an deighsreathan de fhlùran, is iad fo bhlàth is boidhichedath is cruth. An teis-meadhon a'bhaile, bha Ionadmòr farsuing ann, cuairtichte air fad le taigheanbriagha, agus le iomadh aitreabh comharraichte


86 Na SeangananNa Seanganan 87de 'n t-seòrsa sin a thàtar a'togail fa chomhairluchd-riaghlaidh na Staide; agus b'ann bho'nIonad mòr so a bha na sràidean uile a'ruith ammach gu iarchrìochan a'bhaile, dìreach mar aruitheas sreathan miotailt bho chop no meadhonsgèithe. Cha robh taigh ann nach robh ammullaichean air an sgeadachadh le gàraidheananabarrach briagha ri amharc orra, o nabha iad so làn de na flùran is boidhiche agus isneònaiche air an do dhearg sùil duine riamh. Geda bha na taighean fèin car cosmhuil ris an fheadhainnsin a th' againne, gidheadh cha robh iad uile gulèir mar sin, oir bha an taobh am muigh dhiubhcho math maisichte le nithean a chuireas tlachd airan t-sùil is sunnt air an aigne agus am bi an seòmaris boidhiche agus is cruthaile maisichte a th' againnfèin. Rinneadh so le dealbhan-balla air chaochladhdath a bha ruith fo anainn gach taigh abh'ann, agus, eadhon a shios bho mhullach gubonn ri aogais snaidhichte mòran dhiubh. Barrachdair na dealbhan-balla so, bha cuid de nataighean air am maiseachadh a thaobh an taobham muigh le suaicheantais air chaochladh brìgh—mar tha, "Is i an obair dàn ionmhalta ant-Sangain," "Chan eil nì is mò is airidh siorchochadhris na an t-Ionracas," agus an leithidean.Bha, cuideachd, a ghàrradh fèin aig gach taigh, geb'e air bith cho beag no mòr sa bhiodh e; agus dobhrìgh so, cha robh caol-shràidean idir ann, cha.mhò coslas air bith de'n domhladas cronail mosachdèisneach sin r'a fhaicinn a tha cho cumantaanns an dùthaich againn. Bha Ionadan eile an sudsan so air feadh a' bhaile, is ged nach robh nah-Ionadan ud cho mòr, ni mò cho briagha, sa bhaan tì sin air an d'thug mi iomradh mar tha, agus a,bha suidhichte an tèis-meadhon a'bhaile, gidheadhbha iad-san farsuing gu leòir, agus anabarrachgoireasach cuimseach fa chomhair an dearbhbhuil sin air son an deach an togail a suas—se sinri ràdh chum soluis is blàths, aileadh ùr is sunnta leigeil a staigh do'n bhaile. Tha dealbh-cruthafathast agam a rinn mi air ceann-bhaile nanSeanganan, àm dhomh bhi tuineachadh ann; agus,leis gu'm bheil mi de'n bheachd nach bi so cùis,uile gu lèir gun mheas gun taladh do chuid demo cho-luchd-dùthcha ni mi samhladh dheth an


89A thaobh cruth nan taighean a bh'anns a'bhaile,cha robh mòran eadar-dhealachadh eadar na taigheanud agus na tha againn fèin anns an Aird-anearrathad nan nithean ceudna; ach a mhàin so,gu'n robh an fheadhainn a bh'aig na Seanganan carna's fhaide agus na's iosaile thaobh an dreach—chamhò bha iad-san cho neo-ghoireasach ri amharcorra, ach, a rèir coltais, uile gu lèir na's aotruime,finealta. Thuirt mi mar tha gu'n robh a leithid dechoslas orra uile agus a thug e sin orm a ràdh gurann as a'chreig i fèin a chaidh an snaidheadh; ach,an da rìreadh, cha robh cùisean idir mar so, mar aleigeadh thuigsinn domh mu'n robh mi mòranlàithean anns a'bhaile ud. An da rìreadh, chaidhna clachan air an robh na taighean air an deanamha suas—se seòrsa marmor a bh'ann a rèir mobheachd-sa—a snaidheadh as a'chreig; ach naclachan fèin, chaidh an gearradh agus an cur anàite leis an Seanganan, a bha cho fuathasachteòma mar fhir-togail aitreabh agus gu'm b'urrainniad clach a chur air bàrr cloich, is sin gunleigeil chaigneadh air bith eatorra a bhi faicsinneach.Tha so, cuideachd, ri innseadh mu na cearttaighean so, gu'n robh boghachan de mharmor a'sineadh eadar mòran dhiubh—nì a ghinn buil anabarrachtaitneach do'n t-suil, ge b'e air bith antaobh sin bho am biodh tu a'sealtuinn orra. Bhana camagan-cloiche so ag èiridh rud beag os cionnmullachan nan taighean, agus leis gu'n robh an dàghàirdean comhlachadh ri chèile am bior noruinn os cionn tèis-meadhon na sràide, ar leam


90 Na SeangananNa Seanganan 91nach chunnaic mi riamh innleachd ealaine-togailaitribha bu dòcha leam. Os bàrr, bha na boghachanmarmorach so 'nan dachaidhean aig miltean andeigh miltean de eòin canntaireachd, a bha, a lathasa dh' oidhche, a'dùsgadh mac-talla nan creag mu'ncuairt air a'bhaile le ceòl fonnmhor snasmhor anguthan binn guaineach. Bha flùran, fòs, air gachgnè is dath a' fàs gu ro phailt an dà chuid fochromadh nam boghachan so agus air gach mullachis taobh a bh'aca, ionnus gu'n d'thug an sealladhbriagha anabarrach taitneach so orm a chantuinnlatha de na làithean," Chan e Oeann-bhailenan Seanganan a th'againn an so, ach Priomhionadnan eun is nam flùran."B'ann air mullach beinne nach robh ach meadhonachàrd a chaidh ceann-bhaile nan Seanganan athogail; agus bha monaidhean mòra biorach dubhghormga chuairteachadh air gach taobh. Bhochuid de Ionadan is de shràidean a'bhaile, gheibheadhtu seallaidhean nach chunnaic mi an coimeasriamh roimh sud air son farsuingeachd agusbòidhchead an gnè thairis air an dùthaich abha sineadh am mach bho'n bhaile gu'n astardìreach mar a shineas sèan-fhairge air falbhgu muir bho chòrsachan eilean nan sìth. Bhabuinn is taobhan glacan is cnocan cuid de namonaidhean so air an sgeadachadh le coillteantiugha, agus le doireachan dosach a bha an coslascarmar òr; agus bha feadhainn eile ann a bha ansliosan agus am bruthaichean cho math breachnaichtele daithean agus a tha 'm bogha-frois e-fèin.B'e aobhar da so gu'n robh am feur agus naluibhean a bha ginntinn orra uile air an dath d'arèir sin, air chor is gu'n d'thug an fhàgail annasach,ach anabarrach briagha, so air fear de naSeanganan, is e 'na bhàrd, a ràdh an aon de narannan aige:—" O Dhùthaich nan dath!O Thìr nan gath !Ciod e ris a choimeas mi thu,Mur e bogha-frois nan speur,'S e loma làn de eun canntaireachd ? "Cha robh fàsaichean, cha mhò ionadan fiadhaichneo-àitichte dèisnach duaichnidh idir r'am faicinn,mar a tha iad cho tric a'tachairt oirnn anns ant-saoghal againne; ach sìth agus suaimhneas,boidhchead agus siolmhorachd air gach taobh.Bha na h-achaidhean, far an robh iad (agus charobh mòran dhiubh so ann a rèir coltais) tuilleadhis cosmhuil ris na gàrraidhean againne na rudair bith eile de'n cheart ghnè sin air an do leigmise sùil riamh roimh sud. Agus, O na measana bh'ann an sin! Nach pailteas iad! Nach briaghathar aithris beoil an coslas a bh'orra! O nachiomadh craobh is preas a bha an cuid geugan fochromadh eadhon gu'n talaimh le truimeada'bhàrra a bha fàs gu ro phailt orra! Agusiad so uile, gun teagamh, a'còrdadh cho math do'nbhlas sa bha iad a'toirt tlachd do shùil an fhiramhairc.O nach iomadh seòrsa de mheasan abh'ann—cuid dhiubh air am breachachadh mar


92 Na SeangananNa Seanganan 93iteach an eòin is boidhiche sgeadaichte, no andealan-dè is maiseiche thàinig riamh am mach àcom nam flùran; agus feadhainn eile a bha ancoslas làmh ri clachan priseil air an ùr uidheamachadhfo inneal an fhir-liomhaidh. A thaobh nancraobh-mheasan so, tha'm bàrd ainmeil ceudna airan d'thug mi iomradh mar tha ag ràdh an aon dena dànan aige:—" Mar choslas na h-iarmailt aig druim nah-oidhche,Tha na liosan's na h-achaidhean againne:Miltean air muin miltean de mheasanannt','S gach aon dhiubh mar reannag,A' boillsgeadh gu soilleir gu h-àrd."Bha craobh-mheas ann an sin a bha a bhun is agheugan air dath a'choireil, agus a dhuilleaganmar mhàthair-na-nìamhnaide, agus barr trom air abha a choslas mar gu'm b'iad cuinnsean de òr is deairgiod a bha fàs air a sin. An àite eile de'ndùthaich chunnaic mi seòrsa de chrannfiona, is e fobharr is fo bhlàth aig an aon àm, agus a dhuilleaganuile air dath nan stuadhan lannaireachnuair a bhios iad a' siubhail os cionn gruinndde shligean geala miona. Aig bun, cuideachd,cuid de na beanntain a bh'ann, bha treudmhòr de chrodh geal ag ionaltradh gu ciùin sìtheach,agus nuair a bhiodh a'ghrian a'dealradh orraso le lànnachd a neirt aig meadhon-latha, b'annceart mar sneachd air ùr thuiteam air barr nanstùc is àirde dreach a bha iad a'sealtuinn. Bhatruid mòra de fhèidh, de chaoirich is de ghobhairair an de'n leth-bhreac dath an sud san so, mar anceudna, agus fhad sa bha mi anns an dùthaichbheannaichte shunndaich ud, cha thachair miriamh air creutair a snàigeas no air beathach acheumas a chuireadh oillt no cron air neach airbith. Gu fior, b'i sud an tìr a bha sruathadh lebainne agus mil." Tha mi mothachadh gu'm bheil thu smuaineachadhair mar cho cosmhuil is, fathast, air marcho eu-cosmhuil, sa tha ar dùthchannan do gach achèile," ars an Seangan.Ghabh mi clisgeadh." Agus ciamar a bha fhios agad air a sin, acharaid ?" fhreagair mise, " gu dearbh, chab'urrainn mi mi fèin mo smuaintean a chur anriochd dad na's soilleire na tha thusa deanamh asmo leth-sa, ged nach d'thuirt mi diog."" Coma leat sin," ars an Seangan. " Ach thadòigh no dhà againn air gluasadan an inntinn aleughadh is a chur fo riochd againn nach gabhmineachadh an so. Ach, cum air t'aghaidh, acharaid. Tha fadal orm Ceann-bhaile nan Seanganana nochdadh duit."A nis, b'e an nì is mò bha cur de iongantas ormam feadh a bha sinn a'siubhail còmhla tre shràideanCeann-bhaile nan Seanganan a dh' fhaicinn marcho buileach dripeil deanadach sa bha a h-uile feara'sealtuinn a thachair oirnn. Bha sunnd agusaighear air gach aogas, ach ged a bha, cha robh


94 Na SeangananNa Seanganan 95anns a sin fèin ach aiteas na saothaireachd, agusaoibhneas na dìcheallachd, agus cha b'ann idirdrochd aiteas na leisgeineachd, no subhachas fiorchonail luchd-na-sòghalachd. Bha a rathad fèinaig gach Seangan, agus, gun teagamh, ceann uidheairidh air choireiginn d'a rèir sin aige cuideachd.Cha robh domhladas neo-iomchuidh, cha mhò purradhis pùcadh mi-mhodhail a chèile idir r'a fhaicinnanns a'bhaile; ach bàighealachd agus deagh-gheanair gach taobh, is a h-uile fear fa leth a'gabhail arathaid fèin gun an aire is lughadh a thoirt do chàch,ceart mar gu'm biodh e leis fèin an tèis-meadhonpairc, an àite siubhail tre shràidean domhladachceann-bhaile a dhùthcha. Cha chunnaic mise aleithid de shealladh taitneach iongantach riamhroimh sud, agus, leis an ionghnadh a bh'orm, airm'fhocal, cha mhòr nach do thuit na sùilean agamglan as mo cheann, nuair a thug mi fainear nachrobh aon aca a bha toirt an aire is lughadh d'aleithid de shealladh neònach ainneamh agus isgann a chreidsinn e nach robh mise toirt seachaddaibh mar a bha mi gabhail nan sràidean aca ancuideachd mo chompanaich. Coma co-dhiùbh, chado ghabh iad clisgeadh nuair a choinnich sinn, chamhò a rinn iad stad orra fèin gus amharc orm,mar is tric a ni na Persiaich nuair a chì iad dad noneach air bith is ainneamh leo ; ach, an àite sin, sea thachair gu'n gabhadh iad san uair gu mathrianail cùirteil seachad oirnn, is sin gun smiod àbeul no gluasad iongantais o làimh—ach dìreachfocal no dhà de fhàilteachadh cumanta na dùthcha,no cromadh cinn gu math caoimhneil modhailduinn." Is cùis fior iongantach leam a dh' fhaicinnmar cho beag aire sa tha na Seanganan a'toirtdomh fèin," arsa mise." Cha ruig thu leas a bhi toirt ionghnaidh as asin " fhreagair mo chompanach. " Sa cheud àite,tha muinntir a'bhaile so tuilleadh is cùirteil r'aleithid de nì a dheanamh agus amladh no imcheista chur air coigreach air bith le bhi dearcadh anclàr an aodainn aca, a rèir dòigh mhi-mhodhailnan daoine. Rud eile; tha sinne daonnan tuilleadhis dripeil deanadach r'a leithid de ghiulanneo-fheumail neo-thoingisgeil a ghnàthachadh.Ach, cum air t'aghaidh, a charaid. Chan eil ceadagainn air stad no màirneal a dheanamh an so."Mar sin, chum sinn air ar n-aghaidh feadhshraidean is ionadan a'bhaile, agus O nach robhgach dara sealladh a dh' èirich dhomh an sud a'tighinn gu math rium! Bha, mar a thuirt micheana, taighean mòra briagha air gach taobhdhiom, is lùchaistean nan uaislean—ma's ceart e aleithid de fhocal a charachadh d'an leithidean—airan rìomhachadh a thaobh an taobh am muigh airdòigh cho maiseach agus is urrainn do inntinn duineis beothachaile stuigte a thaobh aigne a mhacmeanachadh;ach, cho fad sa bha mo lèirsinn fèina'dol, cha robh buthan ann, cha mhò taigheantasgaidhde sheòrsa air bith—rud a thug orm fa.dheòidh, a ràdh,


96 Na SeangananNa Seanganan 97"Nach tur neònach an gnothach, a charaid,nach bi mi faicinn buthan an so, cha mhò taigheantasgaidh,no aitreabh sam bith eile a chaidh athogail a dh' aon obair air son malairt is co-cheannachda ghiulan air an aghaidh ? "Thuirt an Seangan, " Cha neònach idir angnothach sin, do bhrìgh nach eil iad ann; agus anrud sin nach eil ann, ciamar is comasach an gnothachgu'm biodh tu-sa, no creutair air bith eile, gafhaicinn ? Chan eil buthan is an leithidean againna chionn nach eil aon chuid cèird no marsantan a'tighinn beò nar measg. Anns an dùthaich soagainn, tha gach gnothach malairt is meur ceannachduile gu lèir an làn glac aig na Staide, agus,mar sin, chan eil cead aig ar muinntir air cocheannachda dheanamh. Tha taighean-tasgaidhagus an leithidean de aitreabh am pailteas againn•—mar a chì thu, gun teagamh, air do shon fèinmu'n ruith mòran aimsir seachad—ach tha iad souile an seilbh is fo bhuaidh na Staide, a tha oscionn a h-uile nì is neach anns an t-saoghal so,agus a tha riaghladh a h-uile gnothach—ge b'e airbith cho beag no mòr sam bi e—chum leas armuinntir air fad. Ach, cum daonnan air t'aghaidh,a charaid, eagal gu'n tuit sinn fo mhi-thlachd aigna freiceadan."Mar sin, ghabh sinn air ar n-aghaidh aon uaireile, is comhra gu math taitneach eadarainn ah-uile ceum de'n rathad. Ach, an ceann ùinebhig, se a thachair gu'n d'thuirt mo chompanachrium,"Feumaidh mi nis dealachadh riut car seal.Tha gnothach àraidh agam ri thoirt gu gniomhanns an taigh ud shuas nach gabh idir seachnadhair an àm. Ach, cha bhi mise ach mionaid no dhàair falbh bhuat. Lean thusa, matà, ri deanamhsraidimeachd gu tapaidh clis a suas sa sìos nasràide so, gus am bi mi air m'ais. Bidh mise choealamh agus is urrainn domh a bhi."Dh' fhalbh mo charaid; ach cha robh mise leamfèin ach ùine glè ghoirid, nuair a thug mi mothachadhdo dhithis Sheangan, is treud mhòr anabarrachbriagha de'n chrodh geal a chunnaic mi roimhrompa. Bha na Seanganan gan iomain air anaghaidh tre shràidean a'bhaile, agus rinn mise stadam choiseachd chum amharc orra. Is gann a rinnmi sud nuair a chuala mi fead àrd guaineach nanSeanganan làmh rium, agus an ath rud a dh'fhiosraich mi, b'e sin cleòca no brèid mhòr airchoreiginn gu math trom tiugh a chur mu in'cheann, agus mo ghiulan air falbh gu ro luatha lecuideiginn nach robh idir faicsinneach dhomh.RUARAIDH ARASCAIN IS MHAIRR.(R'a leantuinn.)


Moid Ha CloinneMòid ha Cloinne.£ HA iomadh bliadhna bho'n thòisich amfarum " Suas* leis a' Ghaidhlig " ri bhiàir eigheach air fad agus leud naGàidhealtachd, agus's iomadh dòighà bha daoine cur air chois airson nacrìche siiì a thoirt gu foirfeachd.Cha' n' eil teagamh sam bith agam nach' eil caochladhdhòighean 'g an cleachdadh aig an la 'n diughairson cùisean ar cànain a chur air bonn ceart, agusnach 'eil toraidhean niòrà leantuinn nan oidhirpeansin, ach's e mo bheachd mur bi 'Ghaidhlig air ateagasg gti Ceart do'n òigridh 's na sgoilteanGàidhealach nach bi adhartas a' chànain sin achbochd truagh agus gun bheatha. 'S e glè bheag'tha chuid as motha do'r Gàidheil a' saoilsinn do'iiGhaidhlig. '8 e chanas iad, "Tha Gaidhlig guleor againne. 'S e tha dhìth oirnn Beurla." Chà'iiurrainn cuid aca 'thuigsinn am feasd nach gabh a'Bheurla 'bhi air a h-ionnsachadh leosan aig nacheil ach a' Ghaidhlig ach troimh chladhan a' chànainsin air am bheil iad eòlach bho'n aige. Tha seanfhacalag ràdh, " An car a tha's an t-seana mhaide's duilich a thoirt às," agus ged do bheirte às e, 'sdòcha gu'm briseadh e 'n a dhà leth, agus mar sin,'s ceart cho math dhuinn leigeadh leis na bodaichagus na cailleachan agus ar smuaintean a thionndadha dh' ionnsuidh sgoilearan ar Gaidhealtachd,agu§ fiaèhainn dè ghabhas deanamh riu-san's à'chùis so.Cha d'thàinig an là beannaichte air ar sgoileanGàidhealach fhathast anns am bi maighstir-sgoileGàidhlig's gach gleann agus srath, agus fuaimeanbinn a' chànain sin air an uisneachadh ann a' bhiteagasg uile leasain an là. Ged nach d'thàinig'sionisidh maighstir-sgoile a th' againn's a' Ghàidhealtachd,agus faodaidh iad uile feum cubhaidh adhèanamh do'n Ghaidhlig ann a' bhi brosnuchadh.inntinnean na cloinne gu smaoineachadh. Faodaidhiad òrain Ghaidhlig a theagasg dhoibh, agustha fhios againn uile air an sùrd leis an seinn a'chlann na h-òrain sin, an coimeas ri fuinn bhliannan òrain Bheurla, nach 'eil iad gu ceart a' gabhailgu cridhe. Faodaidh iad cuideachd cuid de oibribhnan bàird Ghàidhealach a thoirt dhoibh airsonionnsachadh air an teangaidh, agus tha leabhranglè laghach, do'n ainm Dàin Thaghte air a chur amach leis a' Chomunn Ghàidhealach airson nacriche so. Cha'n 'eil maighstir-sgoile Gàidhliganns a' Ghàidhealtachd, tha mi Creidsinn, nach 'eilà' teagasg do'n chloinn am Biobull Gàidhlig a'leughadh, agus tha mi toilichte gu'm bheil " Dìleabi61ìns*àehaidh na Gaidhealtachd agus rian Eileanàin"(Highland and Islands Trust), a' toirt seachadduà% airson sin. Ma tha chlann fileanta ann anleughadh a' Bhiobuill Ghàidhlig far am fosgail e,cha dhroch sgoilearain Gàidhlig iad, agus tha e gutrie a' tachairt ma tha neach sgibealta ann anleugàdh cànain gu'm bi e math air a sgriobhadh aig


100 Moid na CloinneMoid na Cloinne 101an aon àm. Tha mi comasach air a ràdh bho'moidhirpean beaga fèin ann an teagasg sgriobhaidhna Gàidhlig, nach 'eil mòran saothair sam bith ann,sgriobhadh na Gàidhlig a theagasg do chlann aigam bheil i mar chànain mhaithreil. Na'm biodheadhon deich mionaidean de'n leasan Bhiobuillgach là air a chur air leth airson beachachadh airlitrichean na faclan, agus an dòigh anns am bheilcuid diubh air am briseadh sios troimh chleachdadh,cha b' fhada gus am biodh a chuid mhòir de'nchloinn gu math fileanta ann an sgriobhadh ancànain.Ma dh' fhaodas gach maighstir-sgoile Gàidhealachan uibhir so a dheanamh airson teagaisg naGàidhlig le ùghdarras agus cead Tighearnan Fhoghluiman Sassuinn, carson nach biodh Mòd beag aiggach aon aca 'n an sgoilean fèin. Cha chosgadh eùine's cha chuireadh e ann am fiachan iad, agusbheireadh e misneach mhòr do'n chloinn. Chabhiodh pàrant nach d'thoireadh dha sè sgillinn notasdan airson dhuaisean do'n chloinn, agus nachbu thaitniche leo uile oidhche chiuil a' bhi aca's a'chlachan, agus tasdan no ochd-sgillinn diag aphàigheadh airson sin, agus cha b'fhada gus ambiodh airgiod gu leòr an làmhan a' mhaighstirsgoileairson dhuaisean. Tha mòran mhinistearan'n ar Gàidhealtachd a bhiodh deonach agus toileachbreith a thoirt aig Mòd beag mar so, agusged do bhiodh na duaisean beag an toiseach agusna comh-fharpuisean tearc, 's ann a' tighinn ris abhiodh iad gach bliadhna. Bu ghlè mhath antoiseach tòiseachadh comh-fharpuisean 's nanithean a dh' ainmich mi mar tha, leughadh a'Bhiobuill, eadar-theangachadh bho Ghàidhlig guBeurla agus bho Beurla gu Gàidhlig, meomhair,seinn, agus's dòcha sniomh airson nan caileagan.'N uair a dh' fhàsadh a' chlann fileanta ann ansgriobhadh na Gàidhlig, dh' fhaodadh duais a' bhiair a' toirt airson sgriobhaidh litreach Ghàidhlig,no airson cunntais an Gàidhlig air cuspair sambith air am bheil a' chlann eòlach.Tha fhios agam gur cubhaidh gu'm bi gachmaighstir-sgoile Gaidhlig a' deanamh a dhleasdanais's a' chùis so, agus tha mi cinnteach nach 'eil dòighair an talamh is fheàrr airson blas a' thoirt do'nchloinn air a' Ghàidhhg, na na Mòid bheaga, agusduaisean beaga 'n an cois.I. N. M.


BUTH-LEABHRAICHEAN GAIDHLIG GHLASCHO.Folk Tales and Fairy Lore (Gàidhlig is Beurla), ... 6/0 postachd 4sgAm Fear-ciuil, Dàin, Orain, is Sgeulachdan, le Maceacbarn, 3/6 „ 4sgRobert Burns, Dàin is Luinneagan, esdar-theangaichtedo'n Gàidhlig Albaunach, ... ... ... 7/6 „ 4sgAn Gath Spioradail, le Lorenzo Scupoli, ... ... 1/6 „ lsgSàr-obair nam Bàrd, ... ... ... ... 2/3 „ 4sgCaraid nan Gaidheal, clo bhualadh ùr, N. Macleoid, ... 5/0 „ 5sgOrain is Dàin, le Donnachadh Bàn, clo-bhualadh ùr, ... 1/6 „ 3sgLaoidhean, le Peadair Grannd, ... ... ... 1/6 ,, 3sgClarsach an Doire, clo-bhualadh ùr, Niall Macleoid, ... 3/6 „ 4sgEisereigh na seann Chanain Albannaich, ... ... 2/0 „ 3sgLaoidhean is Dain Spioradail, le Murchadh Macleoid, 2/0 „ 2sgFilidh nam Beann, ... ... ... ... 6sg „ lsgLuinneagan Luaineach, le Coirneal Iain Mac-Ghriogair 3/6 „ 4sgDàin Iain Ghobha (dà leabhar: coimhlionta) ... 7/0 „ 6sgLaoidhean is òrain nan Gàidheal, le Mac-bheathainn, ... 2/6 ,, 4sgGaelic Psalmody, roghainnean, le Mac-bheathainn, ... 1/0 ,, 3sgThe Celtic Lyre (Gàidhlig is Beurla), ... ... 3/0 „ 3sgOrain Ghàidhlig, le C. R. Baptie, ... ... ... 1/0 „ 2sgCeòl nan Gàidheal, comhdaichte le tartan de shioda,Mac-an-t-saoir, ... ... ... ... 1/6 „ lsgAn t-Oranaiche, le A. Mac-na-ceardadh, ... ... 10/6 ,, 5sgDana Oisein Mhic Fhinn, fo làimh an Oll: Mhic-Lachlainn 2/0 ,, 3sgDàin is Orain, le Mairi Chamshron, ... 3/6 air 2/8 „ 3sgOrain Ghàidhlig,, le Uilleam Ros, ... ... ... 1/6 „ 2sgEachdraidh a'Phrionnsa, no BliadhnaThearlaich,clò-bhualadh ùr 5/0 „ 4sgNa Daoine Sidhe, is Uirsgeulan eile,comhla ri eadar-theangachadh gu Beurla, 1/6 „ 4sgGu'n d'thug i speis do'n Armunn, le Iain Mac-Cormaig, 1/0 „ 2sgCuairt an Eilthirich, le Iain Buinian, ... ... 1/6 „ 3sgBaxter's "Call to the Unconverted," ...\ an 1/0 „ 2sgBoston's "Four-fold State" (clo-bhualadhùr),/Gàidhlig 3/6 „ 4sgSgeulaiche nan Caol, le Iain Mac-Phaidein, ... ... 2/6 „ 3sgOiteagan o'n Iar, le Iain Mac-Cormaig, ... ... 2/6 „ 3sgNaidheachdan Fìrinneach ("Fionn"), dà leabLar, am fear 3/6 „ 4sgLeabhar nan Cnoc, ... ... ... ... 2/6 ,, 3sgEachdraidh-beatha Iosa Chriosda, leis an Urr :Iain Mac-Ruaraidh nach maireann 1/6 ,, 4sgNa h-Oidhchean Arabach (eadar-theangaichte gu Gàidhlig),'nantri roinnean (paipear), ... ... 3/0 ,, 5sgBìobaill, Leabhraichean-ùrnaigh, etc., air prìsean glè iosal.Cuir fios an diugh air a'Chlàr-leabhair againn. Tha e air a dheanamh a suas decheithir-taobh-duilleig-thar-fhichead, is gheibhear a nasguidh is saor leis a' phost e.So an Clàr is coimhlionta agus is fhèarr a th'ann.Alasdair Mac-Labhruinn agus a MhacLeabhar-reiceadairean Gaidhlig,360-362 SRAID NAN EARRAGHAIDHEAL, GLASCHO.3


Books for Scotsmen.•7THÈ CELTIC DRAGON MYTH, in Gaelic and English, Henderson, 6/0—postage 4dHISTORY OF THE HIGHLANDS OP SCOTLAND, Skene and Macbain, 4/0 „ *dTHE HIGHLAND CLANS: Their History and Traditions, Skene, 4/0 „ 4dTHE HIGHLANDERS OF SCOTLAND: Origin, History and Antiquities,Manners and Customs. New edition. In'2 vols 7/6 „ 6dHISTORY OF THE HIGHLANDS AND WESTERN ISLES, Gregory, 4/6 >'. ±dHISTORY OF THE HIGHLANDS AND GAELIC SCOTLAND, Mitchell, 12/6 6d.SHORT HISTORY OF THE HIGHLANDS AND WESTERN ISLES, Mackenzie, 5/0 ,. *dMANNERS, CUSTOMS, AND HISTORY OF THE HIGHLANDERS, Sir W. Scott, 1/9 » WSCOTTISH CLANS AND THEIR TARTANS, 96 full-page plates 2/6 4dSCOTTISH CLANS, SEPTS, AND REGIMENTS, 114 coloured tartan plates, 15 0 „ 6dFAMOUS BATTLES OF SCOTLAND. By Tytler. ... Special price, 1/0 3dHISTORY OF CLAN MATHESON. By A. Mackenzie. 2nd edition, 15/0 6dHISTORY OF CLAN LINDSAY. By Mackay. Now out of print, 16/0 „ 5dHISTORY OF CLAN CAMERON. By Mackenzie 25/- for 15 0 6dGLOOMY MEMORIES : or, Scottish Highland Clearances, Macleod, 1/0 „ 3dDEIRDRE : or, The Tale of the Cian Uisne. By John Garmichael, ... 3/6 » 3dEVIL EYE IN THE WESTERN HIGHLANDS. By R. C. Maclaggan, 3/9 *àPROPHESIES OF THE BRAHAN SEER. By Mackenzie. New edition ... 1/0 ., 3dHIGHLAND SUPERSTITIONS. By Alex. Macgregor. Cloth, gilt top, ... 2/0 „ 3dHIGHLAND STORIES OF SECOND SIGHT, DREAMS, CLAIRVOYANCE, &C, ... 2d „ idOLD SCOTTISH CUSTOMS, Local and General. By Guthrie,. 2/1 >. *dUNIQUE TRADITIONS OF THE SOUTH AND WEST OF SCOTLAND 1/6 IdTHE LAIRD OF LOGAN, Tales of Wit and Humour, 364 pages, 1/6 *dHUMOROUS AND AMUSING SCOTTISH READINGS. By A. G. Murdoch, ... 2/0 „ 4dESSAYS : The Old Highlands. Introduction by Neil Munro, 6/0 » *dTHE LITERATURE OF THE HIGHLANDS. By Magnus Maclean, M.A., ... 7/6 . 5dTHE LITERATURE OF THE CELT. By Magnus Maclean, M.A 7/6 ., 5dDAYS OF DEERSTALKING IN THE SCOTTISH HIGHLANDS, Scrope, 5/6 „ 5dSPORTSMAN'S AND NATURALIST'S TOUR IN SUTHERLAND;-^. John, 2/6 „ 3dLIFE AND TIMES OF PRINCE CHARLES STUART. By A. C. Ewald, 1/9 ,. 3dSONGS AND TALES OF ST. COLUMBA AND HIS AGE, 6d „ IdFEAROHAIR-A-GHUNNA, the Ross-shire Wanderer, paper cover, 10 „ 3dLYRA CBLTICA: an Anthology of Celtic Poetry. E. A. Shaiye, 6/0 4dPOEMS OF OSSIAN, English translation. By James Macpherson, 2/0 3dTHE CENTENARY OSSIAN. Notes. Edited by Fionna Macleod, 5/0 „ 4dSONGS AND POEMS OF ROB DONN. New edition. By Hew Morrison, 6/0 5dSCOTTISH SONGS. Staff, piano accompaniments, 2/6. In tartan, 3/6 „ 4dPIPING FOR BOTS. A piper's primer to learn the bag-pipes 1/6 ,. 3dMaclan's COSTUMES OF THE SCOTTISH CLANS, 74 plates, 6/0 IdMaclan's HIGHLANDERS AT HOME, 24 plates A great work, 6 0 „ 4dHately Wnddell's PSALMS IN BRAID SCOTS, 1/6 » 3dA GUID ANGLO-SCOTS DICTIONARY, bound in tartan, 2/3 2dJamieson's DICTIONARY OF THE ANGLO-SCOTTISH LANGUAGE, new ed., 12/6 7dGaelic and English Dictionaries and Grammars.We have these at all prices. Full details of these and many other books not mentionedhere, will be found in our Catalogue of Highland and Gaelic Books, which willbe sent to you free on receipt of address.ALEX. MACLAREN & SON,General Booksellers,360 and 362 ARGYLE STREET, GLASGOW.Air a churam machDeasgu leughadhAn Cath SpioradailLe LORENTZO SCUPOLI.Leugh na tha na paipearan ag radh m'a thìmchìoll." The translation is a masterpiece. The Gaelic is excellent throughout, theorthographyand the grammar being all that could be desired. The book is inshape and size handy enough to be quite conveniently carried in the pocket."—Highland News." We have no doubt the work will meet with a hearty reception. It is clearlyprinted on good paper, in a handy size for the pocket."—Glasgow Evening Times" This translation is careful and scholarly, the rendering being throughoutinto idiomatic and readable Gaelic. The Book is neatly got up, and reflectscredit on writer and publishers alike."— Aberdeen Journal." It is a valuable addition to Gaelic literature. . . . It is admirable reading,and should receive the support of all Gaelic readers."—The Buteman." The Gaelic of this little volume is pure and idiomatic. The translation hasbeen faithful to the Latin original, and under the distinguished editorship ofRuairidh Arascain is Mhàirr, the Scottish Catholic Press has issued at themodest price of Is. 6d., a volume which ought to be of interest to all Gaels-Catholic and Protestant alike—who love a language, which lends itself, as dofewothers, to the aspirations of devotion."—Argyllshire Herald." The Gath Spiomdail is a good little book, which anyone might read withadvantage; and it is pretty sure to have a wide class of readers amongstCatholics and Protestants."—Oban Times.A phrìs, aon tasdan is sè sgillinn, no sè cents-deug tharfhichead, am fear, saor leis a' phost.CUIR FIOS AIR SON FIR AN DIUGH FEIN.Faodar a cheannach, mar an ceudna, bhoA. MAC-LABHRUINN AGUS A MHAC,360-363 Sraid nan Earraghaidheal, Glascho.Tiodhlac na's fearr agus na's Freagarraiche air son caraid thall no bhoschan eil ann.AN CLO-CHLAR CAITLIGEACH26 AN T-SRAID ARD, PEAIRT.


-i — Mr* ~ tri&KCrIGuTH NA BLIADHN,Leabhran raitheil da=theangach.Is e cuspair an leabhrain so cùisean cudthromach an là'n diugh, achum tairbhe nan Gàidheal, a dheasbud. Tha sin ga dheanamh Idà chuid an Gàidhlig sam Beurla nan Sasunnach.Bu chòir do gach neach a tha cur UIGH anns a' Ghaidhealtachd isa' Ghàidhlig an leabhran so a leughadh do ghnàth.Tha còrr is ceud taobh-duilleig anns an leabhran ainmeil so istè dhiubh a' giùlan nan smuaintean is luachmhoire anns a' chainntealanta.Tha GUTH NA BLIADHNA air a chur am mach uair san ràithe, agi a' phrìs bhliadhnail 5s., no $1.24 saor leis a'phost.Ach faodar a cheannach aig ceann gach ràithe bho leabhar-reiceno bho reiceadair phaipear-naidheachd.1" Boston " Plain,Check, andStriped CottonElastic, Is p. pairPliln Silk, 2sP- pair.Postage id]Wr pairextni.If umlilo to obtainfrom jour liosta'5write toTHE VEVET GRIPHachmn/Ra. Workstorman, fr.EH A R D Y ' SBROMPTONCONSUMPTIONANDCOUGH SPECIFIC.Slanuigbear anSGAMHAIN.An aghaidh Casdaich A' Chnatatn, agusQalalr Cleibh. 'Bheir e faothaohadh grad agus leigheascinnteach. Fhuair e nUdh'Sdr ITo£2Lèighean an coitcheannas." B' ann leli°'* s" ARF Y (A bha Uair an SpUled.te S "- nad t Air Mibhaidh a' chungaldffso aaP" 2/9 aigìeTs h a";hos? Ungaidh n ° »° ?HARDY SBROMPTON COUGHLOZENGES.°"- lh c h u . n 8 a i d h a B"s a' chungaidhcheart^ air a reic am bocsain a mhaincha'nann idir am pasgain. Bidh gachfe an & a shu ? i ?««U> «> teisteas £eltììLDepot—42AlrTijLÌLLANFUAE RADHHAR DYWaterloo Road, 8.E.Air a ghabhail leis na mor-uaislean. "Air a reia anns gach buth a Of aig BOOT.O L A R - A M A I S(An Geamhradh, 1911).EIRINN IS ALBAINN.AM FEARANN AGUS CISEAN, LB A. M. E.CKOL-SEINN NA TUATHA, LE C. M. P.THE SCOTTISH NATIONAL DRESS, BY THE HON. R. ERSKINE.COMHAIRLE AN ATHAR CEANNT, LEIS A'CHRAOIBHIN AOIBHINN.AN STAID GHAIDHEALACH, LB RUARAIDH ARASCAIN IS MHAIRR.THE ANCIENT FAITH OF THE WELSH, BY THEREV. FATHER THOMAS P. KANE, S.J."ANCOILEACH CRAOBHACH."A GOOD GAELIC SOCIETY.CORRESPONDENCE." Guth na Bliadhna has the saving grace of never being dull."—Oban Times." Fascinating reading."- Highland News." The articles throughout are of great interest and brilliantly written."—AhJournal," The Editor of Guth na Bliadhna has enlisted the services of a body of contrlbIOF marked ability. They are doing yeoman service in forming public OPINIODundee Advertiser." Is gasda e ri leughadh o'n cheud dhuilleig gus an tè mu dheireadh."--Oban 1News." Guth na Bliadhna is, I have no hesitation in saying, superior to all the Iperiodical literature at present being published. It is impossible not to recognlsadmire the virility of its articles."— Q " in Stirling Sentinel.G U T H N A B L I A D H N A ]Air a chur am mach leAONGHAS MACAOIDH, 43 Murray Place, StruibiLuchd-deanamh Cocoa agus Chocolate, fo ughdarrasSonrulchte—'DO'N RIGH.D 0,NBHAN-R1QH.agus DO PHRIONNSA NA CUIMRIDH.PURE CONCENTRATEDHioeocuair lead i, no an aidh dèidh bharrall obair"hUa iSOMU ThVVjuS NLININN« N, ?» I. a^ , Il s beothachadh, na coluinnS^ìfflrYlSSffi rraid mhoir a ifi 0^ftftU&"£tìE^Jff air.' SO n.?!Mn 6 FFLA*T? JfcJfi «S-» su. * air •* a„Bu Luchd-deanamh iadDO'N RICH, OO'N BHAN-RICH, 00 PHRIONNSA NACUIMRICH,AGUS DO'N T-SLUAGH, AM FAGUS AIR 200 BLIADHNA.


" Saoil an deanadh Hall'sWine math air bithdhomhsa ?Chi mi gu'm bheil mòran iomraidh air; achcha'n 'eil fhios agam co-dhiùbh tha no nach'eil èifeachd ann."^Sin na chuala lèigh a tha 'na charaid do HALL'S WINE, beauuasalag ràdh an là roimhe'; agus an uair a bha e 'ga innseadhdhuinne, ars esan: " Tha e our ionghnaidh orm uiread de dhaoined'an deanadh HALL'S WINE sàr chòmhnadh 'nan càs, na'n rachadhiad m'a cheannach 's m'a ghabhail.So agaibh cliù HALL'S WINE. Fhuair e dearbhadh a sheas còrr is ficheadbliadhna. Tha e air aideachadh le lèighean agus le mnathan-altruim gurmìorbhnileach mar chungaidh-leighis e a dh' aiseag slàinte do'n choluinnbhreòite, fhann. Tha sinn 'ga thoirt am folluis mar so, cha'n e mhàin achum buannachd dhuinn fèin, ach a chum leas an t-sluaigh gu coitcheann,mar an ceudna. Ach, ged is e an dearbh fhìrinn a tha sinn ag innseadh,tha iad ann nach dean uiread is aon bhotul a dh' fheuchainn, ged is mòram feum air.Feadhainn tha fann, airtneulach a ghnàth. Feadhainn aig am bheil fuilthana. Feadhainn nach 'eil a' faighinn an Bàth cadail. Feadhainn a thaa ghnàth iomagaineach. Feadhainn nach urrainn am biadh a chnàmh guceart. Fanaidh iad mar tha iad fo'n luchd dàlais, nuair nach 'eu aca r'adheanamh a chum togail a chur fodhpa, ach fios a chur air tòir botuilde HALL'S WINK.Nochdaidh a' cheud làn gloine de HALL'S WINE an cumhachd a th' ann.Feuch thusa e. Iarr am botul mòr ùr air 3/6. 'S e is fearr agus is saoire.89, HALL'S WINE, Bow, LONDON.Clo-bhuailte le MILHK, TANKABILL IS MBTBTEN, Crois an Eich, Peairt.

Hooray! Your file is uploaded and ready to be published.

Saved successfully!

Ooh no, something went wrong!